Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: Goireasan bho Stòrlann

Goireasan

Tha goireasan Stòrlann air an roinn ann an trì prògraman:

  • goireasan àrd-sgoile airson Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh agus fileantaich)
  • goireasan àrd-sgoile airson chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig
  • goireasan airson nan tràth-ìrean agus bun-sgoile

Corra uair tha Stòrlann a’ gabhail phròiseactan os làimh do bhuidhnean eile agus tha a’ bhuidheann air stuthan a dheasachadh san dòigh seo do dh’inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.

 

Gaelic Education

 


Call na h-Iolaire





Notaichean an Tidseir


Tha Leugh agus Leasaich a’ toirt cothrom leasachadh a dhèanamh air BALACH NAM PAIDSEAMAS SHRIOPACH le JOHN BOYNE anns na sgilean a leanas:
• leughadh
• èisteachd agus labhairt
• sgrìobhadh
• eachdraidh


Icon: PDF Leugh agus Leasaich

WW2

Chaidh an goireas eadar-chuspaireil seo a chruthachadh airson taic a thoirt do luchd-teagaisg an cuspair seo a lìbhrigeadh le clasaichean 4-7 sa bhun-sgoil. Tha planaichean agus goireasan feumail ann a tha a’ ceangal ris na cuspairean a leanas: A’ planadh Cuspair,  Aig an DachaighFògradh ChloinneAnne FrankAm BlitzPrìosanaich Cogaidh, Obair nam MnathanLatha a’ Chuimhneachaidh.

www.storlann.co.uk/an-darna-cogadh

 

'Smathsin - Gaelic Comic

St�rlann Language Resources

Fileanta - cruinneachadh ùr de stuthan a tha freagarrach airson N4/5 Gàidhlig a theagasg.

Feuch gun toir sibh sùil air làrach-lìn Fileanta – an cruinneachadh ùr de stuthan a tha freagarrach airson N4/5 Gàidhlig a theagasg. Tha stuthan air a dhol air-loidhne an-diugh, tuilleadh ri dhol air-loidhne ro dheireadh an Lùnastail agus na stuthan a leanas thairis air an ath teirm no dhà!

  • Aonad-obrach N5/AI: Na Klondykers (N5/AI)
  • Aonad-obrach air an Sgeulachd ghoirid (sgeulachdan bho ‘Chaogad san Fhasach’, D I MacÌomhair)
  • Aonad air dràma do sgoilearan Gàidhlig N4 agus N5
  • Pasgan air Gràmar/Cànan airson Ìrean N4 agus 5.
  • Aonad air ‘Fo Sgàil an Swastika’, D I MacDhòmhnaill * tha seo nas freagarraiche aig ìrean AI/AIA.

Cuimhnichibh cuideachd… post-d gu oifis@storlann.co.uk ma tha ceistean sam bith agaibh mun chruinneachadh!
www.storlann.co.uk/fileanta

Graphic: Bi Sunndach agus Seinn

Ann an leabhar-ciùil Bi Sunndach agus Seinn tha 34 òrain, rannan agus geamannan a chaidh a dhealbh gus ùidh chloinne de gach ìre comais a thogail agus am brosnachadh.

Ged a tha mòran de na h-òrain ùr, tha cuid ann air a bheil sinn eòlach agus measail, nam measg 8 òrain thraidiseanta ann an nòs ùr.

Le bhith a’ gabhail pàirt anns na geamannan ciùil spòrsail seo, ionnsaichidh clann sgilean ciùil bunaiteach leithid a bhith ag èisteachd, a’ gabhail cothrom mu seach, a’ cumail na buille, a’ faireachdainn ruitheam agus a’ fàs mothachail air pitse.


Freàm Cànain

Chaidh Frèam Cànain a dhealbh gus structar a thoirt do ionnsachadh na Gàidhlig le sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig nach eil i mar chiad chànan. Tha e a’ gabhail a-steach gach ìre o sgoil-àraich gu àrd-sgoil. 

Chaidh ullachadh air iarrtas, agus le taic, thidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile.

Icon: PDFFreàm Cànain



IntoFilm - Seachd: The Inaccessible Pinnacle

Tha Stòrlann air taic a thoirt do IntoFilm le goireasan foghlaim ùra Gàidhlig a tha stèidhte air an fhilm ‘Seachd: The Inaccessible Pinnacle’.

Tha na goireasan ag amas air a’ Bhun-sgoil (dàrna ìre: P4-7) agus an Àrd-sgoil (an treas ’s an ceathramh ìre: AS1-4) le fòcas air diofar chuspairean:

Bun-sgoil:

  • Ag innse sgeulachdan
  • Na fuadaichean
  • An sgìre mun cuairt
  • Uirsgeulan

Àrd-sgoil:

  • A’ rannsachadh saoghal Seachd
  • Dearbh-aithne tro fhilm
  • Dàimhean agus sunnd

Am measg nan goireasan tha notaichean an tidseir, taisbeanaidhean PowerPoint anns a bheil cliopaichean bhon fhilm, agus duilleagan-obrach, ann an Gàidhlig agus Beurla. Faodar goireas na h-Àrd-sgoile a chleachdadh cuideachd airson luchd-ionnsachaidh ullachadh gus Seachd a chleachdadh mar theacsa ann am measaidhean nàiseanta ’s iad a’ dol a-steach dhan Ìre as Àirde.

Gheibhear air na goireasan a luchdachadh a-nuas aig //www.intofilm.org/seachd-gaelic-resource



 

PE Posters

13 Postairean Eòlas Corporra

’S e Daydream Education a dh’fhoillsich na postairean seo ann am Beurla mar ghoireas teagaisg do thidsearan Eòlas Corporra agus bha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig uabhasach toilichte cead fhaighinn am foillseachadh ann an Gàidhlig. Tha iad stèidhichte air cuspairean a tha nam pàirt den churraicealam airson Eòlas Corporra sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil. Tha iad air an dealbh le ìomhaighean agus grafaigean a tha dathach, tarraingeach, agus chan eil teagamh nach cuidich iad le ionnsachadh agus le bhith a’ brosnachadh ùidh na cloinne, chan ann a-mhàin ann an Eòlas Corporra ach, cuideachd, ann an Slàinte is Sunnd.

Tha Stòrlann air am foillseachadh ann an dà mheudachd, A2 agus A3. Tha na postairean A2 gu sònraichte freagarrach airson a bhith gan cleachdadh san gym agus bidh an fheadhainn nas lugha freagarrach airson an taisbeanadh sa chlasrum agus air ballaichean trannsaichean na sgoile.

Tha sinn gu mòr an dòchas gun còrd an goireas ris na tidsearan agus ris na sgoilearan agaibh. Tha Stòrlann a’ cur fàilte air beachdan no iarrtasan bho thidsearan no sgoilearan; gabhaidh fios a chur thugainn uair sam bith aig oifis@storlann.co.uk no air 01851 700 880.


Tobar an Dualchais

Stiùireadh air clàran a gheibhear air Tobar an Dualchais

Le còrr is 33,000 clàran air-loidhne (21,705 dhiubh anns a’ Ghàidhlig) air iomadach cuspair co-cheangailte ri dualchas na h-Alba, ’s e goireas air leth a th’ ann an Tobar an Dualchais a dh’fhaodadh a bhith feumail aig diofar ìrean den sgoil. Tha na clàran, a chaidh a thogail bho na 1930an gu 2005, a’ tighinn bho trì chruinneachaidhean: Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann); Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Alba. Nam measg tha sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh de gach seòrsa.

Air sgàth ’s gu bheil uibhir air an làrach-lìn, ge-tà, tha e a’ cosg ùine do thidsearan clàran a lorg a tha freagarrach a thaobh cuspair, ìre cànain, aois a’ chlas agus mar sin air adhart agus tha seo uaireannan a’ cur bacadh air tidsearan, a tha gu math trang, bho bhith ga chleachdadh. ’S ann airson an t-suidheachadh sin a leasachadh a chaidh an earrann seo a dheasachadh, le taghadh de chlàran air diofar chuspairean agus aig diofar ìrean den bhun-sgoil agus àrd-sgoil. Chaidh na cuspairean a thaghadh às dèidh còmhraidhean le tidsearan...

www.storlann.co.uk/tad

 


Gaelic Giglets AdvertTha Giglets Gaidhlig uaireannan ainmeil agus uaireannan nan leabhraichean clasaigeach an �mpis a dhol air dh�ochuimhne, a tha air an ath-chruthachadh agus air an atharrachadh airson luchd-�isteachd an latha an-diugh.

 


Stòrlann Viking Resource

Na Lochlannaich

Tha còrr is mìle bliadhna bhon a dh'fhairich Alba smachd nan Lochlannach.

Aig an àm sin, chaidh an ainmeachadh mar dhaoine cumhachdach, feargach agus eagallach. Mìle bliadhna air adhart 's chan eil dealbh slàn againn fhathast de na Lochlannaich.

Chaidh an goireas seo a chruthachadh airson 's gun ionnsaich thu mu na Lochlannaich ann an dòigh tharraingeach. Leugh tuilleadh...

 

 

 


Icon: MP3Èist!

Tha Fo Bhruid agus feadhainn de na sgeulachdan goirid à Eadar dà Sgeul againn a-nis nam faidhleachan claisneach so-luchdaichte no sruthach. Tha cuid dhiubh air an leughadh leis na h-ùghdarran fhèin.

 


Leabhraichean-d

Image: Kindle

Tha leabhraichean-d a-nis rim faighinn airson Leughadairean-d agus innealan Kindle. Gabhaidh Kindle airson PC a luchdachadh a-nuas.

 

 


Graphic : Characters from Stòrlann resources

Graphic: FF correction