
National Geographic - Obair nan Ceallan
Tha an t-sreath Obair nan Ceallan a’ mìneachadh nan siostaman aig ceithir diofar sheòrsaichean de cheallan: craiceann, fèith, fuil agus cnàimh.
Tha gach leabhar ag amas air seòrsa cealla fa leth agus mar a tha e ag obair sa bhodhaig, ach tha na h-aon phrìomh bhun-bheachdan tarsainn nan leabhraichean gus aire nan oileanach a tharraing gu na beachdan mòra.
Tha an cuspair a’ rannsachadh mar a nì ceallan fallain obraichean sònraichte ann am bodhaig duine gus a chumail beò.
Cleachdaidh oileanaich an t-susbaint agus am briathrachas sònraichte anns gach leabhar gus na beachdan mòra, no prìomh bhun-bheachdan seo a dheasbad agus a sgrùdadh.
Tha na leabhraichean freagarrach air dàrna ìre na bun-sgoile.