
Cànan agus Cleas
Anns an leabhar mòr seo tha eisimpleirean de dhiofar sheòrsachan sgrìobhaidhean a ghabhadh cleachdadh leis a’ chloinn ann an iomadach dòigh. Seasaidh an leabhar leis fhèin ach tha barrachd ri fhaighinn às le bhith ga chleachdadh leis na notaichean.
Aig a h-uile ìre tha beachdan ann air dòighean còmhraidh na cloinne a thoirt air adhart.
Dòighean-obrach airson co-sgrìobhadh:
Tha an tidsear na ‘modail’ dha na sgrìobhadairean òga. Tha i sealltainn nan smuaintean a bhios aig sgrìobhadair nuair a tha aice ri pìos sgrìobhaidh a dhèanamh leis mar a bhios e:
- A’ planadh
- A’ cur cruth air teacsa
- A’ taghadh fhaclan agus a’ sgrìobhadh ann an seantansan
- A’ toirt sùil eile air na sgrìobh e agus ga atharrachadh
Airson seo a mhìneachadh tha notaichean gu math mionaideach ann airson cuid de na pìosan sgrìobhaidh. Dh’fhaodar na h-aon dòighean a leantainn airson nam pìosan eile.
Tha e gu math cudromach aig gach ìre gum faigh a’ chlann cothrom bruidhinn air na tha iad a’ dol a sgrìobhadh mus cuir iad peann ri pàipear.
Tha Duilleagan-obrach ann airson taic a thoirt dhan a' chloinn leis an sgrìobhadh aca. Tha iad seo furasta an dèanamh nas duilghe no nas fhasa a rèir comais na cloinne.