Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Mar a chuala mise e

Co-obrachadh eadar Alba is Èirinn airson 'Mar a chuala mise e' fhoillseachadh.

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus a’ Chomhairle airson Curraicealam, Deuchainnean & Measadh (CCEA), air a bheil uallach airson goireasan foghlam Gaeilge ann an Èirinn a Tuath, air co-obrachadh gus goireas foghlaim tlachdmhor fhoillseachadh air a bheil ‘Mar a chuala mise e’ – cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta air an ath-innse.

Chaidh coimisean a thoirt do aon sgrìobhadair à gach dùthaich aig an robh  eòlas air sgeulachdan agus foghlam.

Chaidh gach leabhar fhoillseachadh anns an aon chruth, leis na h-aon dealbhan agus sgeulachdan, ach ann an cànan gach dùthcha, Gàidhlig agus Gaeilge.

Leis na dlùth-cheangalan follaiseach anns na leabhraichean, togaidh Mar a chuala mise e gu aire clann-sgoile cho coltach ’s a tha dualchas an dà dhùthaich.

Anns a’ chruinneachadh, tha a’ mhòr-chuid dhe na sgeulachdan à Alba agus Èirinn. Cuideachd, chaidh sgeulachdan eadar-nàiseanta a thaghadh airson sealltainn gum bi sgeulachdan a’ siubhal air feadh an t-saoghail. 

 

Dràma

Mar leudachadh air an leabhar Mar a Chuala Mise E, tha sinn toilichte toradh a’ cho-obrachaidh againn còmhla ri Fèisean nan Gàidheal a thoirt thugaibh.

Anns a’ faidhle Sgeulachd gu Dràma gheibh sibh stiùireadh air a chur ri chèile airson beachdan a thoirt do thidsearan air mar a ghabhas sgeulachd, pìos bàrdachd, òran, artaigil naidheachd, stòras eachdraidheil, earrannan bhon Bhìoball no eile a thoirt às a chèile agus ath-chruthachadh mar phìos dràma a bhiodh freagarrach airson dealbh-chluich clas/sgoile.

Tha sgriobtaichean dràma ann cuideachd a rinn Fèisean nan Gàidheal airson nan sgeulachdan seo à Mar a Chuala Mise E: Àireamh Muinntir Fhinn is Dhubhain; Babushka; Bodach an t-Sìlein Eòrna (1&2); Fionn MacCumhail agus Fuamhaire Mòr na h-Alba; Labhraidh Loingseach; MacCodruim nan Ròn agus Moilidh Chalma.

Tha iomadh dòigh air dràma a dhèanamh de sgeulachd is bu mhath le Fèisean nan Gàidheal is Stòrlann cluinntinn bhuaibh ma tha beachdan no molaidhean agaibh!

Feisean nan Gàidheal-CEA-Stòrlann Logos CEA Stòrlann

 

Icon: PDFNa faidhlean uile còmhla mar 'portfolio' Kintting illustration

Icon: PDFSgeulachd gu Dràma

Icon: PDFÀireamh Muinntir Fhinn is Dhubhain

Icon: PDFBabushka

Icon: PDFBodach an t-Sìlein Eòrna 1Thatched cottage

Icon: PDFBodach an t-Sìlein Eòrna 2

Icon: PDFFionn MacCumhaill agus Fuamhaire Mòr na h-Alba

Icon: PDFLabhraidh LoingseachCockerel Illustration

Icon: PDFMacCodruim nan Ròn

Icon: PDFMoilidh Chalma


Notaichean an Tidseir

Graphic: Mar a chuala mise e - Teacher's Notes


Mar a chuala mise e - Notaichean an Tidseir
(PDF - 2MB)


 

Leabhraichean-d

Image: Kindle

Tha leabhraichean-d a-nis rim faighinn airson Leughadairean-d agus innealan Kindle. Gabhaidh Kindle airson PC a luchdachadh a-nuas.

Mar a Chuala mise e epub (Leughadairean-d)
Mar a Chuala mise e mobi (Kindle)

 



Graphic: FF correction