A' Chiste-chiùil

Prògram de ghnìomhan ciùil agus trèanadh ann am buidhnean Gàidhlig ron-sgoil

A' Chiste-chiuil montage

Tha sinn an dòchas le bhith a’ fosgladh na ciste-ulaidh seo gun gabh thu fhèin agus a’ chlann còmhla ris am bi thu ag obair ceum a-steach a shaoghal mìorbhaileach a’ chiùil. Le bhith ag obair tro na seiseanan bidh thu ag ionnsachadh còmhla ris a’ chloinn agus gheibh thu misneachd mar stiùiriche ciùil.

Seo an cothrom agad cluich gu ceart le ceòl. Chan eil sinn a’ sùileachadh gun nochd fear-ealain leithid Phicasso ’s e coileanta o thùs; dh’fheumadh e tòiseachadh le sgròbadh, agus ionnsachadh mu bhuaidh-astair.

Air an aon dòigh chan urrainn dhuinn sùileachadh gum bi clann nan luchd-ciùil iongantach agus nan seinneadairean brèagha mura bheil iad air cothrom ceart fhaighinn cluich leis an stuth amh an toiseach.

Tha a’ mhòr-chuid den phasgan seo stèidhte air an stuth sgoinneil a dh’fhoillsich Còisir Nàiseanta Òigridh na h-Alba, stèidhte air obair Lucinda Geoghegan; gu sònraichte na leabhraichean Singing Games and Rhymes for Early Years and Singing Games and Rhymes for Tiny Tots.

Tha seinn agus rannan sònraichte math airson taic a chur ri ionnsachadh cànain. Air an aon dòigh ’s a chòrdas an sgeulachd as fheàrr leotha ri clann a-rithist agus a-rithist, bidh iad airson an aon òran a sheinn (gu sònraichte ma tha geama na chois). Anns an dòigh seo togaidh iad briathrachas agus blas math gun for a bhith aca gu bheil iad ag ionnsachadh.

Nuair a bha sinn a’ taghadh agus ag atharrachadh stuth airson a’ phasgain seo, dh’fheuch sinn ri dèanamh cinnteach gu bheil an cànan a tha sinn a’ cleachdadh freagarrach airson clann òg.

Tha an-còmhnaidh deasbad ann mun dòigh anns am bi faclan air am fuaimneachadh agus cuideachd mun bhriathrachas a bhiodh freagarrach airson a’ mhòr-chuid de sgìrean Gàidhlig. Chan eil aon bheachd deimhinnte ann agus faodaidh tu an stuth seo atharrachadh no cur ris mar a fhreagras ort fhèin. Chan fhada gus am bi thu a’ sgrìobhadh nan òran agad fhèin, aon uair ’s gu bheil na blocaichean agad leis an tog thu. Cùm lorg air na stuthan ùra a nì thu agus roinn iad air do cho-obraichean.


Christine Ritchings
Co-òrdanaiche Tràth Bhliadhnaichean agus For-ruigheachd
Young Musicians Hebrides

Leabhran na Ciste-chiùil

Luchdaich a-nuas PDF

Tro cheòl, tha cothroman luachmhor aig luchd-ionnsachaidh a bhith cruthachail, agus brosnachadh agus tlachd fhaighinn. Bidh cluich agus cruthachadh ciùil nam prìomh ghnìomhan airson an luchd-ionnsachaidh gu lèir.


Tro na gnìomhan sin, leasaichidh iad na sgilean aca a thaobh guth agus ionnsramaidean, rannsaichidh iad fuaimean agus bun-bheachdan ciùil, agus cleachdaidh iad am mac-meanmna agus an sgilean gus beachdan agus sgrìobhadh ciùil a chruthachadh.


Bheir iad leasachadh a bharrachd air an tuigse agus an comas tlachd fhaighinn ann an ceòl le bhith ag èisteachd ri ceòl ga chluich agus a’ toirt beachd air.

 

Graphic- A' Chiste Chiuil

 

Faidhlichean fuaim

Rannan / Rhymes

Òrain / Songs

 

 

Ag Obair le Òrain

Bhidiothan le stiùireadh air mar a chleachdas tu an goireas

Cuimhnich gur e eisimpleirean a tha seo air mar a ghabhas a’ chiste-chiùil a chleachdadh agus nach ann gu h-àraidh airson cànan a theagasg a tha iad.

Singing group


A’ Glacadh Rionnach

Dà rionnach mòr a’ leumadaich san lìon
Boig, boig, boig, boig
Dà rionnach mòr a’ leumadaich san lìon
Boig, boig, boig

(Ceithir rionnaich, Sia rionnaich... )

Image - 2 Mackerel