Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book

Content on this page requires a newer version of Adobe Flash Player.

Get Adobe Flash player

Dreuchdan Bàn


Oifigear Leasachaidh


ATH-SHANASACHD (cùmhnant geàrr-ùine 24 mìos)

TUARASTAL £30,861 – £32,763 is Cuibhreann nan Eilean (far a bheil e iomchaidh)

 

Tha Stòrlann a' cur taic ri foghlam Gàidhlig gu nàiseanta, gu sònraichte le bhith a' co-òrdanachadh ullachadh agus sgaoileadh ghoireasan-teagaisg. Tha prìomh oifis Stòrlann ann an Leòdhas ach tha cuid den sgioba ag obair ann an àiteachan eile air feadh Alba.

Thathar an-dràsta a' sireadh neach-obrach comasach agus dealasach a bheir prògram baranatachaidh ghoireasan airson teagasg Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil gu buil le bhith:

  • a' cumail conaltradh ri tidsearan, ùghdarrasan agus buidhnean eile airson feumalachdan ghoireasan a nochdadh
  • a' co-òrdanachadh cinneasachadh ghoireasan a rèir slatan-tomhais iomchaidh
  • a' cur ri prògraman CPD airson taic a chumail ri tidsearan ann a bhith a' dèanamh làn-fheum de ghoireasan

Thathar a' sireadh thagraichean a tha fileanta sa Ghàidhlig le sar sgilean rianachd agus conaltraidh. Bu chòir eòlas a bhith aig tagraichean air IT. Tha cead-dràibhidh deatamach.

Graphic : Map of Scotland showing Stòrlann officesTha pasgan fiosrachaidh agus foirm iarrtais rim faighinn air an duilleig seo, no le bhith a' cur fios air Mairead NicIlleathain. Ma tha sibh airson bruidhinn air rud sam bith co-cheangailte ris an dreuchd seo, nach cuir sibh fios air Johanna Marshall Ceannard Stòrlann.

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, 11/12 Acarsaid, Cidhe Sràid Chrombail, Eilean Leòdhais HS1 2DF.

Fòn: 01851 700 880
Post-d: oifis@storlann.co.uk

Ceann-latha airson iarrtasan: 3 Sultain 2010

Icon: Word Document Foirm Iarrtais Obrach

Icon: Word Document Sònrachadh Pearsa

Icon: Word Document Tuairisgeul dreuchd

Icon: PDF Foirm Co-ionannachd Chothroman


Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction