
Cathie NicIain a’ leigeil seachad a dreuchd
10 An t-Ògmhios 2008
Tha Cathie NicIain, Ceannard Bun-sgoil Chondorrat, a leigeil dhith a dreuchd aig deireadh na mìos. Tha Cathie, a bhuineas do dh’Ìle bho thùs, air a bhith na cùl-taice do Stòrlann bhon a chaidh an companaidh a stèidheachadh, mar bhall den phrìomh bhuidheann chomhairleachaidh agus iomadach pannal eile air pròiseactan bun-sgoile agus taic-ionnsachaidh. Bha i cuideachd gu mòr an sàs ann an Co-labhairt na ‘Cuisle’.
Anns an dealbh chithear Cathie còmhla ri Jim Whannel bho Bhòrd Stòrlann agus Màiri Kidd, Ceannard na buidhne, a thug dhi tiodhlac airson an latha mòr a chomharrachadh, agus dùrachdan a’ Bhùird agus an luchd-obrach. Ged a thathar cinnteach nach bi Cathie na srainnsear, thathar a’ guidhe gach toileachas agus beannachd do Chathie san àm ri teachd.