
Làrach-lìn ùr
02 Màrt 2009
Tha làrach-lìn ùr aig Ionnsachadh agus Teagasg Alba – Leis an Airgead – air am faigh sibh goireasan a tha a’ dol còmhla ris an eadar-theangachadh den leabhar, On the Money.
Tha ceithir stòiridhean anns an leabhar ùr seo, Leis an Airgead, a chaidh an sgrìobhadh le Teresa Breslin, Jonathan Meres, Nicola Morgan agus Alison Prince. 'S e an dòigh anns a bheil clann a' làimhseachadh airgid an cuspair a th' annta uile.
Tha àireamhachd agus litearachd air an toirt còmhla ann an dòigh ùr nach deachadh a chleachdadh riamh roimhe ann an Alba. Thèid Leis an Airgead a thoirt dhan na sgoiltean air feadh Alba saor an asgaidh.
Thàinig Standard Life, Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus Urras Leabhraichean Albannach còmhla gus an leabhar seo a chur an clò. Tha na stòiridhean airson taic a thoirt do chlann bun-sgoile ann a bhith a' fàs fiosrach mu airgead agus gum bi iad comasach air airgead a làimhseachadh mar inbhich. Bheir seo cothrom do na sgoilearan a bhith a' cleachdadh bun-bheachdan airgeadais ann an dòigh cruthachail agus spòrsail.