
Goireasan ùra
16 Ògmhios 2009
Thàinig sgoilearan bho Bhun-sgoil Pholl Lòchaidh agus bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhirnis còmhla ri Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig ann an Taigh-òsta Dhruim Athaisidh an Inbhir Nis air an 9 Ògmhios, cuide ri foillsichearan is caraidean gus trì Goireasan ùra a chur air bhog.
Chuir Màiri Kidd - Ceannard Stòrlann fàilte chridheil air na bha an làthair agus mhìnich Dòmhnall Iain MacRisnidh – Oifigear Phròiseactan a bha os cionn nam proiseactan, buannachdan agus amasan nan goireasan. Chuidich sgoilearan Pholl Lòchaidh an geama bùird Siuthad! a chur air bhog agus sheall iad dhuinn am feum a tha stùthan GLPS a’ toirt air a’ Ghàidhlig aca, le na h-òrain bhrèagha a sheinn iad.
An ath ghoireas a chaidh a chur air bhog b’ e, Mo Chreideamh, sùil air diofar chreideamhan an t-saoghail. Seo goireas airson clàr-geal a tha a’ mìneachadh nan sia creideamhan as motha san t-saoghal agus a tha gan toirt còmhla ann an co-theacsa Albannach agus gam mìneachadh tro shùilean òigridh.
Fhuaireas taisbeanadh sgoinneal bho chlann bhun-sgoil Inbhir Nis airson an treas goireas, Kar2ouche: Sgrìobhadh cruthachail a chur air bhog. Leasaichidh an goireas sgilean sgrìobhaidh nan sgoilearan le uirsgeulan agus sgeulachdan traidiseanta. Sheall na sgoilearan dhuinn mar a chruthaich iad sgeulachdan traidiseanta agus sgeulachdan air an tug iad an dreach fhein!
Rinn na sgoilearan air fad oidhirp agus thug iad madainn thlachdmhor dha gach duine a bha an làthair. Bha seo na adhbhar misneachd chan ann a-mhain do Stòrlann ach gu saoghal na Gàidhlig air fad.
www.flickr.com
|