
Ceannard Ùr do Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig
17 Gearran 2010
Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig toilichte ainmeachadh gur e Johanna Marshall Ceannard ùr na buidhne. Tha Johanna an-dràsta ag obair mar Thidsear Bun-sgoile ann an Airidhantuim do Chomhairle nan Eilean Siar.
Buinidh Johanna do Sgìre a’ Bhac ann an Eilean Leòdhais. Cheumnaich i bhon Cholaiste Foghlaim a Tuath, Obar Dheathain le urram ann am Foghlam. Tha Johanna air obrachadh ann an teagasg, mar Prìomh Thidsear agus Tidsear Bun-sgoile ann an Sruighlea agus sna h-Eileanan. Tha ùidh aice ann am bàrdachd, sgeulachdan agus litreachas. An-dràsta, tha i a’ sgrìobhadh dà leabhar Gàidhlig do chlainn.
Thuirt Murchadh MacÌomhair, Neach-cathrach Stòrlann, “Tha sinn air leth toilichte neach cho tàlantach fhaighinn mar ar Ceannard ùr. Bidh an t-eòlas teagaisg a th’ aice gu math feumail airson Stòrlann a stiùireadh san àm ri teachd agus airson togail air an obair ionmholta a thathas a’ dèanamh.”
Bidh Johanna suidhichte ann an oifis Stòrlann ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.