Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An t-Alltan,

An t-Alltan 2014

Co-labhairt do thidsearan Gàidhlig bho Stòrlann
1 & 2 Dàmhair, san Aghaidh Mhòir

Chaidh An t-Alltan 2014 a chumail ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, air 1 agus 2 Dàmhair. Tha a’ cho-labhairt a’ toirt cothrom do luchd-foghlaim Gàidhlig air sàr leasachadh proifeiseanta.

An t-Àrd-oll Urr Norman Drummond, CBE FRSE

Rev norman DrummondBha sinn air leth toilichte gun robh an t-Urr Norman Drummond a’ bruidhinn aig an fhosgladh.

Canar tric mu dheidhinn gu bheil e air “Albannach cho tàlantach is cho brosnachail ’s a th’ ann an-diugh” air sgàth gu bheil ùidh, fiosrachadh agus eòlas gun shamhail aige. Chuir an t-Urr Drummond seachad greis na cheannard air Sgoil Loretto ann am Baile nam Feusgan. Bha e na neach-stèidheachaidh agus na urrasair air Columba 1400, ionad ceannardais eadar-nàiseanta a tha cuideachd a’ cumail acadamaidh ceannardais sgoiltean. Chaidh CBE a dhèanamh dheth o chionn ghoirid.

www.columba1400.com/about-us/board-of-trustees/norman-drummond

Aonghas MacIllFhinnein

Angus MacLennanTha sinn sònraichte toilichte gun tàinig Aonghas MacIllFhinnein, a tha na iar-cheannard ann an Sgoil MhicNeacail, a’ tighinn a bhruidhinn a-rithist aig a’ cho-labhairt. Bhruidhinn Mgr MacIllFhinnein roimhe ann an 2010.

Tha e na phroifeiseantach fiosrachail le eòlas farsaing air foghlam agus stiùireadh, agus tha e làn àbhachd!

Thug e òraid bhrosnachail dhuinn na dhòigh ealanta fhèin.

Na bùthan-obrach a bha rim faighinn aig Alltan 2014...

Bun-sgoil

Graphic : TickCiste-ulaidh na h-Alba

Mairead Anna NicLeòid (Diciadain a-mhàin x 2)

Cothrom an geama-bùird ùr seo fheuchainn agus dòighean eadar-dhealaichte fhaicinn air mar a chleachdadh tu e mar ghoireas cànain.

Ann am buidhnean, a’ sireadh dhòighean a bharrachd air a chur gu feum airson leasachadh a thoirt air cànan nan sgoilearan.

Graphic : TickBùth-obrach Beothachaidh (BS 6 & 7, ÀS 1 & 2)

Chris Mitchell (Madainn Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Còmhla ri Chris Mitchell, Cànan, ionnsaich riochdairean mar a chruthaicheas tu sgeulachdan beothaichte sìmplidh a' cleachdadh GoAnimate.

Sa bhùth-obrach seo chuir iad eòlas air na h-innealan agus na dòighean a tha gan cleachdadh gus audio a dheasachadh agus cartùnaichean beothaichte sìmplidh a dhèanamh, agus faodaidh iad a-nis goireasan spòrsail a chruthachadh dhan chlas aca.

Graphic : TickStuthan cànain

Ciorstaidh Nic a’ Phiocair & Trish NicLeòid (Madainn Diciadain & Madainn Diardaoin)

Bha Ciorstaidh agus Trisha a' sealltainn stuthan cànain a tha iad a' cleachdadh sa bhun-sgoil, agus thug Mòrag NicIlleathain agus Dòmhnall Dòmhnallach ro-shealladh air stuthan a tha Stòrlann a' cruthachadh ann an co-theacsa frèam-cànain tràth ìre gu ìre a dhà.

An uair sin, ann am buidhnean, bha cothrom aig compàirtichean beachdan air teagasg cànain no gràmair a cho-roinn, agus planaichean leasain a chruthachadh air an son.

Graphic : TickA’ teagasg cànan tro phupaidean

Dougie Beck (Madainn Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Sheall Dougie mar a chleachdas tu pupaidean airson a bhith a' teagasg cànan. Chleachd e a' phupaid, Catrìona, sa ghoireas a rinn Stòrlann, Catrìona air Chuairt.

Graphic : TickASN – Feumalachdan Taic a Bharrachd

Eàirdsidh MacLullich & Fiona Lyon (Feasgar Diciadain & Feasgar Diardaoin)

A' rannsachadh mar a thèid innealan measaidh agus sgrionaidh daineamaig a chleachdadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig; a' cleachdadh nan dòighean sin ann am measadh co-obrachail air Feumalachdan Taic a Bharrachd.

Cuideachd, rinn Rebecca Castelo, Leasaiche Cainnt is Cànain, seisean 30 mionaid air an robh:

"A' co-obrachadh còmhla ri seirbheis leasachadh cainnt is cànain na sgìre - a' co-roinn na fianais gus an leasachadh as fheàrr a thoirt air cainnt, cànan agus conaltradh airson CYP gu lèir ann an suidheachaidhean dà-chànanach."

Graphic : Tick Measadh agus Co-mheasadh

Muriel Mhoireach agus Criosaidh Ghreumach (Feasgar Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Measadh agus co-mheasadh stèidhte air pròiseact tràth ìre ach a ghabhas atharrachadh airson eadar-ghluasad gu ceann shuas na bun-sgoile.

Graphic : TickBi sunndach agus seinn!

Dolina Rothach (Feasgar Diciadain & Madainn Diardaoin)

Sheall Dolina cuid de na h-òrain, na geamannan agus na gnìomhan a tha sa ghoireas chiùil ùr seo airson na tràth ìre agus na ciad ìre.

Tha na h-òrain a' leasachadh sgilean ciùil agus a' cuideachadh le togail cànain agus tuigse na cloinne.

Graphic : Tick ’Smathsin agus Comic Life

Daibhidh Mac a’ Ghobhainn agus Màiri Milne (Diardaoin a-mhàin x 2)

Sheall Màiri na buannachdan a tha an cois a bhith a' cleachdadh chomaigean mar 'Smathsin ann an obair cànain.

An uair sin sheall Daibhidh Mac a' Ghobhainn bhon chompanaidh Right Lines, a tha a' cur a-mach 'Smathsin, mar a ghabhas am prògram Comic Life a chleachdadh gus comaigean a chruthachadh.

A' leantainn air a' bhùth-obrach seo cumaidh Stòrlann farpais stèidhte air sgeulachd spòrs a thèid innse ann an cruth comaig.

www.smathsin.co.uk/

Graphic : TickFoghlam Alba

Celia NicArtair agus Bev Leslie (Madainn Diardaoin a-mhàin)

Bha Celia NicArtair, bho Bhuidheann Foghlam nan Tidsearan, a' treòrachadh chompàirtichean tro earrann Ionnsachadh Proifeiseanta làrach Foghlam Alba.

Bha an seisean seo freagarrach airson luchd-cleachdaidh aig gach ìre nan dreuchd. Stiùir Celia còmhradh air Ionnsachadh Proifeiseanta Fad-dreuchd agus Sgrùdadh agus Leasachadh Proifeiseanta (PRD).

Tha ionnsachadh proifeiseanta deatamach ann a bhith a' cuideachadh luchd-cleachdaidh gus a bhith a' gabhail gu togarrach ri atharrachadh; a' stiùireadh; ag obrachadh ann an dòigh nas èifeachdaiche còmhla ri daoine eile; a' cnuasachadh agus a' rannsachadh; agus a' toirt seachad foghlam nas fheàrr do chlann agus do dh'òigridh.

Cuide ri Bev Leslie, Ceannard Àrd-sgoil Bhlàr Gobhraidh, sheall Celia cuideachd mar a tha stuthan-taic ùra air luchd-obrach a chuideachadh gus a dhol an sàs ann an dòigh dheimhinneach ann am PRD.

Àrd-sgoil

Graphic : TickFoghlam Alba

Celia NicArtair (Feasgar Diciadain)

Graphic : TickCruinneachadh nam Fileantach

Sgioba Stòrlann (Madainn Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Fhuair sgioba Stòrlann beachd soilleir bho na tidsearan air dè bha iad ag iarraidh a thaobh gràmar an lùib Cruinneachadh nam Fileantach.

Sheall Dòmhnall Dòmhnallach geamannan eadar-obrachail a tha gan ullachadh agus thug Dòmhnall Uilleam MacGilleMhoire, Ceannard Stòrlann, cunntas air mar a bhios an Cruinneachadh ag obrachadh.

Graphic : TickASN – Feumalachdan Taic a Bharrachd

Eàirdsidh MacLullich & Fiona Lyon (Madainn Diciadain & Madainn Diardaoin)

A' rannsachadh mar a thèid innealan measaidh agus sgrionaidh daineamaig a chleachdadh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig; a' cleachdadh nan dòighean sin ann am measadh co-obrachail air Feumalachdan Taic a Bharrachd.

Cuideachd, rinn Rebecca Castelo, Leasaiche Cainnt is Cànain, seisean 30 mionaid air an robh:

"A' co-obrachadh còmhla ri seirbheis leasachadh cainnt is cànain na sgìre - a' co-roinn na fianais gus an leasachadh as fheàrr a thoirt air cainnt, cànan agus conaltradh airson CYP gu lèir ann an suidheachaidhean dà-chànanach."

Graphic : TickA’ teagasg RME

Dòmhnall MacLeòid – Sgoil MhicNeacail (Madainn Diciadain & Madainn Diardaoin)

Thug Dòmhnall tar-shealladh air na stuthan agus air an structar cùrsa a thathar a' cleachdadh ann an Sgoil MhicNeacail 's e an dòchas gun tàlaidheadh seo tidsearan Gàidhlig eile gu bhith a' teagasg a' chuspair.

Bha deasbad ann an uair sin air na stuthan agus air an structar is dùil gun tèid leudachadh orra. Airson fiosrachadh dha fhèin, bha an t-Urr Iain Urchardan a-staigh air a' chòmhradh cuideachd.

Graphic : TickFilmG

Muireall Urchardan (Feasgar Diciadain & Madainn Diardaoin)

Thug Muireall Urchardain, a tha eòlach air teagasg agus air na meadhanan, fiosrachadh air FilmG agus mar a ghabhas a chleachdadh gus sgilean a leasachadh, agus mar phàirt de dh'fheumalachdan foghlaim CfE.

Dh'inns i dè th' ann an deagh fhilm, mar a leasaicheas tu beachdan agus mar a phlanas tu am filmeadh. Thug i seachad taic phractaigeach agus bhruidhinn i air innleachdan a chuidicheas an sgoil agad gus sàr fhilm a dhèanamh.

Graphic : TickGnàthasan-cainnt

Mairead NicÌomhair (Feasgar Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Seisean air gnàthasan-cainnt ann an co-theacsa an aonaid a bhios an lùib nan stuthan ann an Cruinneachadh nam Fileantach.

Graphic : TickBùth-obrach Beothachaidh (BS 6 & 7, ÀS 1 & 2)

Chris Mitchell (Madainn Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Còmhla ri Chris Mitchell, Cànan, ionnsaich riochdairean mar a chruthaicheas tu sgeulachdan beothaichte sìmplidh a' cleachdadh GoAnimate.

Sa bhùth-obrach seo chuir iad eòlas air na h-innealan agus na dòighean a tha gan cleachdadh gus audio a dheasachadh agus cartùnaichean beothaichte sìmplidh a dhèanamh, agus faodaidh iad a-nis goireasan spòrsail a chruthachadh dhan chlas aca.

Graphic : TickSQA

Marilyn Waters, Jennifer McHarrie agus Prìomh Luchd-sgrùdaidh na Gàidhlig
(Fileantaich is Luchd-ionnsachaidh)
(Diardaoin a-mhàin x 2)

Thug riochdairean SQA dhuinn am fiosrachadh as ùire air a bhith a' tuigsinn ìrean sna pàirtean de na h-aonadan a th' air am measadh taobh a-staigh is taobh a-muigh na sgoile (le eisimpleirean bho 2013/14).

Agus...

Seisean Coinneachaidh agus Co-roinn

Cothrom air coinneachadh còmhla ri chèile gus stuthan a cho-roinn:

MG Alba, BBC Alba, LearnGaelic.net, SMO, BT Debate, IntoFilm, E-stòras, CLÀS, Acair, Tobar an Dualchais and Comhairle nan Leabhraichean!

https://www.facebook.com/events/681020488611439/

Stakeholders

Cuir Fios

01851 700880

www.flickr.com
Stòrlann's Alltan 2013 photoset Sṭrlann's Alltan 2014 photoset
Logo : Investors in People
Graphic: FF correction