Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An t-Alltan 2012

An t-Alltan 2012


Co-labhairt do thidsearan Gàidhlig bho Stòrlann
3 & 4 Dàmhair, san Aghaidh Mhòir

Bha còrr is 100 riochdaire an làthair thairis air an dà latha aig Ionad-Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, nam measg tidsearan sgoil-àraich, bun-sgoile agus àrd-sgoile agus oifigearan leasachadh deagh-ghnè.  B’ e prìomh amas an Alltain cothrom a thoirt do riochdairean goireasan Stòrlann, agus dòighean air an cleachdadh gu h-eadar-ghnìomhach san rùm-teagaisg, a rannsachadh. Chaidh seo a dhèanamh tro bhùithtean-obrach air an stiùireadh le eòlaichean cuspair a bha air a bhith a’ cleachdadh nan goireasan.

Am-bliadhna, bha luchd-obrach 0-3 aig Bòrd na Gàidhlig còmhla rinn. Bha bùithtean-obrach gnìomhach agus òraidean inntinneach aca dhaibh fhèin mar phàirt den Alltan Bheag.

Image: Donald John MacDonald, Bruce Robertson and Dr Alasdair ALlan, MSP, Mairi MacMillan, John Angus MacKay

Chaidh Alltan 2012 fhosgladh leis an Ollamh Alasdair Allan BPA, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba.

Thug Dòmhnall Iain Dòmhnallach à Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig ann an Dùn Èideann seachad òraid mu cheannas brosnachail. Bha Mgr Dòmhnallach na Cheannard air Àrd-sgoil Liberton an Dùn Èideann far an d' fhuair e moladh mòr airson na buaidh a thug e air an sgoil agus air a' choimhearsnachd.

 


Bhruidhinn Bruce Robasdan bho Riaghaltas na h-Alba air IT ann an clas Gàidhlig an latha an-diugh.

Thug Iain Aonghas MacAoidh, Ceannard Bòrd na Gàidhlig, sùil fharsaing air leasachadh na Gàidhlig ann an co-theacsa Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012 - 2017.

Thug Màiri Nic a’ Mhaoilein seachad taisbeanadh nas mionaidiche air amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig airson nan raointean leasachaidh a’ buntainn ri foghlam Gàidhlig.

 

 

Icon: TimetableClàr-ama na Co-labhairt


Image: Alltan 2012

Am prògram

 

Diciadain a-mhàin

 

Graphic : TickBook Bug – Leughadh stòiridh

A’ leasachadh cànan agus labhairt ann an clann òg a’ cleachdadh dòighean practaigeach agus teòiridh.
(T-Ì, P1&2)
Linda Burgar

Graphic : Tick iPad – App Ar Stòiridh

A’ cleachdadh IT agus an iPad
Mar a chleachdas tu an App - Ar Stòiridh.  App a leigeas le clann stòiridh mun rud a rinn iad an latha sin a chruthachadh ’s a chlàradh, uile tron Ghàidhlig, agus èisteachd ris agus a sgaoileadh.
(T-Ì & P1&2)
Chrismar Montgomery, Joanna McPake & Christine Stephen

Graphic : Tick Mìrean    

Bruidhinn air mearachdan cumanta ann an labhairt agus sgrìobhadh, agus dòighean faighinn thairis orra le bhith cleachdadh ‘Mìrean’ agus goireasan cànain eile. 
(B-S)

**Feasgar a-mhàin**

Sarah NicEachainn & DI MacLeòid

Graphic : Tick GOC

A’ faighinn mìneachadh air puingean GOC agus a’ ceartachadh earrannan mar eacarsaich.
(À-S*)                            
D I MacLeòid

**Madainn a-mhàin**

*Tha a’ bhùth-obrach seo a’ toirt prìomhachas do thidsearan cuspairean àrd-sgoile, ach tha i fosgailte do dhaoine eile a tha sireadh taic air puingean GOC.

Graphic : Tick Gàidhlig - Cruinneachadh nam Fileantach 

Sùil air a’ ghoireas a thathas  a’ cruinneachadh, agus cothrom beachdan a chur air adhart a thaobh ’s dè an còrr a tha a dhìth.
(À-S)
Christina Walker & Dòmhnall Eòghainn MacFhionghain

 

Diciadain & Diardaoin

Graphic : TickSaidheansan, Ìre 2 – Deuchainnean practaigeach airson a’ chlasrum

Seisean practaigeach agus fiosrachadh air deuchainnean a ghabhas  dèanamh anns a’ bhun-sgoil aig an dàrna ìre.
( B-S)
Murchadh Peutan  

Graphic : TickA’ Chiste-chiùil / Kodaly 

Dòigh ionnsachadh ciùil a tha, a rèir sgoilearan, a’ leasachadh sgilean co-cheangailte ri leughadh, gluasad, tuigse, cruthachadh bhun-bheachdan agus matamataig.
(T-Ì, P1&2 )

**Feasgar Diciadain a-mhàin, madainn is feasgar Diardaoin**

Dolina Rothach & Christine Richings


Graphic : Tick Litearrachd – Ceàird an Sgrìobhaiche/Giglets  

A’ toirt sùil air leughadh agus sgrìobhadh co-roinnte agus a’ toirt bheachdan feumail do thidsearan, leis na goireasan, gus sgilean nan sgoilearan a leasachadh. 
(B-S, À-S)  
Sarah Fhriseal

Graphic : TickDràma – Stòiridh gu Stèids

A’ mìneachadh goireas a bhios air-loidhne agus nan ceumannan a dh’fheumar gabhail airson sgeulachd a thoirt gu sgriobt dràma airson an àrd-ùrlair.
(À-S)
Dougie Beck & Aonghas MacLeòid

                                   

 

Diardaoin a-mhàin

Graphic : TickGàidhlig – Leasachadh Proifeiseanta Leantainneach – sùil air a’ chùrsa Streap 

Chan ann a-mhàin do thidsearan a tha a’ gluasad bho theagasg sa Beurla gu teagasg taobh na Gàidhlig a tha am prògram Streap.  Tha Streap gu tur air a dhealbh ann an dòigh a tha freagarrach do gach tidsear Gàidhlig a tha a’ teagasg a cheana anns a’ bhun-sgoil no anns an àrd-sgoil.
(T-Ì, B-S, À-S)

Christina Walker

Graphic : TickPrezi

’S e bathar bog airson thaisbeanaidhean, stèidhte san sgòth, a th’ ann am Prezi a dh’fhosglas saoghal ùr eadar bùird-gheala agus slaighdean.
(T-Ì, B-S, À-S )

Aine NicCarmaig

Graphic : TickMeasadh agus Co-mheasadh - bho thaobh an tidseir

Beachdan agus eisimpleirean practaigeach bho thidsearan ann an CNES air a bhith a’ dèanamh measadh agus co-mheasadh airson còmhradh agus ionnsachadh bho chèile a  bhrosnachadh.
(B-S)

Iain MacRath


Graphic : TickEòlas na h-Alba
 

Fiosrachadh air mar a dheasaich Acadamaidh Grange cùrsa dhaibh fhèin air Eòlas na h-Alba agus mar as urrainn dha tidsearan chuspairean a cho-cheangal ri obair nan clasaichean aca.
(À-S )

Màiri Ellen Stiùbhart, Jean Hillhouse & Marilyn Waters SQA

Graphic : TickSgeulachdan goirid

Sgeulachd ghoirid mar mhodh-sgrìobhaidh agus  dòighean air teagasg do sgoilearan mar a bu chòir dhaibh sgeulachdan a sgrùdadh agus a mhìneachadh. 
(À-S)

D I MacLeòid

 

 

Icon: TimetableClàr-ama na Co-labhairt

MacDonald Aviemore Resort

 


Cuir Fios

01851 700880

Graphic: Alltan 2012 Booking QR CODE

www.flickr.com
storlann's An t-Alltan 2012 photoset storlann's An t-Alltan 2012 photoset
Logo : Investors in People
Graphic: FF correction