Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An t-Alltan 7-9 Dàmhair 2008

An t-Alltan 2008 -
Co-labhairt do thidsearan Gàidhlig bho Stòrlann

Thàinig ceud tidsear bho àrd-sgoiltean agus bun-sgoiltean air feadh Alba ri chèile ann an Taigh-òsta Dhruim Athaisidh ann an Inbhir Nis air 8 agus 9 Dàmhair airson sùil a thoirt air goireasan ùra agus air iomairtean agus leasachaidhean ann an ionnsachadh agus teagasg co-cheangailte riutha seo. Bha cothroman ann eòlas a chur air bathar-bog ùra, dòighean-teagaisg a dheasbad agus cur ri leasachadh stuthan ùra. Chaidh a’ cho-labhairt a chur air bhog le fàilteachadh bho Chomairle na Gàidhealtachd aig an tug Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig na Comhairle, iomradh air na leasachaidhean ùra a tha a’ tabhann chothroman ùra do Ghàidheil òga an-diugh, leithid sgoiltean làn-Gàidhlig agus an sianal ùr ‘BBC Alba’.

Ann a bhith a’ meas na co-labhairt, thuirt deagh chuid de na bha an làthair gum ‘bu chòir seo tachairt a h-uile bliadhna.’ Anns an eadar-ama, bidh pàipearan na co-labhairt agus faidhlean-èisteachd rim faotainn air an làrach seo ann an ùine gun a bhith fada.

Am prògram:Image: Joan MacKay HMIe


Òraidean


Prìomh sheiseanan

 

(Cliog air an tiotal is nochdaidh na sgrìobhainnean)

‘Fonaigs airson Leughadh agus Sgrìobhadh’: Dòmhnall Iain MacLeòid agus Johan Byrne
‘Leughadh agus Sgrìobhadh Com-pàirtichte’: Màiri NicIlleMhaoil, Learning and Teaching Scotland
‘Structaran-cànain san Àrd-sgoil’: Catrìona Mhoireach, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Christina Walker, Oilthigh Obar Dheathain
‘A’ Teagasg Saidheans agus Matamataig tro Mheadhan na Gàidhlig san Àrd-sgoil’: Aonghas Iain MacDhòmhnaill, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig

Air sgàth àireamhan ìosal cha deach seisean foirmeil a dhèanamh dheth seo idir ach bha cothrom aig tidsearan nan cuspairean coimhead air stuthan ùra agus stuthan Anns a' bheairt agus còmhradh mu fheumalachdan agus dòighean-obrach. Tha Aonghas Iain Dòmhnallach a' cò-ordanachadh obair-deasachaidh stuthan nan cuspairean aig Stòrlann agus faodaidh fios a chur thuige tro 'cuir fios'.



Bùthan-obrach sgilean

  • A’ cleachdadh bathar-bog Textease: Alan Stewart, Comhairle na Gàidhealtachd
  • A’ cleachdadh bathar-bog Kar2ouche: Ray Shaw, Immersive Education
  • A’ cleachdadh dheuchainnean-measaidh fheumalachdan sònraichte ‘SNAP’: Eairdsidh MacLullaich
  • A’ cleachdadh ghoireasan Gàidhlig air an eadar-lìon: Mòrag NicDhòmhnaill, Gàidhlig air-loidhne

Tha Stòrlann a’ toirt taing chridheil do na leanas airson taic le maoineachadh, innealan is eile:

Comhairle na Gàidhealtachd, Learning and Teaching Scotland, Fèisean nan Gàidheal, UHI Colaiste Inbhir Nis, Acadamaidh Charlestown, Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig.

Ar taing cuideachd do luchd-obrach Thaigh-òsta Dhruim Athaisidh.


Cuir Fios

01851 700880

Bhruidhinn Aonghas Dubh MacNeacail, am bàrd, ri tidsearan àrd-sgoile mu sgriobhadh cruthachail. Am measg na dh’inns Aonghas dhaibh, thuirt e gum bi e fhèin ag amas air rudeigin a sgrìobhadh a h-uile latha, ge b’ e cho goirid no cho cabhagach. Seo na sgrìobh e air 8 Damhair fhad ’s a bha e còmhla rinn...

8mh Còmhdhail foghlam; Druim Athaisidh

B’ ann an seo a shaoilear caillte an dream air raon a bhàis - ach cluinn gach teanga beò cur cruth air ceum an fhàis.

Image: Creative writing workshop, An t-Alltan


An t-Alltan air...
This is a Flickr badge showing items in a set called An t-Alltan. Make your own badge here.

Logo : Investors in People
Graphic: FF correction