Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: An t-Alltan,

An t-Alltan 2013


Co-labhairt do thidsearan Gàidhlig bho Stòrlann
2 & 3 Dàmhair, san Aghaidh Mhòir

Thàinig còrr is ceud riochdaire còmhla a rannsachadh iomairtean ionnsachaidh agus teagaisg do dh’fhoghlam Gàidhlig aig Ionad-Co-labhairt MhicDhòmhnaillsan Aghaidh Mhòir.


Tha An t-Alltan a’ toirt cothrom do thidsearan Gàidhlig tighinn còmhla a thoirt sùil air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra tro shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach a tha ceangailte ri goireasan a th’ air ùr nochdadh no a th’ anns a’ bheairt aig Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.

Dh’fhosgail an Dr Donalda T. NicComb, Ceannard Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ cho-labhairt, agus thug Julie Matthews Ceannard Bunscoill Ghaelgagh Eilean Mhanainn òraid seachad cuideachd.

A bharrachd air na bùthan-obrach gu h-ìosal, bha riochdairean bho CLÀS, SQA, Foghlam Alba, Sabhal Mòr Ostaig, am BBC, Tobar an Dualchais, agus Gaelic4Parents an làthair cuideachd.

 

 



Am prògram

Bun-sgoil | Àrd-sgoil


Bun-sgoil

Graphic : TickPostairean PE - briathrachas agus gnìomhan PE airson na bun-sgoile  (Bun-sgoil)

Marion Steele (Diciadain a-mhàin)

Anns a’ bhùth-obrach seo fhuair tidsearan bun-sgoile a dh’fheumas PE a theagasg an cothrom eòlas a chur air gnìomhan PE a ghabhas dèanamh sa chlasrum no san raon-chluiche.

Tro bhith a’ cur eòlas air na gnìomhan chuir iad eòlas cuideachd air a’ bhriathrachas a bu choìr dhaibh cleachdadh.

bàrr na duilleig

Graphic : TickSgeama Litreachaidh Fòneataig (Bun-sgoil 1-3)

Màiri NicDhòmhnaill, Gwen Culbertson (Diciadain a-mhàin)

Choimhead a’ bhùth-obrach seo air sgeama litreachaidh fòneataig a chaidh a leasachadh le tidsearan ann an Roinn na Gàidhealtachd.

Chuala riochdairean mar a chaidh an sgeama a chruthachadh agus bha cothrom aca na gnìomhan litreachaidh fheuchainn iad fhèin.

Cuideachd, thàinig riochdairean còmhla ann am buidhnean gus goireasan litreachaidh eile, as urrainn dhaibh cur gu feum nan clasrum fhèin, a leasachadh agus a roinn.

bàrr na duilleig

Graphic : TickLeabhraichean Mòra - eisimpleir de dheagh chleachdadh (Bun-sgoil)

Catrìona Chaimbeul (Feasgar Diciadain & Diardaoin x 2)

Thèid trì tiotalan ùra chun nan sgoiltean am-bliadhna: Goldilocks agus na Trì Mathain, Na Trì Gobhair Ghruamach agus Na Trì Mucan Beaga.

A’ cleachdadh thiotalan a tha ann mu thràth agus eisimpleirean bhon fheadhainn ùra, chuala riochdairean mar a fhuair aon tidsear air adhart a’ cleachdadh nan leabhraichean goireasach seo. Cuiridh iad taic ri teagasg chuspairean agus tha eisimpleirean annta airson a bhith a’ cruthachadh stuthan còmhla ris a’ chlas.

An cois cuid de na tiotalan tha leabhraichean-d a ghabhas cleachdadh air bòrd-geal eadar-ghnìomhail; faodaidh clann am mac-meanmna a chleachdadh gus innse do dhaoine eile mar a bu chòir an sgeulachd crìochnachadh, nam beachd-san!

 

bàrr na duilleig

Graphic : TickTaic do chlann le feumalachdan taic a bharrachd  (Bun-sgoil)

Eàirdsidh MacLullich, Fiona Lyons (Diciadain & Diardaoin)

Choimhead Eàirdsidh MacLullich ri cùisean co-cheangailte ri measadh cloinne agus trèanadh luchd-obrach ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a’ togail air pròiseact rannsachaidh a rinn e o chionn ghoirid do Bhòrd na Gàidhlig.

Cuideachd, sheall e dòighean a tha ag amas an-dràsta air a bhith a’ leasachadh ghoireasan taic do chlann le feumalachdan taic a bharrachd, bho shealladh saidhceòlach.

Thug Fiona Lyons sùil air na cùisean sin bho shealladh an tidseir.

bàrr na duilleig

Graphic : TickMeadhanan ùra sa chlas (Bun-sgoil)

Hamish Budge (Feasgar Diciadain & Madainn Diardaoin)

Bha cothrom aig riochdairean ionnsachadh mu phrògraman mheadhanan sìmplidh as urrainn dhaibh cleachdadh nan clasrum fhèin.

Dh’ionnsaich iad cuideachd mar a chuireas iad iad gu feum gus pasgan mheadhanan sìmplidh a dhèanamh a chleachdas iad mar phàirt de chuspair no de phròiseact.

Chaidh sealltainn do riochdairean na dòighean a dh’fheumas iad airson teacsa agus ìomhaighean a chlàradh, a dheasachadh agus a luchdachadh suas gu PC no gu innealan so-ghiùlain.

Tha na prògraman a chaidh a chleachdadh an-asgaidh agus ri fhaotainn air-loidhne far am faigh a h-uile tidsear thuca.

Chaidh prògraman eile a tha ri fhaotainn agus goireasan air-loidhne eile a tha an-asgaidh a shealltainn dhaibh airson fiosrachadh.

bàrr na duilleig

Graphic : TickFrèam Cànain airson Gàidhlig (Bun-sgoil)

D I MacLeòid, Shona NicCarmaig (Madainn Diciadain & Madainn Diardaoin)

Sa bhùth-obrach seo thuirt D I MacLeòid facal goirid mu carson a tha feum air ‘frèam cànain’ agus sheall e mar a tha obair cànain a’ ceangal a-steach ri CfE agus ri goireas leithid Mìrean.

An uair sin, ann am buidhnean, dh’obraich riochdairean air dreachd den fhrèam seo, a tha a’ ruith bhon Ìre Thràth gu Ìre 3, ag atharrachadh rudan no a’ cur ris, gu h-àraidh a thaobh dòighean-teagaisg agus nan stuthan a tha a dhìth.

Chuir Shona NicCarmaig ris a' bhùth-obrach bho shealladh an tidseir sa chlasrum.

bàrr na duilleig

Graphic : TickNobhailean - A’ brosnachadh sgrìobhadh cruthachail  (Bun-sgoil)

Chrisella Ros, Màiri E Milne (Feasgar Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Thug a’ bhùth-obrach seo sùil air na ceumannan riatanach ann a bhith a’ sgrìobhadh sgeulachd chruthachail agus air carson a bhios tidsearan a’ cleachdadh sgrìobhadh sgeulachd chruthachail.

Tha Chrissella agus Màiri le chèile nan ùghdaran.

Thug iad eisimpleirean seachad air stoidhlichean sgrìobhadh cruthachail a tha freagarrach airson clann bun-sgoile, agus sheall iad mar as urrainn do chlann nas òige dealbhan a chleachdadh gus sgeulachd a chruthachadh, agus gus ionnsachadh mar a chruthaicheas agus a leasaicheas iad caractar.

Bha còmhradh ann mu na dòighean sam bi sgrìobhadh cruthachail a’ cuideachadh gus sgilean cànain, gràmar, litearrachd, litreachadh agus cleachdadh ghnàthasan-cainnt a leasachadh.

bàrr na duilleig

Graphic : TickCiste nan Lochlannach  (Bun-sgoil 4-7)

Amy Cruickshank (Diardaoin a-mhàin)

Sheall a’ bhùth-obrach seo mar a chleachd aon tidsear an goireas seo na sgoil fhèin.

Fhuair riochdairean fiosrachadh mu gach nì sa chiste agus mar a ghabhas a chleachdadh airson obair cuspair agus obair pròiseict.

Cuideachd, bha cothrom aig riochdairean stuthan a chruthachadh iad fhèin a chleachdas iad nan clasrum fhèin.

bàrr na duilleig

Graphic : TickBliadhna an Nàdair an Alba 2013 (Bun-sgoil)

Emily Edwards agus Mòrag Dhòmhnallach (Diardaoin a-mhàin)

Bidh Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) a’ coimhead às dèidh fiadh-bheatha, àrainnean, cruth-tìre agus bòidhchead nàdarrach na h-Alba agus a’ brosnachadh dhaoine gus tlachd a ghabhail agus luach a chur annta.

Mar phàirt de Bhliadhna an Nàdair an Alba, stiùir Emily Edwards, oifigear Gàidhlig SNH, a’ chiad phàirt dhen t-seisean seo a choimhead ri goireasan Gàidhlig SNH airson sgoiltean, agus a ghabh a-steach na tiotalan ùra National Geographic aig Stòrlann, Beathaichean nan Àrainn Fhèin.

Chaidh an dàrna pàirt a stiùireadh leis an neach-ealain Mòrag Dhòmhnallach, agus ’s e seisean practaigeach a bha ann. Dh’obraich Mòrag còmhla ri SNH air an taisbeanadh Air Iomlaid agus on uair sin air a’ phròiseact Rannsaich, a thug clann a-mach gu pàircean, coilltean agus tèarmainn gus nàdar a rannsachadh tro ealain.

Bhruidhinn Mòrag air dòighean sìmplidh agus bha comhairle aice airson a bhith a’ toirt sgoilearan a-mach agus a’ dol an sàs ann an nàdar agus ealain ann an dòigh spòrsail, phractaigeach. Fhuair compàirtichean san t-seisean pasgan CPD.

bàrr na duilleig

Àrd-sgoil

Graphic : TickSQA Gàidhlig agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) Nàiseanta 4 agus 5 (Àrd-sgoil)

Marilyn Waters, Co-òrdanaiche Theisteanasan - Gàidhlig agus Cuspairean tro Mheadhan na Gàidhlig

Alasdair Bauld, Co-chomhairliche Leasachadh Theisteanasan - Gàidhlig agus Nua-chànanan

Dòmhnall MacAoidh, Àrd-Neach-measaidh - Gàidhlig

(Feasgar Diciadain a-mhàin )

Tha e an urra ri SQA na Teisteanasan Nàiseanta ùra a tha a’ tighinn a-steach gus taic a chur ri CfE a leasachadh agus a lìbhrigeadh.

Tro leasachadh gach teisteanais tha SQA air co-chomhairle a chumail ri luchd-cleachdaidh agus eòlaichean cuspair gus na teisteanasan as fheàrr a ghabhas a chruthachadh.

An lùib seo chaidh prìomh sgrìobhainnean airson gach teisteanais fhoillseachadh agus fios air ais iarraidh. Tha na sgrìobhainnean a’ còmhdach feallsanachd, sònrachadh agus òrdachadh measadh gach Cùrsa agus Aonaid thairis air gach cuspair agus ìre.


Thug Marilyn, Alasdair agus Dòmhnall am fios as ùire seachad airson nan raointean cuspair gu h-àrd, agus choimhead iad ri riatanasan measadh aonaid anns gach cuspair.

Cuideachd, thug Marilyn am fios as ùire do riochdairean air taic SQA airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre Nas Àirde. Bha cothrom ann bruidhinn mu na prìomh chùisean agus ceistean a thogail.

bàrr na duilleig

Graphic : TickNobhailean - A’ brosnachadh sgrìobhadh cruthachail (Àrd-sgoil)

Chrisella Ros, Caron NicFhionghain

(Madainn Diciadain & Madainn Diardaoin)

Thug a’ bhùth-obrach seo sùil air na ceumannan riatanach ann a bhith a’ sgrìobhadh sgeulachd chruthachail agus air carson a bhios tidsearan a’ cleachdadh sgrìobhadh sgeulachd chruthachail. Tha Chrisella agus Caron le chèile nan ùghdaran.

Sheall iad diofar stoidhlichean sgrìobhadh cruthachail agus mar a bu chòir sgeulachdan a thogail agus caractaran a leasachadh.

Cuideachd, bha còmhradh ann mu dòighean sam bi sgrìobhadh cruthachail a’ cuideachadh gus sgilean cànain, gràmar, litearrachd, litreachadh agus cleachdadh ghnàthasan-cainnt a leasachadh.

bàrr na duilleig

Graphic : TickA’ measadh litreachas aig Àrd Ìre agus Àrd Ìre Adhartach (Luchd-ionnsachaidh a-mhàin) (Àrd-sgoil)

Dòmhnall Iain MacÌomhair (Madainn Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Aig a’ bhùth-obrach seo rinneadh sgrùdadh air litreachas a tha freagarrach airson Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig aig Àrd Ìre agus Àrd Ìre Adhartach. Choimhead luchd-compàirt air diofar sheòrsaichean litreachais a bhiodh freagarrach aig an ìre seo agus na sgilean a thathar a’ sùileachadh bho sgoilearan/slatan-tomhais a thathar a’ cleachdadh airson ìre sgoileir a mheas.

Ann am buidhnean, choimhead tidsearan air obair a sgrìobh sgoilearan ann an suidheachadh deuchainn bho chionn ghoirid agus rinn iad measadh air na pìosan obrach.

Bha an t-Àrd-neach-measaidh Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) os cionn na bùth-obrach airson co-dhùnaidhean agus comhairle a thoirt dha na buidhnean.

Bha cothrom ann do thidsearan bruidhinn mu litreachas sònraichte a tha air obrachadh gu math dhaibhsan anns a’ chlas.

bàrr na duilleig

Graphic : TickCruthaich Leabhraichean-d eadar-ghnìomhail (Àrd-sgoil)

Dòmhnall Dòmhnallach (Madainn Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Rannsaich a’ bhùth-obrach seo nas urrainn leabhraichean-d a chur ri ionnsachadh, a’ cleachdadh teacsa bhon Chogadh Mhòr mar eisimpleir.

Chaidh sealltainn do chompàirtichean mar a dh’ullaicheas iad teacsa agus ìomhaighean, mar a thogas agus a dheasaicheas iad audio, agus mar a dh’fhoillsicheas iad leabhar fìor shìmplidh air grunn innealan-d (fònaichean, tablets agus coimpiutairean).

Anns gach ceum den phròiseas cha deach a chleachdadh ach bathar-bog an-asgaidh, ach am faigh nas urrainn de sgoiltean air na dòighean a chaidh a shealltainn fheuchainn gun chosgaisean a bharrachd a thighinn orra.

Cuideachd, thug a’ bhùth-obrach sùil sgiobalta air teicneòlasan air-loidhne a tha ùr no ri thighinn.

bàrr na duilleig

Graphic : TickTaic le mearachdan cumanta (Àrd-sgoil)

Mòrag NicIlleathain (Madainn Diciadain & Madainn Diardaoin)

Leis nach b’ urrainn don bhùth-obrach a dh’ullaich Màiri NicRisnidh air Ceumannan 4 a dhol air adhart, rinn Mòrag NicIlleathain bùth-obrach a thug taic le mearachdan cumanta ann an sgrìobhadh.

bàrr na duilleig

Graphic : TickFrèam cànain airson Gàidhlig (Àrd-sgoil)

D I MacLeòid, Shona NicCarmaig (Feasgar Diciadain & Feasgar Diardaoin)

Sa bhùth-obrach seo thuirt D I MacLeòid facal goirid mu carson a tha feum air frèam cànain agus sheall e mar a tha obair cànain a’ ceangal a-steach ri CfE agus ri leithid Mìrean.

Thug e tarraing air an obair a chaidh a dhèanamh ann am bùth-obrach na bun-sgoile agus an uair sin bha cothrom aig riochdairean innse dè na h-uireasbhaidhean a tha iadsan a’ faicinn ann an Gàidhlig nan sgoilearan agus iad siud fhighe a-steach dhan fhrèam airson ìrean 3 agus 4.

Ann am buidhnean, dh’obraich riochdairean air dreachd den fhrèam, gu h-àraidh bho thaobh dòighean-teagaisg agus nan stuthan a tha a dhìth.

Chuir Shona NicCarmaig ris a' bhùth-obrach bho shealladh an tidseir sa chlasrum.





 

 


Cuir Fios

01851 700880


www.flickr.com
Stòrlann's Alltan 2013 photoset Stòrlann's Alltan 2013 photoset
Logo : Investors in People
Graphic: FF correction