Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: CCEA and Stòrlann

Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a' toirt stiùir do chom-pàirteachas le CCEA

27 An Lùnastal 2010


Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, a’ bhuidheann nàiseanta airson goireasan foghlaim Gàidhlig a choimiseanadh agus a sgaoileadh, gu bhith a’ stiùireadh pròiseact a chruthaicheas goireas airson sgoiltean Gàidhlig agus Gaeilge, còmhla ris a’ bhuidhinn cho-choslach ann an Èirinn a Tuath, a’ Chomhairle airson Curraicealam, Deuchainn agus Measadh (CCEA).

Aig co-labhairt air goireasan foghlaim a chùm CCEA ann am Beul Feirste, chaidh an iomairt cho-obrachail eadar Stòrlann agus CEAA a chur air bhog gu h-oifigeil le Ministear Foghlaim Seanadh  Èireann a Tuath, Caitríona Ruane, a thuirt: Lìbhrigidh co-obrachadh eadar eòlaichean bho air feadh Èireann agus à Alba sreath ùr de ghoireasan foghlaim Gaeilge ùr-ghnàthach.

’S e Foghlam Gaeilge an roinn as luaithe a tha a’ fàs anns an t-siostam foghlaim ionadail, ’s e air fàs gu mòr sna bliadhnachan mu dheireadh.

Tha an t-iarrtas soilleir airson foghlam aig gach aois agus ìre tro chànan dùthchasach ar n-eilein ag èirigh, agus tha seo na mhisneachd mhòr. 

“Cuiridh an iomairt ùr seo seula air ceanglaichean eadar roinnean ann an Èirinn agus Alba agus bidh cothlamadh de eòlas ann nach do thachair roimhe. Ceadaichidh seo leasachadh air sreath ghoireasan ùr-ghnàthach airson foghlam tro mheadhan na Gaeilge, a bheir co-ionannachd le goireasan ann am foghlam tro mheadhan na Beurla.

“Bu mhath leam taing a thoirt do gach buidheann bho air feadh Èireann agus à Alba airson an dealais a thaobh na h-iomairt adhartaich seo agus tha mi a’ dèanamh fiughar ri buil an saothrach san àm ri teachd.”

Thuirt Johanna Marshall, CEO Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig: “Tha Stòrlann air leth toilichte a bhith a’ toirt stiùir don iomairt adhartach seo a lìbhrigeas goireas deagh-ghnè airson sgoiltean le foghlam tro mheadhan na Gaeilge agus na Gàidhlig.

Tha ar dualchais agus ar cànanan cho faisg air a chèile ’s gun neartaich an goireas seo, cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta, an ceangal eadar an dà dhùthaich.  Ri linn na h-iomairt seo thig com-pàirteachadh agus co-obrachadh air pròiseactan eile.

Bheir an leabhar seo gu aire na cloinne cho coltach ’s a tha an dà dhualchas, agus cuiridh e ri amas Bòrd na Gàidhlig a bhith ag àrdachadh àireamh luchd-labhairt na Gàdhlig.”

Thuirt Riseard Hanna, Stiùiriche Ro-innleachd Foghlaim aig CCEA: “Chaidh tòrr obair mhath a dhèanamh mu thràth eadar na com-pàirtichean fa leth an seo an-diugh; ach tha a’ cho-labhairt seo na cothrom mìorbhaileach air na goireasan gu lèir a tha ri fhaotainn a thoirt còmhla agus dòighean a rannsachadh airson co-obrachadh san àm ri teachd, ach am bi na goireasan as fheàrr a ghabhas aig sgoiltean agus oileanaich.

Tha co-obrachadh mar seo a’ ciallachadh gum faod an t-aon amas a bhith againn, ’s e sin goireasan deagh ghnè a lìbhrigeadh airson luach ar n-airgid.”

Bha a’ cho-labhairt air goireasan foghlaim na com-pàirteachas de bhuidhnean bho air feadh na h-Èireann, le Roinn an Fhoghlaim agus Saidheans (DES), Foras na Gaeilge agus An Chomhairle um Oideachas Gaeltachta agus Gaelscolaíochta (COGG) a’ cur ris a’ chùis.

Bha còrr is 40 duine an làthair, agus bha còisir Scoil na Fuiseoige, Beul Feairt a’ seinn.

 

Graphic: FF correction