Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Stòrlann

Dreuchd Bàn


Neach-stòir is sgaoileadh ghoireasan

Cunntas na Dreuchd

An Dreuchd

Neach-stòir is sgaoileadh ghoireasan

Àite

An Tosgan, Steòrnabhagh

Amas na Dreuchd

Rianachd agus sgaoileadh ghoireasan Stòrlann

Cùmhnant

0.2 FTE

Tuarastal

£24,500 (Pro rata) + CUIBHREANN NAN EILEAN (FAR A BHEIL SEO IOMCHAIDH)

 

Dleastanasan

  • A’ cur rian air goireasan agus gan sgaoileadh
  • Ag ullachadh ghoireasan airson an sgaoileadh, a’ dèanamh cinnteach à mionaideachd agus a’ cumail ri ùairean aontaichte
  • A’ cumail clàr dhen stoc
  • A’ dearbhadh ghoireasan a thig a-steach an aghaidh clàran lìbhrigidh.
  • A’ cumail àrainn obrach ghlan, shàbhailte air a deagh chur air dòigh
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil goireasan air an stòradh gu sàbhailte agus gu h-èifeachdach, le leubailean ceart
  • Ag obrachadh uidheamachd stòir gu sàbhailte (trugaichean phaileidean, àraidhean)
  • A’ gabhail dhleastanasan is obraichean eile os làimh mar a bhios iomchaidh gus taic a chumail ri lìbhrigeadh na seirbheis agus èifeachdas obrachaidh
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach dleastanas is uallach air an coileanadh gu sàbhailte gus nach tig cunnart sam bith a thaobh slàinte agus sàbhailteachd nad rathad fhèin, neach-obrach eile no ball dhen phoball

Àite: An Tosgan Steòrnabhagh

Dèan Tagradh An-dràsta
Iarr pasgan fiosrachaidh bho oifis Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, An Tosgan, 54 Rathad Shìophoirt Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais.  HS1 2SD agus cuir a-steach an tagradh agad, no Post-d gu  oifis@storlann.co.uk

Ceann-latha airson Iarrtasan: 20mh Gearran 2026

Deit an Agallaimh [ri dhearbhadh]

 

 

 Stòrlann - Cunntas na Dreuchd

 Stòrlann - Foirm Iarratais

 Stòrlann - Equal Opportunites Monitoring

 

 

 

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction