Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Stòrlann

Bòrd-stiùiridh Stòrlann: buill ùra, agus soraidh slàn

11 An Dùbhlachd 2009

Tha Stòrlann toilichte cur an cèill gu bheil dithis riochdairean ùra agus iar-neach-cathrach ùr air Bòrd-stiùiridh na Buidhne.

Gabhaidh Jim Whannel, Comhairle Bhaile Ghlaschu, dreuchd iar-neach-cathrach na buidhne os làimh. Tha Jim air a bhith na bhall dhen Bhòrd airson grunn bhliadhnaichean a-nis agus tha deagh eòlas aige air a’ bhuidhinn agus air feumalachdan an raoin san fharsaingeachd.

Tha Seonag NicFhionghuin, Comhairle nan Eilean Siar, cuideachd air tighinn air a’ bhòrd às dèidh dhi dreuchd Stiùiriche Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar a ghabhail os làimh. Tha Seonag air a bhith an sàs fad iomadh bliadhna air pannalan comhairleachaidh agus thathar air leth toilichte gum bi i fhathast an sàs ann an obair na buidhne na dreuchd ùr.

Ged a dh’fhàg Eairdsidh MacIlleathain am bòrd nuair a dh’fhàg e an dreuchd aige mar Cheannard Chomunn na Gàidhlig, fhuair e cothrom tilleadh nuair a chaidh a chur air adhart le Sabhal Mòr Ostaig an àite Lachaidh. Thathar glè thoilichte fàilte a chur air a-rithist.

Thathar cuideachd a’ leigeil soraidh slàn le grunnan bhall eile. Leig Catrìona Dunn agus Lachaidh Dick a’ bhallrachd – agus na dreuchdan – aca seachad anns na seachdainean a chaidh seachad. Tha Lachaidh agus Catrìona air a bhith an sàs san obair bho cha mhòr an fhìor thoiseach agus tha iad air cur rithe gu mòr. Tha cliù aca le chèile mar shàr-eòlaichean foghlam na Gàidhlig agus bha iad fialaidh thar tomhais ann a bhith a’ roinn an eòlais aca leinn agus len cuid ùine. Ar taing dhaibh le chèile, agus gach uile beannachd airson an àm ri teachd.

Fàgaidh Dòmhnall MacNèill cuideachd nuair a dh’fhàgas esan a dhreuchd aig Comhairle na Gàidhealtachd airson a dhol gu CnaG mar Cheannard, agus thathar a’ toirt taing mhòr dha airson na rinn e do Stòrlann anns an ùine a bha e còmhla rinn.

 

Graphic: FF correction