Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: A'Chaileag Starraig

Trì leabhraichean ùra bho Stòrlann

29 Faoilleach 2009

Trì leabhraichean ùra èibhinn bho Stòrlann airson na h- àrd-sgoile, Droch ràith Mairead, Droch shaoghal BJ agus Shenanigan's Shen. Tha prìomh charactaran gach sgeulachd a’ toirt eisimpleirean mu rudan a thachair am measg an fheadhainn a tha a’ fuireach còmhla riutha agus a’ toirt dhuinn diofar shuidheachaidhean èibhinn. Tha sgeulachdan gach tiotail a’ snìomh ri chèile agus a’ cruthachadh aon shreath a chòrdas ris a’ chloinn agus cuideachd a chòrdadh ri inbhich. Tha stoidhle sgrìobhaidh nan leabhraichean freagarrach airson luchd-ionnsachaidh agus fileantaich aig diofar ìrean san àrd-sgoil. Tha CD(an) an cois gach sreath agus tha iad air an clàradh ann an dà riochd, riochd fileanta is riochd luchd-ionnsachaidh. Tha sinn an dòchas gun còrd iad ribh agus ma tha beachdan sam bith agaibh bu chaomh leinn cluinntinn bhuaibh.

Grapohic Text - STornoway Gazette
Lèirmheas 15/01/09

An do leugh sibh leabhar a-riamh mun tuirt sibh, “Bu toigh leamsa a bhith air siud a sgrìobhadh”? Uill, tha mise dìreach air trì den leithid a leughadh – leabhraichean beaga, laghach a chaidh a sgrìobhadh le C M NicIllinnein do sgoilearan òga agus a chaidh fhoillseachadh le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig. Cha b’ e sin a-mhàin, ach bha cothrom agam èisteachd ri CDan, air a bheil na leabhraichean air an leughadh gu h-ealanta le triùir leughadairean – aon CD freagarrach do fhileantaich agus aon freagarrach do luchd-ionnsachaidh.

Image : CM MacLennanTha nàdar de shnàithlean làidir, cumanta a’ ceangal nan trì leabhraichean ri chèile. Is iad na leabhraichean: “Droch Ràith Mairead”, “Shenanigans Shen!” agus “Droch Shaoghal BJ”. Tha na leabhraichean uile freagarrach do dh’òganaich a tha fileanta sa Ghàidhlig agus dhaibhsan a tha ag ionnsachadh a’ chànain – ach chòrd iad gu mòr ri aon bhodach cuideachd! Is ann goirid a tha na leabhraichean, agus cha bhiodh e iomchaidh cus innse mu ciod a tha annta, gus nach millear cùisean air na leughadairean.

Anns na trì leabhraichean tha Gàidhlig shiùblach, nàdarrach an là ’n-diugh. Uaireannan tha i air a breacadh le facail agus le ràdhan Beurla, dìreach an seòrsa cànan a chluinneadh tu aig daoine òga. Cha chòir gum biodh leughadair mì-chofhartail le seo, oir sin an saoghal anns a bheil sinn beò, agus chan eil feum air faclair.

Tha mac-meanmhain mhòr anns na trì leabhraichean, agus tha buill den teaghlach cheudna a’ nochdadh annta uile, ag innse mu thrioblaidean is eile, uaireannan le àbhachdas sònraichte. Tha comasan agus sgilean an ùghdair a’ nochdadh annta air fad, agus tha iad air am foillseachadh gu tlachdmhor, le deilbh a’ cur taic chothromach ri na briathran. Agus ged is ann air òigridh a tha iad a’ bualadh, is math is fhiach do dh’inbhich an leughadh.

Tha “Droch Ràith Mairead” air a thoirt far chomhair ann an sia eisimpleirean (mar chaibideilean beaga) air an droch ràith. Mairead bhochd! Ach tha co-fhaireachdainn againn rithe. Caileag, agus i, na beachd-se, beò ann an saoghal doirbh pearsanta. Agus “Droch Shaoghal BJ” – chì sibh carson is e “BJ” a th’ aca air – tha an sgeulachd aigesan làn de thachartasan annasach, eadar dealan is tractar is poileas is caoraich.

Chòrd “Shenanigans Shen!” rium gu sònraichte. Tha an t-ùghdar a’ tarraing ar coise le fealla-dhà a tha air leth soirbheachail. Saoilidh mi gur e seo an leabhar as fheàrr de na trì, ach chan eil an sin ach beachd pearsanta. Is dòcha gun robh aithne againn uile air seanair chudeigin den t-seòrsa, uaireigin. Duine crosta, a rèir coltais, aig an robh deagh chomas air sgeulachdan beaga innse – agus air an dèanamh suas cuideachd! Tha Churchill agus a’ bhanrigh a’ nochdadh an seo. Duine crosta gu dearbha.

Tha na leabhraichean uile mun aon fhad – nas lugha na trithead duilleag. Agus tha sin gan dèanamh air leth freagarrach do dh’òigridh. Gu dearbha, cha chuir na leabhraichean seo a chadal iad, agus gheibh iad deagh thaic bho na CDan. Is ann mu dhaoine òga a tha iad air an deilbh, ged tha Shen cudromach cuideachd, agus saoilidh sinn gu bheil sin fhèin na mheadhan air gum faigh iad an deagh leughadh.

Tha Stòrlann rim moladh airson an leithid fhoillseachadh ’s a chur an clò, agus bithear an dòchas gu nochd tuilleadh den t-seòrsa. Bithear an dòchas cuideachd gun cluinn agus gum faic sinn mòran a bharrachd bho pheann agus bho inntinn sgileil C M NicIllinnein. Nach bochd nach robh leabhraichean Gàidhlig den t-seòrsa ann nuair bha mise òg. Mholainn iad do neach òg sam bith aig a bheil Gàidhlig, no aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig, no tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.


Dòmhnall Iain MacÌomhair
www.stornowaygazette.co.uk

 

Graphic: FF correction