Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Stòrlann Smẹrach Mi book launch

Stòrlann aig Co-labhairt GLPS ann an Struighlea

10 An t-Ògmhios 2008

Thug luchd-obrach bho Stòrlann seachad trì bùithtean-obrach an t-seachdain-sa do thidsearan, oifigearan comhairle agus eile aig co-labhairt ann an Sruighlea air cuspair na h-iomairt cudromaiche GLPS (Gaelic Language in the Primary School). Bha Màiri Kidd, Mòrag NicDhòmhnaill agus Dòmhnall Iain MacRisnidh a’ taisbeanadh ghoireasan teagaisg agus a’ mìneachadh do thidsearan agus luchd-taice mar a b’ urrainn dhaibh taic fhaighinn tro sheirbheis ‘Gàidhlig air-loidhne’ agus mar a b’ urrainn dhaibh cur ri prògraman Stòrlann le bhith a’ cur an cuid iarrtasan a thaobh suthan GLPS an cèill.

Image : Stòrlann display at GLPSTro sgeama GLPS tha tidsearan nach eil fileanta sa chànan a’ dèanamh prògram-trèanadh agus a’ dol air ais a lìbhrigeadh na tha iad air ionnsachadh do na clasaichean aca. Thathar a’ meas gu bheil barrachd air 6,000 sgoilear a’ gabhail pàirt ann an clasaichean GLPS gach bliadhna agus a bharrachd air cothrom coinneachaidh do thidsearan a th’ air an trèanadh a choileanadh, thug a’ cho-labhairt cothrom do thidsearan ùra pàirt a ghabhail.

Dh’fhosgail Mata MacÌomhair, Ceannard Chomhairle Choitcheann Thidsearan na h-Alba a’ cho-labhairt agus thug e aithne air cho cudromach agus a tha an iomairt, gu sònraichte ann an co-theacsa a’ Churraicealaim airson Sàr-mhathais, a tha a’ cur barrachd cuideam air cànan anns an fharsaigneachd.

 

Graphic: FF correction