Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Mar a chuala mise e

Co-obrachadh eadar Alba is Èirinn airson 'Mar a chuala mise e' fhoillseachadh

08 An Damhair 2011

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus a’ Chomhairle airson Curraicealam, Deuchainnean & Measadh (CCEA), air a bheil uallach airson goireasan foghlam Gaeilge ann an Èirinn a Tuath, air co-obrachadh gus goireas foghlaim tlachdmhor fhoillseachadh air a bheil ‘Mar a chuala mise e’ – cruinneachadh de sgeulachdan traidiseanta air an ath-innse.

Chaidh coimisean a thoirt do aon sgrìobhadair à gach dùthaich aig an robh  eòlas air sgeulachdan agus foghlam.

Chaidh gach leabhar fhoillseachadh anns an aon chruth, leis na h-aon dealbhan agus sgeulachdan, ach ann an cànan gach dùthcha, Gàidhlig agus Gaeilge.

Leis na dlùth-cheangalan follaiseach anns na leabhraichean, togaidh Mar a chuala mise e gu aire clann-sgoile cho coltach ’s a tha dualchas an dà dhùthaich.

Anns a’ chruinneachadh, tha a’ mhòr-chuid dhe na sgeulachdan à Alba agus Èirinn. Cuideachd, chaidh sgeulachdan eadar-nàiseanta a thaghadh airson sealltainn gum bi sgeulachdan a’ siubhal air feadh an t-saoghail. 

Bithear a’ foillseachadh notaichean tidseir a thèid an cois an leabhair ann an ùine nach bi fada; bidh iad air an làraich airson luchdachadh a-nuas.

Graphic: FF correction