Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Internet terms

Leabhran de bhriathrachas eadar-lìn ga sgaoileadh

11 Cèitean 2012

’S e stòr-dàta briathrachais air-loidhne a th’ anns ‘An Seotal’, a tha ag amas gu sònraichte air àrd-sgoiltean a tha a’ teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig, ach goireas a tha cuideachd feumail dha sgoilearan aig a h-uile ìre agus dha saoghal na Gàidhlig san fharsaingeachd.

Tha an làrach a’ sealltainn:

  • briathrachas anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig
  • fiosrachadh briathradaireachd iomchaidh eile, mar eisimpleir, gnè ainmearan, facail iomarra agus cruthan eile
  • cuspair(ean) ris a bheil ceangal sònraichte aig a’ bhriathrachas
  • eisimpleirean de chleachdaidhean far a bheil sin iomchaidh
  • cliath gràmair a tha a’ toirt stiùir air mar a tha ainmearan ag atharrachadh ann an diofar thuisealan agus a rèir ’s a bheil alt còmhla riutha no nach eil.

Nuair a bhathas ag ullachadh na làraich nochd grunn cheistean mu bhriathrachas iomchaidh agus bha e follaiseach gun robh iomadach eadar-theangachadh Gàidhlig ann airson aon fhacal Beurla, mar eisimpleir, ‘brobhsair’, ‘rùraiche’, ‘sealladair’ airson ‘browser’; ‘cliog’ is ‘briog’ airson ‘click’; ‘thoir a-nuas’ is ‘luchdaich a-nuas’ airson ‘download’.

Ri linn sin thug ‘An Seotal’ còrr is deich riochdairean fichead bho bhuidhnean foghlaim, buidhnean leasachaidh Gàidhlig, craoladairean agus ionadan acadaimigeach còmhla aig co-labhairt gus feumalachdan briathrachas eadar-lìn na Gàidhlig a rannsachadh.

Tron latha bhathar a’ deasbad na ceiste san fharsaingeachd agus a’ toirt sùil air a’ bhriathrachas fhèin. Anns an leabhran seo gheibhear toradh na h-obrach aca, cuide ri toradh grunn leasachaidhean eile ann an cànan coimpiutaireachd na Gàidhlig.

Ar taing dhan a h-uile duine a bha an làthair, agus gu sònraichte dha TELI airson an cuid taice.

Chaidh gabhail ris aig a’ cho-labhairt gu bheil feum air briathrachas aontaichte, air grunnan adhbharan.

An toiseach, sàbhailidh e do bhuidhnean leasachaidh agus companaidhean dealbhachaidh ùine no airgead a chosg air eadar-theangachaidhean ùra gach turas a thèid làrach-lìn no eile a chruthachadh sa chànan.

Nas cudromaiche na sin, math dh’fhaodte, leigidh e le luchd-brobhsaidh fàs cleachdte ri bhith a’ cleachdadh an eadar-lìn anns a’ chànan.

’S e raon cudromach a th’ anns an eadar-lìon don Ghàidhlig, agus gu dearbha, do chànanan san fhairsaingeachd.

Mar sin, tha sinn an dòchas gun tèid aig an leabhran seo air cuid de na ceistean a  bhios ag èirigh a fhreagairt ‘s gum bi e feumail dhuibh ann a bhith a’ cruthachadh ghoireasan ùra Gàidhlig.

Tha am briathrachas air fad san leabhran seo ri fhaighinn anns ‘An Seotal’ aig www.anseotal.org.uk.

 

 

Graphic: FF correction