Faclair na Sgoile
16 An t-Samhain 2011
Air ùr nochdadh bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig tha Faclair na Sgoile. ’S e ath-fhoillseachadh a tha san fhaclair de Bhrìgh nam Facal, le Ridseard Cox, a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1991. Ann a bhith ag ùrachadh an fhaclair chaidh grunn leasachaidhean an cur an gnìomh:
- Litreachadh air a leasachadh a-rèir GOC 2 (2005)
- Faclan cinn ann an teacsa dearg gus lorg a dhèanamh nas fhasa
- Eisimpleirean de dhòighean cleachdaidh fhaclan
- Na diofar thràthan de ghnìomhairean neoriaghailteach
Tha sinn air leth toilichte ris an fhaclair agus taingeil dhan h-uile duine a bha an sàs aig diofar amanan. Thathar an dòchas gum bi e gu feum do sgoilearan aig gach ìre.