Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic: A' Chiste-chiuil

A' Chiste-Chiùil

11 An t-Samhain 2011

Air nochdadh às ùr bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus Young Musicians Hebrides tha A' Chiste-Chiùil.

'S e bogsa de dh'ionnsramaidean ciùil a tha seo le pasgan de notaichean stiùiridh air mar a chleachdar an goireas.

Tha seiseanan trèanaidh fa-near dhuinn a bharrachd air seiseanan trèanaidh air-loidhne.

Chaidh fàilte mhòr a chur air a' ghoireas aig co-labhairt nan tidsearan, An t-Alltan, ann an Inbhir Nis san Dàmhair.

Tha cothroman an cois a' ghoireis seo leigeil leis a' chloinn (agus an tidsear!) cluich le ceòl gus fàs cofhurtail leis 's iad ag ionnsachadh òrain, rannan agus fuinn a bheir dhaibh bonn-stèidh bho aois òg.

Tha sinn an dòchas gum bi spòrs aig tidsearan agus sgoilearan sna tràth-ìrean agus gum bi an goireas seo gu feum dhaibh.

Image: A' Chiste-chiuil

 

Graphic: FF correction