Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Graphic text: Air a chur dheth

Tachartas Tobar an Dualchais airson Tidsearan

28 Cèitean 2009

Tha Tobar an Dualchais a' cur tachartas air dòigh ann an Inbhir Nis far a bhios cothrom aig tidsearan barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun phròiseict agus mar as urrainn dha na clàran-fuaim a bhith air an cleachdadh mar phàirt den Churaicealam airson Sàr-mhathais. Bidh cothrom ann cuideachd sùil a thoirt air an làraich-lìn ùr a tha sinn a' leasachadh agus beachdan a thoirt dhuinn.

Bidh an tachartas a' gabhail àite aig Millburn Academy, Diriebught Road, Inbhir Nis air Disathairne 20 An t-Ògmhìos, bho 1.30f gu 4.00f.

Ma tha sibh nur tidsear agus gum bu toigh leibh a bhith an làthair, cuiribh fios gu Elsie NicIlleathain aig sm00en@uhi.ac.uk  no 01463 795300 (fòn) ro Dhiluain 8 An t-Ògmhìos.

Tha Tobar an Dualchais a' cur mhìltean uair a thìde de chlàran-fuaim Gàidhlig agus Albais bho air feadh na h-Alba air-loidhne, le bhith gan cur ann an catalog agus gan cur ann an cruth didseatach. Tha farsaingeachd mhòr anns na chlàran-fuaim le òrain, sgeulachdan, ceòl, bàrdachd, eachdraidh, beul-aithris agus dòighean-beatha nam measg.


Graphic: FF correction