Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Stòrlann Smẹrach Mi book launch

Dà dhreach ùr snasail de bhàrdachd Gàidhlig

17 Giblean 2008

Image: Aonghas Dubh MacNeacailThàinig BBC Craoladh nan Gàidheal agus Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig còmhla ann an togalach ùr a’ BhBC an Glaschu air 17 Giblean, cuide ri iomadh bàrd cliùiteach, gus dà ghoireas ùr a chur air bhog.

Tha ‘Làrach nam Bàrd’ bho BBC Alba a’ toirt dlùth-shealladh air bàrdachd aona bhàrd deug, Somhairle MacGillEain, Ruaraidh MacThòmais, Anna Frater, Meg Bateman agus Dòmhnall Ruadh Chorùna nam measg. Chaidh a shealltainn don luchd-èisteachd ann an Glaschu le Ùna NicDhòmhnaill a mhìnich gu bheil e mar phrìomh neart an làraich gu bheil sgoilearan a’ faighinn buannachd às an stòr bhidio agus chlàraidhean fuaim a th’ aig BBC Alba. Chualas bho iomadh bàrd tron làrach air an latha agus bho aona bhàrd ‘beò’, Aonghas Dubh MacNeacail.

Tha Aonghas Dubh a’ nochdadh gach cuid air ‘Làrach nam Bàrd’ agus ann an ‘Smeòrach Mi’, cruinneachadh ùr bàrdachd bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig. Chuir Aonghas an cuimhne an luchd-èisteachd nach robh ach ‘Bàrdachd GhàidhligMhicBhàtair ri fhaotainn nuair a bha e fhèin anns an sgoil agus chuir e fàilte dha-rìribh air an làrach agus an leabhar, agus gu sònraichte air na bàird ùra òga a tha a’ nochdadh ann an Smeòrach Mi, leithid Iain S. Mac a’ Phearsain à Canada agus Ceabhan MacNèill à Leòdhas. Mhìnich Raghnaid Sandilands, neach-deasachaidh ‘Smeòrach Mi’ gun robh Stòrlann ag amas air beairteas ghuthan a thaisbeanadh do leughadairean òga agus gun robh i an dòchas gum faigheadh òigridh tlachd às an leabhar; dh’innis i don luchd-èisteachd gun robh na sgoilearan aice air a bhith gu mòr an sàs ann a bhith a’ beachdachadh air na roghainnean aice, ged nach do ghabh i ris a’ mholadh aca a thaobh an tiotail: ‘Mo Chreach ’s mo Bhàrdachd’!

Lèirmheas le Raghnall MacilleDhuibh, An t-Albannach (12/07/2008)

Graphic: FF correction