Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image : Stòrlann office at Harbour view Stornoway

Neach-obrach ùr

10 Faoilleach 2008

Tha Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a’ cur fàilte air Catrìona Mhoireach a tha a’ tòiseachadh san dreuchd ùir Oifigear Leasachaidh airson Dearbhadh Càileachd aig deireadh na mìos. Tha Catrìona air a bhith na tidsear Ghàidhlig ann an Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhùbhthaich airson iomadh bliadhna agus tha i gu math aithnichte mar eadar-theangair, ag obair do bhuidhnean leithid Am Baile, Comhairle na Gàidhealtachd agus Cànan Earranta.

Thuirt Ceannard Stòrlann, Màiri Kidd, gu bheilear ‘a’ cur fàilte chridheil air Catrìona air a bheil sinn gu math eòlach mar neach a tha air tòrr obrach a ghabhail os làimh thar nam bliadhnaichean do Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig.

Tha deagh thuigse aig Catrìona air feumalachdan sgoilearan agus luchd-teagaisg agus air obair eadar-theangachaidh agus le a taic gabhaidh càileachd stuthan Stòrlann a leasachadh agus trèanadh a thabhann do chunnradairean a tha ag eadar-theangachadh agus a’ sgrìobhadh stuthan dhuinn aig diofar ìrean.’

Duilleag an Luchd-Obrach

 

Graphic: FF correction