Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: British Colonial Soldiers

Leabhraichean ùra

22 Faoilleach 2010


Linn nan Caochlaidhean Mòra (Imprint/Stòrlann)

Anns an leabhar seo ionnsaichidh tu mun t-sluagh, mu choimhearsnachdan agus mu thachartasan ann an Linn nan Caochlaidhean Mòra. Leughaidh tu mu srì nan Seumasach air Ghàidhealtachd na h-Alba agus mu na caochlaidhean mòra a thug buaidh air gnìomhachas agus air obair an fhearainn air feadh Bhreatainn. Ionnsaichidh tu, cuideachd, mu chùisean poilitigeach a thug gu crìch riaghladh Bhreatainn ann an Ameireaga agus mu thachartasan cudromach san Fhraing a chuir às don t-seann dòigh-beatha agus a dh’fhàg an Roinn Eòrpa fo eagal.

Nuadh Eòlas AS1 – AS2 (Nelson Thornes/Stòrlann)

Bhuannaich Nuadh-eòlas AS1-AS2 duais nàiseanta nuair a chaidh a thaghadh mar aon de na leabhraichean sgoile a b’ fheàrr a nochd ann an 2004. Tha, an dà chuid, tidsearan agus sgoilearan air a bhith glè mheasail air. Tha an leabhar a-nis air ath-dheasachadh agus tha fiosrachadh air ùrachadh san fhoillseachadh tharraingeach seo. Tha a h-uile càil a bha cudromach mun chiad fhoillseachadh air a ghleidheadh agus tha aonadan ùra mu chuspairean tarraingeach air an cur ris. An lùib nan cuspairean ùra bidh sgoilearan ag ionnsachadh mu Phàrlamaid na h-Alba agus mun bhuaidh a tha aig ceannairc air saoghal an latha an-diugh.

Teejay Ìre D (5-14)

Tha an leabhar taitneach, dathach seo a’ còmhdach a h-uile càil a dh’fheumas sgoilearan a dhèanamh airson Ìre D a choileanadh anns an t-sreath Matamataig 5-14. Thathar an dùil gun toir e mu bhliadhna do sgoilearan crìoch a chur air. Aig toiseach an leabhair tha caibideil anns am bi na sgoilearan a’ ruith thairis gu sgiobalta air gach cuspair a dhèilig iad ris ann an Ìre C. Bidh seo na dheisealachadh math dhaibh airson a dhol an sàs ann an obair Ìre D.

Image: Montage of new books

 

Graphic: FF correction