Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Leis an Airgead

Goireasan Ùra

04 Ògmhios 2009

Bidh Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus rionnagan bho Bhun-sgoil Ghàidhlig Inbhirnis agus Bun-sgoil Pholl Lòchaidh a’ cur air bhog roghainn de ghoireasan ùra do sgoiltean ann an Taigh-òsta Dhruim Athaisidh ann an Inbhir Nis air an 9 Ògmhìos.

Thathas an dùil gum bi sgoilearan Pholl Lòchaidh a’ seinn òran no dhà a dh’ionnsaich iad bho ghoireasan GLPS agus bidh sgoilearan Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhirnis a’ taisbeanadh an obair a chruthaich iad a’ cleachdadh a’ ghoireas ionnsachaidh cruthachail Kar2ouche.

Seo agaibh iad:



Mo Chreideamh: Sùil air diofar chreideamhanan t-saoghail

Na sia creideamhan as motha san t-saoghal air an toirt còmhla ann an co-theacsa Albannach agus air am mìneachadh tro shùilean òigridh.

Kar2ouche : Sgrìobhadh Cruthachail

lAn dàrna tiotal à sreath Kar2ouche a leasaicheas sgilean sgrìobhaidh nan sgoilearan le uirsgeulan agus sgeulachdan traidiseanta. A’ cleachdadh charactaran, cul-raointean, àirneis is teacsa airson an dreach fhèin a chur air sgeulachdan.

Siuthad!

Geama cànain èibhinn le ceistean stèidhichte air cuspairean GLPS (Gaelic Language in the Primary School) a bhrosnaicheas sgilean labhairt is leughadh Gàidhlig – tarraingeach do shean is òg!


Cuir Fios

01851 700880
www.flickr.com
This is a Flickr badge showing items in a set called Goireasan ูra. Make your own badge here.
Graphic: FF correction