Gàidhlig|English
Graphic Link : JUMP TO CONTENT
Graphic Text : A' toirt taic do dh'fhoghlum Gàidhlig gu nàiseantaGraphic: Kids reading book
Image: Leis an Airgead

Làrach-lìn ùr

02 Màrt 2009

Tha làrach-lìn ùr aig Ionnsachadh agus Teagasg AlbaLeis an Airgead – air am faigh sibh goireasan a tha a’ dol còmhla ris an eadar-theangachadh den leabhar, On the Money.

Tha ceithir stòiridhean anns an leabhar ùr seo, Leis an Airgead, a chaidh an sgrìobhadh le Teresa Breslin, Jonathan Meres, Nicola Morgan agus Alison Prince. 'S e an dòigh anns a bheil clann a' làimhseachadh airgid an cuspair a th' annta uile.

Tha àireamhachd agus litearachd air an toirt còmhla ann an dòigh ùr nach deachadh a chleachdadh riamh roimhe ann an Alba. Thèid Leis an Airgead a thoirt dhan na sgoiltean air feadh Alba saor an asgaidh.

Thàinig Standard Life, Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus Urras Leabhraichean Albannach còmhla gus an leabhar seo a chur an clò. Tha na stòiridhean airson taic a thoirt do chlann bun-sgoile ann a bhith a' fàs fiosrach mu airgead agus gum bi iad comasach air airgead a làimhseachadh mar inbhich. Bheir seo cothrom do na sgoilearan a bhith a' cleachdadh bun-bheachdan airgeadais ann an dòigh cruthachail agus spòrsail.

Image: Collage of images from On the Money

Cuir Fios

01851 700880
Graphic: FF correction