STEM

’S e STEM a th’ air a’ bhuidheann chuspairean a tha a’ gabhail a-steach Saidheans, Teicneòlas, Einnseanaireachd agus Matamataig.

Leis gu bheil Curraicealam airson Sàr-mhathais agus am prògram Ag Ullachadh Luchd-obrach Òg ag amas gu sònraichte air na cuspairean sin, tha Stòrlann air co-obrachadh còmhla ri buidhnean eile gus goireasan ùra Gàidhlig a chruthachadh do sgoiltean.

Tha sinn an dòchas gum bi barrachd ghoireasan ann san àm ri teachd.

Saidheans | Teicneolas  | Einnseanaireachd | Matamataig

Luchd-saidheans Albannach

CfE Ìre 2

Tha an goireas tar-churraicealam seo a’ toirt cothrom do sgoilearan faighinn a-mach mu 8 luchd-saidheans cudromach, a tha ainmeil agus nach eil cho ainmeil, fireannaich agus boireannaich. Tha fòcas air cànan, gu sònraichte leughadh airson fiosrachadh agus an ceangal ri sgrìobhadh; le seo ‘s urrainn sgoilearan na teacsaichean a chleachdadh mar mhodailean, cuide ris a’ PhowerPoint agus am mat fhaclan, airson teacsaichean eachdraidh-beatha a sgrìobhadh iad fhèin.

Anns a’ ghoireas tha:

  • 8 teacsaichean leughadh airson fiosrachadh, aig trì ìrean dùbhlain, le diofar cheistean
  • PowerPoint agus mat fhaclan mun dòigh san sgrìobh thu eachdraidh-beatha
  • Ceistean sgilean smaoineachaidh
  • Geama chairtean
John Logie Baird
Saidheans | Teicneolas  | Einnseanaireachd | Matamataig
Saidheans | Teicneolas  | Einnseanaireachd | Matamataig

Raspberry Pi (Bun-sgoil)

Ciad Sùil air Raspberry Pi

’S e coimpiutairean beaga le aon bhòrd a th’ ann an Raspberry Pi. Chaidh a leasachadh san Rìoghachd Aonaichte leis an Raspberry Pi Foundation gus teagasg saidheans coimpiutaireachd bunaiteach a bhrosnachadh ann an sgoiltean agus ann an dùthchannan fo leasachadh.

Bha fèill na bu mhotha na bha dùil air a’ mhodail thùsail –- chaidh a reic taobh a-muigh a’ mhargaidh air an robhar ag amas, agus a chur gu feum ann an robotaigs is eile.

Chan àbhaist uidheam-taic (mar meur-chlàr, luch, cèis) a bhith na chois ach tha grunn phasganan oifigeil agus neo-oifigeil ri fhaotainn a-nis.

Anns na leasanan seo tha stiùireadh bunaiteach airson an coimpiutair a sheatadh suas agus a chleachdadh.

Leasan 1 – A’ tòiseachadh le Raspberry Pi 

Leasan 2 – A’ cruthachadh cuairt-dealain

Leasan 3 – A’ cleachdadh stòr-dàta 

Leasan 4 – Stòran-dàta, grafaichean-loidhne agus cron

Leasan 5 – A’ cruthachadh geama RPG le Python

Leasan 5 – Notaichean Tidseir

Leasan 5 – RPG (còd) 

Sabhail Teothachd

Àireamhan

Freagairtean

Goireasan Raspberry Pi

Stiùireadh don tidsear air Raspberry Pi

Tha 3 coimpiutairean Raspberry Pi agus uidheam-taic ri fhaotainn air iasad bho Stòrlann nam biodh tidsear airson fear fheuchainn. Cuiribh fios gu oifis@storlann.co.uk

Ar taing do Dhòmhnall I Dòmhnallach, Sealgar Earr, airson a thaic leis a’ phròiseact seo.

Rasberry Pi
Illustration- Teachers holding Raspberry Pi Computers
Raspberry Pi with case

Ciad Sealladh air an Rasberry Pi

Leasan 1 – Ciad Sealladh air an Rasberry Pi

A' Cruthachadh Cuairt-dealain

Leasan 2 – A’ Cruthachadh Cuairt-dealain

Stòran-data agus an Rasberry Pi

Leasan 3 – Stòran-data agus an Rasberry Pi

Grafaichean, Cron is an Rasberry Pi

Leasan 4 – Grafaichean, Cron is an Rasberry Pi

Leasan 5 - A’ cruthachadh geama RPG le Python

Leasan 5 – A’ cruthachadh geama RPG le Python

Lìn-bheachdan airson Saidheans:

Inneal-taic airson saidheans a chur an lùib cuspair (Bun-sgoil)

Royal Society of Chemistry Idea Webs

Dè th’ ann?

Chaidh na lìn a dhealbh mar inneal a chuidicheas le planadh cuspair, agus gus beachdachadh air mar a tha saidheans an lùib a’ chuspair.

Lìn-bheachdan airson Saidheans

Na Lochlannaich

An Darna Cogadh

Robotaigs VEX (Bun-sgoil/Àrd-sgoil)

Stiùireadh do Sgoiltean

Rinn sinn Stiùireadh do Sgoiltean air Robotaigs, an leudachadh do thidsearan a tha na chois, agus curraicealam VEX IQ air-loidhne (ri fhaighinn aig www.vexiq.com/curriculum) mar ghoireasan taic do phlatform VEX IQ do dh’oileanaich an ceann shuas na bun-sgoile agus an ceann shìos na h-àrd-sgoile. Tha tuilleadh fiosrachaidh san stiùireadh air 12 aonad teagaisg sùbailte a ghabhas cleachdadh ann an sreath, ann an cnapan, no mar leasanan fa leth.

Leis na goireasan seo, cleachdaidh oileanaich agus tidsearan VEX IQ gus saidheans, teicneòlas, einnseanaireachd agus matamataig a rannsachadh.

Ar taing do Aonad Ioma-mheadhain CnES airson an taic ann a bhith ag ullachadh an stiùiridh seo.

Stiùireadh do Sgoiltean air Robotaigs

Vex Robotics

Maths Glossary (Bun-sgoil/Àrd-sgoil)

Faclair Matamataig | Maths Glossary

Chaidh a’ chiad Faclair Matamataig fhoillseachadh mar thoradh air iarrtasan bho sgoilearan, bho thidsearan agus bho phàrantan airson barrachd stiùiridh a thaobh a’ bhriathrachais a tha air a chleachdadh ann an sreath Matamataig Heinemann Alba. Chuir luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus iadsan a tha ag obair anns na meadhanan fàilte air a’ ghoireas cuideachd. Mar a chaidh innse san ro-ràdh, b’ e an t-amas a bh’ ann am faclair ùrachadh agus a leasachadh mar a bhiodh tuilleadh ghoireasan matamataig air am foillseachadh.

On uair sin tha Stòrlann air sreath Matamataig Tee-Jay fhoillseachadh agus tha iad an-dràsta a’ foillseachadh na sreath Ùr: Gnìomh is Matamataig. Tha Matamataig air a theagasg tron Ghàidhlig a-nis suas gu Àrd Ìre Adhartach agus tha Stòrlann air a bhith a’ co-obrachadh ri SQA gus dèanamh cinnteach gu bheil an aon bhriathrachas coitcheann air a chleachdadh ann an leabhraichean sgoile agus ann am measaidhean nàiseanta.

Faclair Matamataig

Maths Glossary

Clàr nan Eileamaidean (Àrd-sgoil)

An Clàr

S e stòr-dàta briathrachais air-loidhne a th’ anns ‘An Seotal’, a tha ag amas gu sònraichte air àrd-sgoiltean a tha a’ teagasg chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig.

Tron obair aig ‘An Seotal’ tha e air dèiligeadh ri tòrr briathrachas saidheans, agus rinn am pannal co-dhùnaidhean air briathrachas co-cheangailte ri eileamaidean ceimigeach.

Mar thoradh air an seo, chaidh postair a chruthachadh a tha a’ sealltainn Clàr nan Eileamaidean, agus chaidh a sgaoileadh air àrd-sgoiltean a tha a’ teagasg Gàidhlig.

Chaidh a sgaoileadh cuideachd gu clasaichean sia agus a seachd ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus cothrom a thoirt dha sgoilearan fàs eòlach air facail a bhios iad a’ cleachdadh tric nuair a thòisicheas iad a’ dèanamh cùrsaichean saidheans san àrd-sgoil.

Tha am briathrachas air fad bhon a’ phostair seo, agus beagan a bharrachd fiosrachaidh mu na facail, ri fhaighinn air ‘An Seotal’ aig www.anseotal.org.uk

Clàr nan Eileamaidean

Periodic Table

Scholar (Àrd-sgoil)

Scholar/Stòrlann:
Aonadan Saidheans Ìre 3

Tha Stòrlann, ann an com-pàirteachas ris a’ phrògram Scholar ann an Oilthigh Heriot-Watt, air 10 aonadan Saidheans a dheasachadh a tha freagarrach airson Ìre 3.

Tha na h-aonadan a’ dèiligeadh ri topaigean a tha an Curraicealam airson Sàr Mhathas a’ moladh airson na h-ìre seo.

Tha iad air an dealbh gus gum bi luchd-ionnsachaidh air chomas an slighe fhèin obrachadh tro na stuthan aig luaths a fhreagras orra.

Tha eacarsaichean is deuchainnean eadar-obrachail annta agus tha measadh foirmeil aig deireadh gach aonaid.

Tha liosta briathrachais an cois nan aonadan.

Scholar

School pupils in a science class
Periodic Table

Leabhraichean Saidheans (Àrd-sgoil)

Leabhar an Sgoileir Ìre 3

Bidh an leabhar seo na chuideachadh do luchd-ionnsachaidh a bhios a’ coileanadh Bhuilean agus Eòlasan airson nan saidheansan aig Ìre 3 den Churraicealam airson Sàr-mhathais.
Tha e air a roinn na thrì earrannan:

  • An Talamh agus am Fànas
  • Lùth agus Forsaichean
  • Rudan Beò agus Pròiseasan Beatha

Tha am fiosrachadh air a chur ri chèile ann an dòigh tharraingeach is iomchaidh airson dèanamh cinnteach gum bi an luchd-ionnsachaidh air chomas an eòlas agus an tuigse air na cuspairean saidhseanail a thoirt air adhart.

Periodic Table

Leabhar an Sgoileir Ìre 2-3

Bidh an leabhar seo na chuideachadh do luchd-ionnsachaidh a bhios a’ coileanadh Bhuilean agus Eòlasan airson nan saidheansan aig Ìre 2 agus Ìre 3 den Churraicealam airson Sàr-mhathais.
Tha e air a roinn na thrì earrannan:

  • An Talamh agus am Fànas
  • Lùth agus Forsaichean
  • Rudan Beò agus Pròiseasan Beatha.

Tha am fiosrachadh air a chur ri chèile ann an dòigh tharraingeach a tha iomchaidh airson dèanamh cinnteach gum bi an luchd-ionnsachaidh air chomas an eòlas a gus an tuigse air na cuspairean saidhseanail a thoirt air adhart.

Saidheans Ìre 2-3