Skip to content
tha mathan_cover 100

An Sgeulachd

Chaidh an leabhar Tha Sinn a’ Dol a Shireadh Mathan fhoillseachadh le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig. Tha suthan-taic air an làraich seo a bhios nan cuideachadh sa chlas. Tha faidhle-fuaim ann le Tony Kearney a’ leughadh an leabhair. Gabhaidh a chleachdadh san sgoil no aig an taigh.

Faodaidh tu an sgeulachd a leughadh agus èisteachd ris aig an aon àm an seo, air a leughadh le Tony Kearney. Tha gach facal air a shoillseachadh nuair a tha e ga leughadh. Tha fuaimean ann cuideachd a tha a’ cur ri atmosfìr na sgeulachd.

An t-Òran

Tha trì riochdan ann den òran:
air a ghabhail le ceòl
ceòl a-mhàin
air a leughadh.
Gabhaidh faclan an òrain a luchdachadh a-nuas agus a phriontadh.

Goireasan 

Rinn sinn goireasan a tha a’ còmhdach diofar chuspairean co-cheangailte ri Tha Sinn a’ Dol a Shireadh Mathan. Gabhaidh na pdfs a luchdachadh a-nuas an seo.

Bhidio Tha Sinn a' Dol a Shireadh Mathan

Chaidh am bhidio seo a dhèanamh le sgoilearan Bun-sgoil Chaledonia ann an Glaschu.

Tha Sinn a' Dol a Shireadh Mathan