{"id":71,"date":"2010-09-16T13:19:39","date_gmt":"2010-09-16T13:19:39","guid":{"rendered":"http:\/\/localhost\/wordpress\/?page_id=71"},"modified":"2018-01-09T12:57:18","modified_gmt":"2018-01-09T12:57:18","slug":"obair-ire-1","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/ag-innse-mu-rudan-a-tha-a-tachairt-aig-an-am-seo\/bidh\/obair-ire-1\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 1"},"content":{"rendered":"<p class=\"obair-ire1\"><em>Bidh\/ bithidh\/am bi\/gum bi\/cha bhi\/ a bhios; Bidh mi a&#8217; dol ann gach seachdain<\/em><\/p>\n<h3><strong>Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/strong><\/h3>\n<p>Gabh a h-uile cothrom na structaran seo a chleachdadh:<\/p>\n<p>C\u00f2 bhios a\u2019 dol gu Asda? Bidh Anna agus Calum agus Iain agus Sahira. Agus c\u00f2 bhios a\u2019 dol gu Tesco? Bidh D\u00f2mhnall agus Sophie agus Chloe. Bidh mise a\u2019 dol gu Asda cuideachd. Bidh mi dol ann a h-uile seachdain. Uaireannan bidh mi a\u2019 dol gu Tesco air an t-slighe dhachaigh \u00e0s d\u00e8idh na sgoile. Bidh mi ceannach rudan beaga mar phinnt bainne an sin.<\/p>\n<hr \/>\n<h3><strong>Gn\u00ecomhan<\/strong><\/h3>\n<p><strong>M\u00ecneachadh<\/strong><br \/>\n Cuir seachad \u00f9ine a\u2019 m\u00ecneachadh nam p\u00e0tran agus mar a tha sinn gan cleachdadh airson bruidhinn air rudan a bhios sinn a\u2019 d\u00e8anamh gu bitheanta no gu cunbhalach (bidh mi a\u2019 cluich ball-coise a h-uile seachdain; bidh sinn a\u2019 dol don Fhraing a h-uile bliadhna air saor-l\u00e0ithean). Cuir suas na riochdan ann an seataichean (am bi thu a\u2019\/bidh mi a\u2019\/cha bhi mi a\u2019) air a\u2019 bhalla no air a\u2019 bh\u00f2rd gus am faic a\u2019 chlann iad, m.e. mar phostairean ann am builgnean cainnt.<\/p>\n<p><strong>Planadh<\/strong><br \/>\n D\u00e8an griod-planaidh dhe na rudan a bhios an clas a\u2019 d\u00e8anamh gu bitheanta:<br \/>\n Gach Diluain bidh sinn a\u2019 cluich ball-coise san talla<br \/>\n Gach Dim\u00e0irt bidh an tidsear-ci\u00f9il a\u2019 tighinn<br \/>\n msaa<\/p>\n<p><strong>Latha nam bheatha<\/strong><br \/>\n D\u00e8an griod-planaidh a\u2019 sealltainn mar a tha latha \u00e0bhaisteach nad bheatha.<br \/>\n Aig 7.30 bidh mi ag \u00e8irigh<br \/>\n Aig 8.00 bidh mi a\u2019 gabhail bracaist. Bidh mi a\u2019 gabhail rice cripies le bainne agus glainne s\u00f9gh orains<br \/>\n msaa<\/p>\n<p><strong>Lotto<\/strong> <strong>uairean<\/strong><br \/>\n D\u00e8an griod lotto le uairean agus cairtean le seantantas. Feumaidh a h-uile duine cairt a chur mu choinneamh gach uair:<\/p>\n<table border=\"1\" cellspacing=\"0\" cellpadding=\"0\">\n<tbody>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>7.30<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh mi a\u2019 d\u00f9sgadh agus a\u2019 cur orm mo chuid aodaich<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>8.00<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh mi a\u2019 gabhail bracaist<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>8.30<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh mi a\u2019 f\u00e0gail an taighe<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>9.00<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh an sgoil a\u2019 t\u00f2iseachadh<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>11.00<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh sinn a\u2019 dol a-mach airson \u00e0m-cluiche<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>12.30<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh sinn ag ithe ar l\u00f2in<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>1.30<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh sinn a\u2019 dol air ais don chlas<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>3.00<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh sinn a\u2019 dol dhacaigh<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>5.30<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh mi ag ithe mo dh\u00ecnneir<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"64\">\n<p>8.00<\/p>\n<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"504\">\n<p>Bidh mi a\u2019 dol dhan leabaidh<\/p>\n<\/td>\n<\/tr>\n<\/tbody>\n<\/table>\n<p><strong>Geama: Bidh mi a\u2019 dol dhan sgoil<\/strong><br \/>\n Coltach ri \u2018Duck, Duck, Goose\u2019. Bidh a\u2019 chlann nan suidhe ann an cearcall. Coisichidh aon duine timcheall taobh a-muigh a\u2019 chearcaill, is bragaidh e air ceann gach duine san dol seachad. Canaidh e latha. Mas e latha a th\u2019 ann air am bi e dol dhan sgoil (i.e. Diluain \u2013 Dihaoine), cha tachair s\u00econ. Mas e latha a th\u2019 ann air nach bi, feumaidh an duine sin \u00e8irigh agus feuchainn an rug e\/i air mus fhaigh e timcheall agus air ais don \u00e0ite san robh an neach eile na shuidhe.<br \/>\n (N.B. Chan eil a\u2019 chlann a\u2019 cleachdadh an structar ach tha thusa sa mh\u00ecneachadh)<\/p>\n<hr \/>\n<h3><strong>Cothroman tar-curraicealam<\/strong><\/h3>\n<p><strong>Latha an am beatha Ronaldino\/Gordon Brown msaa<\/strong><br \/>\n Mar gu h-\u00e0rd (Latha nam Bheatha), ach st\u00e8idhichte air rannsachadh mu dhuine ainmeil.<\/p>\n<p><strong>Latha an am beatha Hamza<\/strong><br \/>\n Mar gu h-\u00e0rd (Latha nam Bheatha), ach st\u00e8idhichte air rannsachadh mu bheatha neach ann an d\u00f9thaich eile. Ghabhadh seo a leudachadh gu bhith a\u2019 d\u00e8anamh coimeas eadar beatha ann an Alba agus beatha ann am (me) Etiopia:<br \/>\n Bidh mise a\u2019 dol dhan sgoil ann am bus. Bidh Hamza a\u2019 coiseachd c\u00f2ig mile don sgoil.<br \/>\n Bidh mise a\u2019 faighinn uisge \u00e0s a\u2019 ghoc. Bidh Hamza a\u2019 faighinn uisge bho thobar ann a\u2019 bhaile aige.<\/p>\n<p><strong>Ceanglaichean ghoireasan<\/strong><br \/>\n C\u00e0nan agus Cleas: cl\u00e0ran planaidh<\/p>\n<p><strong>\u00a0<\/strong><\/p>\n<p><strong><br clear=\"all\" \/><br \/>\n <\/strong><\/p>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Bidh\/ bithidh\/am bi\/gum bi\/cha bhi\/ a bhios; Bidh mi a&#8217; dol ann gach seachdain Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran Gabh a h-uile cothrom na structaran seo a chleachdadh: C\u00f2 bhios a\u2019 dol gu Asda? Bidh Anna agus Calum agus Iain agus Sahira. Agus c\u00f2 bhios a\u2019 [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":234,"menu_order":11,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-71","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/71","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=71"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/71\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/234"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=71"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}