{"id":640,"date":"2010-11-09T18:02:43","date_gmt":"2010-11-09T16:02:43","guid":{"rendered":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/?page_id=640"},"modified":"2018-01-10T09:59:34","modified_gmt":"2018-01-10T09:59:34","slug":"obair-ire-2","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/measgachadh\/a-bheil-thu-deiseil-tha-an-robh-thu-ann-cha-robh\/obair-ire-2\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 2"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-2-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire2\"><em>A bheil thu deiseil? Tha; An robh thu ann. Cha robh; Am bi thu an seo aig a sia? Cha bhi; An do rinn thu d\u2019 obair. Rinn; An cuir mi dheth na solais? Cha chuir; An e Iain a thuirt sin? Chan e; An ann air a\u2019 bhus a th\u00e0inig thu? Chan ann; Am b\u2019 ann riutsa a bha e a\u2019 bruidhinn. Cha b\u2019 ann; An urrainn dhut mo chuideachadh? Chan urrainn<\/em><\/p>\n<h3>Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/h3>\n<p>Cuir suas aon cheist air a\u2019 bh\u00f2rd dhubh gach madainn a thogas beagan deasbad. Airson 10 mionaidean, a\u2019 chiad rud sa mhadainn, d\u00e8anaibh beagan c\u00f2mhraidh mu dheidhinn na ceist. Tha seo math airson sgilean smaoineachaidh, agus tha iad a\u2019 t\u00f2iseachadh an latha a\u2019 smaoineachadh anns a\u2019 Gh\u00e0idhlig.<\/p>\n<p>Tagh ceistean a r\u00e8ir \u00ecre a\u2019 chlas.<br \/>\n me<\/p>\n<p>A bheil thu fortanach? Carson?<br \/>\n Am bu thoigh leat a bhith ainmeil? Carson? Ainmeil airson d\u00e8?<br \/>\n C\u00e0it an d\u00e8idheadh tu air saor-l\u00e0ithean nam b\u2019 urrainn dhut \u00e0ite sam bith air an t-saoghal a thaghadh?\u00a0 Carson?<br \/>\n D\u00e8 as fhe\u00e0rr, madainn no oidhche? Carson?<br \/>\n A bheil cogadh ceart uair sam bith? Carson?<br \/>\n An robh Gordon Brown ceart &#8230; a dh\u00e8anamh? \u00a0Carson?<br \/>\n An toigh leat a bhith nad aonar? Carson?<br \/>\n An urrainn do dhuine sam bith a bhith an-c\u00f2mhnaidh ceart?\u00a0 Carson?<\/p>\n<p><strong>\u00a0<\/strong><\/p>\n<p><strong>D\u00e8 chanas iad?<\/strong><br \/>\n Cleachd Audacity airson ceistean agus freagairtean a chl\u00e0radh air a\u2019 choimpiutair. Iarr air na sgoilearan \u00e8isteachd ris na ceistean. Stad an cl\u00e0radh agus iarr air a\u2019 chloinn sgr\u00ecobhadh s\u00ecos ciamar a tha iad a\u2019 smaoineachadh a th\u00e8id na ceistean a fhreagairt agus adhbhar air an son.<\/p>\n<p>Faodaidh tu seo a chleachdadh airson leudachadh air Cluedo ann an Aonad 5A far a bheil am poileas a\u2019 ceasnachadh gach duine a tha fo amharas.<\/p>\n<hr \/>\n<p><strong>Anns a\u2019 ch\u00f9irt<\/strong><br \/>\n Cleachd caractaran bho dhiofar sgeulachdan: bidh sgeulachdan traidiseanta ag obair uabhasach math airson a\u2019 ghn\u00ecomh seo. Tha an tidsear na breitheamh ann an c\u00f9irt agus tha na sgoilearan nan caractaran bhon sgeulachd. Bidh an tidsear a\u2019 faighneachd measgachadh de cheistean.<br \/>\n me<br \/>\n \u201cGoldilocks, inns an fh\u00ecrinn, an robh thu riamh ann an taigh nam mathan?\u201d<\/p>\n<p>\u201cMamaidh mathan, an t\u00e0inig thu dhachaigh aig 3 uairean feasgar?\u201d<\/p>\n<p>msaa<\/p>\n<\/div>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<div class=\"obair-ire-2-wrapper\">\n<hr \/>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>Gn\u00ecomhan<\/h3>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Ball<\/strong><br \/>\n Cuir t\u00f2rr cheistean air ball m\u00f2r (tha feadhainn bh\u00e0n ri fhaighinn bho TTS Blank Catch Ball \u00a34.99) agus cuir timcheall e. Nuair a ghlacas cuideigin e, feumaidh iad a\u2019 cheist as fhaisge air an \u00f2rdaig chl\u00ec aca a fhreagairt.\u00a0 Sgr\u00ecobh measgachadh cheistean air airson ath-sgr\u00f9dadh a dh\u00e8anamh.<br \/>\n me<\/p>\n<p>A bheil br\u00e0thair agad?<br \/>\n Am bi thu a\u2019 cuideachadh do mh\u00e0thar aig an taigh?<br \/>\n An robh thu riamh air pl\u00e8ana?<br \/>\n An do dhoirt thu bainne anns a\u2019 mhadainn?<br \/>\n An ann air a\u2019 bhus a th\u00e0inig thu an-diugh?<br \/>\n An urrainn dhut sn\u00e0mh?<br \/>\n msaa<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Poca l\u00e0n cheistean<\/strong><br \/>\n Sgr\u00ecobh s\u00ecos t\u00f2rr cheistean air p\u00ecosan beaga p\u00e0ipeir agus cuir iad ann am poca. Aig \u00e0m cearcaill, cuir timcheall am poca agus feumaidh a\u2019 chlann na ceistean a fhreagairt.<\/p>\n<p>Dh\u2019fhaodadh seo a bhith co-cheangailte ri cuspair air a bheil sibh ag obair no togail air rudan a tha tachairt anns an raon-chluiche.<br \/>\n me<\/p>\n<p>\u201cAn robh thu riamh aonaranach aig \u00e0m-cluich?\u201d<br \/>\n \u201cAm bi thu a\u2019 cluich c\u00f2mhla ri daoine a bhios a\u2019 suidhe air a\u2019 bheing c\u00e0irdeis? (\u00c0ite far an t\u00e8id clann nuair a tha iad aonaranach. Ma tha sgoilearan a\u2019 faicinn duine na shuidhe an sin, iarraidh iad orra cluich c\u00f2mhla riutha.)<br \/>\n msaa<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>Cothroman tar-churraicealaim<\/h3>\n<p><strong>Cruinn-e\u00f2las\/eachdraidh\/creideamh\/c\u00e0nan\/dr\u00e0ma<\/strong><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">Hotseat<\/span><br \/>\n Faodaidh tu cleachdadh caractar \u00e0 eachdraidh no bho sgeulachd no bho dh\u00f9thaich eile, a r\u00e8ir d\u00e8 an cuspair air a bheil iad ag obair, agus tagh cuideigin gu bhith na charactar. Faodaidh tu \u2018prop\u2019 air choreigin a thoirt dhaibh a tha co-cheangailte ris a\u2019 charactar.<\/p>\n<p>Faodaidh a\u2019 chlann ceist sam bith fhaighneachd dhaibh mu dheidhinn am beatha agus rudan a thachair dhaibh.<\/p>\n<p>Feumaidh an sgoilear freagairt mar an caractar, me \u201cChuala mi &#8230; agus bha an t-eagal orm\u201d<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">Am ball criostal<\/span><br \/>\n D\u00e8an suas liosta de cheistean airson na cloinne mu dheidhinn d\u00e8 tha a\u2019 dol a thachairt tron t-seachdain. Faodaidh tu ceistean a chur ann mun cheannard agad, tidsearan eile, daoine ainmeil msaa. Feumaidh a\u2019 chlann na ceistean a fhreagairt agus aig deireadh na seachdain, thoir s\u00f9il air na freagairtean agus thu ch\u00ec c\u00f2 bha ceart!<br \/>\n me<\/p>\n<p>An cuir Mr Mackay br\u00f2gan donn air Diciadain? ______________ (Cuiridh\/cha chuir)<\/p>\n<p>An \u00f2l Mrs Maciver cupa cofaidh Dim\u00e0irt aig \u00e0m-cluiche? _________ (Olaidh\/ chan \u00f2l)<\/p>\n<p>Am f\u00e0g duine sam bith bogsa-b\u00ecdh anns an t-se\u00f2mar-b\u00ecdh Dihaoine? ____________ (F\u00e0gaidh \/ chan fh\u00e0g)<\/p>\n<p>An cuir Cheryl Cole dreasa dubh oirre oidhche Shathairne air an X-Factor? ________<br \/>\n (Cuiridh \/ cha chuir)<\/p>\n<p>msaa<\/p>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>A bheil thu deiseil? Tha; An robh thu ann. Cha robh; Am bi thu an seo aig a sia? Cha bhi; An do rinn thu d\u2019 obair. Rinn; An cuir mi dheth na solais? Cha chuir; An e Iain a thuirt sin? Chan e; An ann air a\u2019 bhus a th\u00e0inig thu? Chan ann; Am [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":422,"menu_order":28,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-640","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/640","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=640"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/640\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/422"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=640"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}