{"id":608,"date":"2010-11-09T17:48:00","date_gmt":"2010-11-09T15:48:00","guid":{"rendered":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/?page_id=608"},"modified":"2024-10-02T10:42:04","modified_gmt":"2024-10-02T10:42:04","slug":"obair-ire-2","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/ag-innse-mu-rud-a-bhith-air-a-dheanamh-air-rud-no-neach\/tha-an-rabhadh-air-a-sgriobhadh-ann-an-dearg\/obair-ire-2\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 2"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-2-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire2\">Tha an rabhadh air a sgr\u00ecobhadh ann an dearg. Tha mi air mo le\u00f2n. Tha thu gad sh\u00e0rachadh fh\u00e8in. Cha ghabh sin d\u00e8anamh. Dh&#8217;fh\u00e0gte a-muigh e fad na h-oidhche. Chan eil m\u00f2ran ri dh\u00e8anamh. Faodar na solais a chur dheth.<\/p>\n<h3>Cothroman ann an c\u00e0nan a&#8217; chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/h3>\n<p>Aig toiseach an latha, cuir suas liosta de na tha aca ri dh\u00e8anamh an latha sin, fon tiotal; <strong>Ri dh\u00e8anamh an-diugh<\/strong><\/p>\n<p>Theirig tron liosta c\u00f2mhla ris a&#8217; chloinn, gach latha, a&#8217; faighneachd; &#8220;D\u00e8 th&#8217;agaibh ri dh\u00e8anamh an-diugh?&#8221;<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<hr \/>\n<h3>\u00a0<\/h3>\n<h3><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignright size-full wp-image-2179\" title=\"bonnie-prince-charlie\" src=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/bonnie-prince-charlie.jpg\" alt=\"Image: Bonnie Prince Charlie\" width=\"346\" height=\"394\" srcset=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/bonnie-prince-charlie.jpg 346w, https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/bonnie-prince-charlie-263x300.jpg 263w\" sizes=\"auto, (max-width: 346px) 100vw, 346px\" \/>Orain<\/h3>\n<p><strong>Mo R\u00f9n Geal \u00d2g <\/strong><\/p>\n<p>Och a The\u00e0rlaich \u00f2ig Sti\u00f9bhairt,<\/p>\n<p>&#8216;s e do ch\u00f9is rinn mo l\u00e8ireadh;<\/p>\n<p>thug thu uam gach n\u00ec bh&#8217; agam<\/p>\n<p>ann an cogadh nad adhbhar;<\/p>\n<p>cha chrodh is cha chaoraich<\/p>\n<p>tha mi caoidh ach mo ch\u00e8ile,<\/p>\n<p>ged a dh&#8217;fh\u00e0gte mi &#8216;m aonar<\/p>\n<p>gun sian san t-saoghal ach l\u00e8ine,<\/p>\n<p>Mo r\u00f9n geal \u00f2g.<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<p>Bu tu &#8216;m fear m\u00f2r bu mhath cumadh<\/p>\n<p>od mhullach gud bhr\u00f2gan<\/p>\n<p>bha do shlios mar an eala<\/p>\n<p>&#8216;s blas na meal&#8217; air do ph\u00f2gan,<\/p>\n<p>d&#8217; fhalt dualach, donn, lurach<\/p>\n<p>mu do mhuineal an \u00f2rdugh,<\/p>\n<p>&#8216;s e gu cam-lubach, cuimir,<\/p>\n<p>&#8216;s gach aon toirt urraim da bh\u00f2idhchead,<\/p>\n<p>Mo r\u00f9n geal \u00f2g.<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<p>Bu tu &#8216;m fear slinneanach letheann,<\/p>\n<p>bu chaoile meadhan &#8216;s bu dealbhaich;<\/p>\n<p>cha bu t\u00e0illear gun e\u00f2las<\/p>\n<p>dh\u00e8anadh c\u00f2ta math ge\u00e0rr dhut,<\/p>\n<p>no dh\u00e8anadh dhut triubhais<\/p>\n<p>gun bhith cumhang no gann dhut:<\/p>\n<p>mar gheala-bhradain do chasan<\/p>\n<p>led ghe\u00e0rr-osan mud chalpa,<\/p>\n<p>Mo r\u00f9n geal \u00f2g.<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<p>Och nan och, gur mi bochdag,<\/p>\n<p>&#8216;s mi l\u00e0n osnaich an-c\u00f2mhnaidh<\/p>\n<p>chaill mi d\u00f9il ri thu thighinn,<\/p>\n<p>thuit mo chridhe gu d\u00f2rtadh;<\/p>\n<p>cha tog fidheall no cl\u00e0rsach,<\/p>\n<p>p\u00ecob no t\u00e0ileasg no ce\u00f2l e \u2013<\/p>\n<p>nis o chuir iad thu &#8216;n tasgadh,<\/p>\n<p>cha d\u00f9isg caidreabh duin&#8217; \u00f2g mi.<\/p>\n<p>Mo r\u00f9n geal \u00f2g.<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<hr \/>\n<h3>Gn\u00ecomhan<\/h3>\n<p><strong>Dr\u00e0ma<\/strong><\/p>\n<p><em><strong>&#8220;Gabhadh e cleachdadh airson..&#8221;<\/strong><\/em><\/p>\n<p>Thoir a-steach rudan annasach dhan a&#8217; chlas mar iuchair, p\u00ecos r\u00f9sg craoibhe, cl\u00f2imh, m.s.a.a. Thoir aon do gach bhuidheann bheag. Feumaidh iad smaoineachadh air cleachdaidhean \u00f9ra air an son, a&#8217; cleachdadh p\u00e0tran na seachdain.<\/p>\n<p>&#8220;Gu ruige seo, bha seo air a chleachdadh airson\u2026\u2026 ach, gabhadh e cleachdadh \u2026\u2026&#8221;<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<p><strong>Leudachadh <\/strong><\/p>\n<p>Thoir rudan \u00e0bhaisteach dhan a&#8217; chloinn mar sp\u00e0in, peansail, paipear-naidheachd, botal uisge m.s.a.a.<\/p>\n<p>Ag obair le caraid, far a bheil aon sgoilear \u00e0s a&#8217; phlanaid seo agus am fear eile \u00e0 planaid eile. Feumaidh iad c\u00f2mhradh a dh\u00e8anamh, a&#8217; m\u00ecneachadh ciamar a tha an rud aca air a chleachdadh air na diofar phlanaidean aca. Faodaidh iad ceistean fhaighneachd dha ch\u00e8ile.<\/p>\n<p>&#8220;Air a&#8217; phlanaid agamsa, tha seo air a chleachdadh airson &#8230;.&#8221;<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<hr \/>\n<p>\u00a0<\/p>\n<p align=\"center\"><strong>Tha mi deiseil, am faod mi cluich?<\/strong><\/p>\n<p>Tha Murchadh a&#8217; smaoineachadh gu bheil e air cr\u00ecoch a chur air obair gu l\u00e8ir, ach chan eil an tidsear ro chinnteach! L\u00econ na be\u00e0rnan, a&#8217; leantainn p\u00e0tran na seachdain.<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<table border=\"0\" width=\"666\" cellspacing=\"0\" cellpadding=\"0\">\n<tbody>\n<tr>\n<td><span style=\"text-decoration: underline;\">Ceartaich na mearachdan.<\/span><\/td>\n<td><span class=\"obair-highlight3\"><span style=\"text-decoration: underline;\">Tha<\/span><\/span><span style=\"text-decoration: underline;\"> na mearachdan <span class=\"obair-highlight5\">air an ceartachadh.<\/span><\/span><\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td><span style=\"text-decoration: underline;\">Sgr\u00ecobh tr\u00ec paragrafan.<\/span><\/td>\n<td>\u00a0<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td><span style=\"text-decoration: underline;\">Tarraing mapa de dh\u2019Alba.<\/span><\/td>\n<td>\u00a0<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td><span style=\"text-decoration: underline;\">Tog na leabhraichean.<\/span><\/td>\n<td>\u00a0<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td><span style=\"text-decoration: underline;\">Lorg na pinn.<\/span><\/td>\n<td>\u00a0<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td><span style=\"text-decoration: underline;\">Cuir a-mach na leabhraichean-teacs.<\/span><\/td>\n<td>\u00a0<\/td>\n<\/tr>\n<\/tbody>\n<\/table>\n<p>\u00a0<\/p>\n<p><strong>P\u00e0ipear-naidheachd<\/strong><\/p>\n<p>Tha am p\u00e0tran seo freagarrach airson artaigil paipear-n\u00e0ideachd a sgr\u00ecobhadh.<\/p>\n<p>\u00a0<\/p>\n<h3>\u00a0<\/h3>\n<\/div>\n\n<!-- wp:themify-builder\/canvas \/-->","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha an rabhadh air a sgr\u00ecobhadh ann an dearg. Tha mi air mo le\u00f2n. Tha thu gad sh\u00e0rachadh fh\u00e8in. Cha ghabh sin d\u00e8anamh. Dh&#8217;fh\u00e0gte a-muigh e fad na h-oidhche. Chan eil m\u00f2ran ri dh\u00e8anamh. Faodar na solais a chur dheth. Cothroman ann an c\u00e0nan a&#8217; chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran Aig [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":401,"menu_order":26,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-608","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/608","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=608"}],"version-history":[{"count":5,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/608\/revisions"}],"predecessor-version":[{"id":3804,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/608\/revisions\/3804"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/401"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=608"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}