{"id":604,"date":"2010-11-09T17:46:47","date_gmt":"2010-11-09T15:46:47","guid":{"rendered":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/?page_id=604"},"modified":"2018-01-10T09:38:21","modified_gmt":"2018-01-10T09:38:21","slug":"obair-ire-3","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/rudan-as-urrainn-dhut-a-dheanamh-agus-a-leithid-sin\/s-urrainn-dhomh-draibheadh\/obair-ire-3\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 1"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-1-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire1\">&#8216;S urrainn dhomh dr\u00e0ibheadh.<br \/>\n Chan urrainn dhomh c\u00e0il fhaicinn.<br \/>\n An urrainn dhan bhalach do chuideachadh?<br \/>\n Cha b&#8217; urrainn dhomh gun g\u00e0ire a dh\u00e8anamh.<br \/>\n Feumaidh sinn a bhith a&#8217; dol ann nas trice.<br \/>\n B&#8217; urrainn dhomh ruith gl\u00e8 luath nuair a bha mi \u00f2g.<\/p>\n<h3>Cothroman ann an c\u00e0nan a&#8217; chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/h3>\n<p><strong>Tha S\u00ecm ag r\u00e0dh<\/strong><\/p>\n<p>An tidsear no sgoilear ag r\u00e0dh, &#8220;Tha S\u00ecm ag r\u00e0dh, &#8216;s urrainn dhomh ruith.&#8221;<br \/>\n No &#8220;Tha S\u00ecm ag r\u00e0dh, chan urrainn dhomh sn\u00e0mh.&#8221;<\/p>\n<p>Ma chanas S\u00ecm, &#8220;&#8216;S urrainn\u2026&#8221; n\u00ec a&#8217; chlann seo. Ma chanas S\u00ecm &#8220;Chan urrainn,&#8221; cha d\u00e8an a&#8217; chlann seo.<\/p>\n<p>Tha iad a-mach ma n\u00ec iad rud aig an \u00e0m che\u00e0rr.<\/p>\n<hr \/>\n<h3>Gn\u00ecomh<\/h3>\n<p>Tha an gn\u00ecomh seo steidhichte air an \u00f2ran &#8216;Is urrainn dhomh comhartaich.&#8217;<\/p>\n<p>Is urrainn dhomh comhartaich<\/p>\n<p>Chan urrainn dhomh leughadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh seinn,<br \/>\n Chan urrainn dhomh leughadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh seinn,<br \/>\n Chan urrainn dhomh leughadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh seinn,<br \/>\n Ach &#8216;s urrainn dhomhsa mialach,<br \/>\n C\u00f2 mi? \u2013 Cat!<br \/>\n Miau, miau, miau.<\/p>\n<p>Chan urrainn dhomh dannsa,<br \/>\n Chan urrainn dhomh bruidhinn,<br \/>\n Chan urrainn dhomh dannsa,<br \/>\n Chan urrainn dhomh bruidhinn,<br \/>\n Chan urrainn dhomh dannsa,<br \/>\n Chan urrainn dhomh bruidhinn,<br \/>\n Ach &#8216;s urrainn dhomhsa comhartaich,<br \/>\n C\u00f2 mi? \u2013 C\u00f9!<br \/>\n Huth, huth, huth.<\/p>\n<p>Chan urrainn dhomh sgr\u00ecobhadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh cunntadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh sgr\u00ecobhadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh cunntadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh sgr\u00ecobhadh,<br \/>\n Chan urrainn dhomh cunntadh,<br \/>\n Ach &#8216;s urrainn dhomhsa gairm,<br \/>\n C\u00f2 mi? \u2013 Coileach!<br \/>\n Gog \u2013 a doodle \u2013 do!<\/p>\n<p>Ionnsaich dhaibh an t-\u00f2ran gus am bi iad gu math e\u00f2lach air. An uair sin, atharraich na facail airson rann eile a dh\u00e8anamh agus gabh e. Stad aig &#8220;C\u00f2 mi?&#8221;<\/p>\n<p>Feumaidh a&#8217; chlann tomhais d\u00e8 th&#8217; ann agus seinn gu an deireadh. D\u00e8an a-rithist e leis a&#8217; chloinn a&#8217; seinn cuideachd.<\/p>\n<p>An uair sin, thoir dhaibh cothroman na rannan aca fh\u00e8in a dh\u00e8anamh cuideachd<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Leudachadh<\/strong><\/p>\n<p>Airson sgr\u00ecobhadh, feumaidh iadsan an rann aca fh\u00e8in a sgr\u00ecobhadh, a&#8217; cr\u00ecochnachadh le &#8220;C\u00f2 mi?&#8221; An uair sin feumaidh iad dealbh d\u00e8n bheathach aca a pheantadh.<\/p>\n<p>Cuir an sgr\u00ecobhadh agus an dealbh ri ch\u00e8ile c\u00f9l ri c\u00f9l agus croch iad uile air p\u00ecos sreang a tha dol bho aon taobh gu taobh eile den chlas. Crochaidh iad mar seo mar shreath thoimhseachain airson luchd-tadhail dhan a&#8217; chlas!<\/p>\n<p><strong>Modailean <\/strong><\/p>\n<p>Faodaidh a&#8217; chlann modailean a dh\u00e8anamh le plastasan no stuthan ealain sam bith eile. Tha iad a&#8217; dol a chruthachadh caractar le cumhachdan s\u00f2nraichte mar superhero.<\/p>\n<p>Nuair a tha iad deiseil, faodaidh iad an sealltainn dhan a&#8217; chlas agus innse d\u00e8 na cumhachdan s\u00f2nraichte a tha aige &#8211; d\u00e8 is urrainn dha a dh\u00e8anamh.<\/p>\n<p>Faodaidh e a bhith anns a&#8217; ph\u00e0tran:<\/p>\n<p>&#8220;&#8216;S urrainn dha \u2026\u2026\u2026&#8230;&#8221; no &#8220;&#8216;S urrainn dhi \u2026\u2026\u2026&#8230;&#8221;<\/p>\n<p>no<\/p>\n<p>&#8220;&#8216;S urrainn do \u2026\u2026.. \u2026\u2026\u2026&#8221;<\/p>\n<p><strong>20 diogan<\/strong><\/p>\n<p>Feumaidh na sgoilearan nas urrainn dhaibh ainmeachadh air cuspair s\u00f2nraichte ann an 20 diogan a&#8217; cleachdadh p\u00e0tran na seachdain.<\/p>\n<p>m.e.<br \/>\n Rudan as urrainn do Harry Potter a dh\u00e8anamh<br \/>\n Rudan as urrainn dhut a dh\u00e8anamh ann an amar-sn\u00e0mh.<\/p>\n<p>Feumaidh iad freagairt ann an seantansan. Gheibh iad aon chomharra airson gach freagairt cheart.<\/p>\n<p><strong><br \/>\n Ball<\/strong><\/p>\n<p>Cuir t\u00f2rr diofar cheistean air ball m\u00f2r (tha feadhainn b\u00e0n ri fhaighinn bho TTS Blank Catch Ball (\u00a34.99) agus cuir timhcheall e. Nuair a ghlacas cuideigin e, feumaidh iad a&#8217; cheist a tha nas fhaisge air an \u00f2rdag chl\u00ec aca a fhreagairt.<\/p>\n<p>m.e<\/p>\n<p>&#8220;An urrainn dhut fuaim muncaidh a dh\u00e8anamh?&#8221;<br \/>\n &#8220;An urrainn dhut Madainn mhath a r\u00e0dh ann am Frangais?&#8221;<br \/>\n &#8220;An urrainn dhut dannsa G\u00e0idhealach a dh\u00e8anamh?&#8221;<\/p>\n<p>Ma chanas iad &#8220;&#8216;S urrainn,&#8221; feumaidh iad an gn\u00ecomh sin a dh\u00e8anamh.<\/p>\n<p><strong>D\u00e8 as urrainn dhut faicinn bhon uinneag agad?<\/strong><\/p>\n<p>Iarr air a&#8217; chloinn dealbh a dh\u00e8anamh bho uinneag cuideigin s\u00f2nraichte. Faodaidh seo a bhith ceangailte ri cuspair no leabhar air a bheil sibh ag obair.<\/p>\n<p>m.e.<br \/>\n Leanabh anns na h-\u00ccnnseachan<br \/>\n Croitear aig \u00e0m na Fuadaichean<br \/>\n Tearlach \u00f2g Sti\u00f9bhart<br \/>\n Goldilocks bho thaigh nan tr\u00ec mathain<br \/>\n m.s.a.a<\/p>\n<p>Feumaidh iad seantansan a&#8217; sgr\u00ecobhadh mu dheidhinn, a&#8217; cleachdadh p\u00e0tran na seachdain.<\/p>\n<p>&#8220;&#8216;S urrainn dhomh \u2026\u2026 fhaicinn.&#8221;<\/p>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>&#8216;S urrainn dhomh dr\u00e0ibheadh. Chan urrainn dhomh c\u00e0il fhaicinn. An urrainn dhan bhalach do chuideachadh? Cha b&#8217; urrainn dhomh gun g\u00e0ire a dh\u00e8anamh. Feumaidh sinn a bhith a&#8217; dol ann nas trice. B&#8217; urrainn dhomh ruith gl\u00e8 luath nuair a bha mi \u00f2g. Cothroman ann an c\u00e0nan a&#8217; chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":406,"menu_order":26,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-604","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/604","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=604"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/604\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/406"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=604"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}