{"id":579,"date":"2010-11-09T17:38:10","date_gmt":"2010-11-09T15:38:10","guid":{"rendered":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/?page_id=579"},"modified":"2018-01-10T09:27:27","modified_gmt":"2018-01-10T09:27:27","slug":"obair-ire-1","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/ag-innse-mu-chuisean-a-tha-aon-cheum-a-mach\/tha-mi-a-smaoineachadh-gur-e-lainn-a-rinn-e\/obair-ire-1\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 1"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-1-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire1\">Tha mi smaoineachadh gur e Iain a rinn e. Tha mi smaoineachadh nach e Iain a rinn e. Tha e a&#8217; r\u00e0dh gur ann air a&#8217; bhus a th\u00e0inig e.<\/p>\n<h3>Cothroman ann an c\u00e0nan a&#8217; chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/h3>\n<p>&#8220;C\u00f2 leis tha seo?&#8221;<\/p>\n<p>&#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur ann le Anna a tha sin.&#8221;<\/p>\n<p>Iarr air a&#8217; chloinn ceist fhaighneachd do thidsear eile no do r\u00f9naire na sgoile. Nuair a thilleas iad faighnich dhaibh ceistean mu dheidhinn na thuirt iad.<\/p>\n<h3>\u00a0<\/h3>\n<h3>Gn\u00ecomh<\/h3>\n<p><strong>Madainn mhath, a R\u00ecgh<\/strong><\/p>\n<p>A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall ach aonan a shuidheas air s\u00e8ithear sa mheadhan le bann air a sh\u00f9ilean.<\/p>\n<p>Bidh cuideigin \u00e0s a&#8217; chearcall a&#8217; dol suas agus a&#8217; seasamh air beulaibh an duine seo agus ag r\u00e0dh ann an guth annasach:<\/p>\n<p>&#8220;Madainn mhath, a R\u00ecgh.&#8221; (Mas e balach a tha anns a&#8217; mheadhan)<\/p>\n<p>no<\/p>\n<p>&#8220;Madainn mhath, a Bh\u00e0nrigh.&#8221; (Mas e nighean a tha anns a&#8217; mheadhan)<\/p>\n<p>Bidh an r\u00ecgh\/b\u00e0nrigh an uair sin a&#8217; tomhais c\u00f2 tha ann.<\/p>\n<p>m.e.<\/p>\n<p>R\u00ecgh\/b\u00e0nrigh: &#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur e \u2026\u2026\u2026\u2026.. a th&#8217; ann?&#8221;<\/p>\n<p>C\u00e0ch: &#8220;&#8216;S e \u2026..\u2026\u2026\u2026.. a th&#8217; ann.&#8221;<\/p>\n<p>no &#8220;Chan e \u2026&#8230;\u2026\u2026.. a th&#8217; ann.&#8221;<\/p>\n<p>Mura bheil fios aig an r\u00ecgh\/bh\u00e0nrigh c\u00f2 tha ann tha a&#8217; chlann ag innse. Gheibh an r\u00ecgh\/b\u00e0nrigh tr\u00ec tursan le daoine eadar-dhealaichte agus an uair sin th\u00e8id r\u00ecgh\/b\u00e0nrigh eile dhan mheadhan.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Anns a&#8217; phoca<\/strong><\/p>\n<p>Mar chlas no ann am buidhnean, cuiridh a h-uile duine rudeigin ann am poca. Chan innis iad do dhuine d\u00e8 chuir iad ann. Feumaidh aon sgoilear aon rud a thogail a-mach \u00e0s a&#8217; phoca agus tomhais c\u00f2 leis a tha e.<\/p>\n<p>&#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur ann le Iain a tha e&#8221;<\/p>\n<p>&#8220;An ann leatsa a tha am peansail, a Chaluim?&#8221;<\/p>\n<p>&#8220;&#8216;<strong>S ann<\/strong>&#8221; no &#8220;<strong>Chan ann<\/strong>&#8220;<\/p>\n<p>Ma tha e ce\u00e0rr, faighnich do chuideigin eile. Ma tha e ceart, canaidh an clas air fad, &#8220;&#8216;S ann le Iain a tha am peann!&#8221;<\/p>\n<p>Leanaidh an geama air adhart mar seo gus am bi am poca falamh.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>D\u00e8 tha na caractaran a&#8217; smaoineachadh?<\/strong><\/p>\n<p>Cuir plastaig air builgeanan cainnt<img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignnone size-full wp-image-2190\" title=\"speech-bubble1\" src=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/speech-bubble1.jpg\" alt=\"Graphic: Speech bubble 1\" width=\"61\" height=\"58\" \/> agus<img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"alignnone size-full wp-image-2191\" title=\"thought-bubble1\" src=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/thought-bubble1.jpg\" alt=\"Graphic: Thought Bubble\" width=\"88\" height=\"57\" \/> smaoineachaidh, (meud A4).<\/p>\n<p>Nuair a tha sibh a&#8217; leughadh sgeulachd, stad aig p\u00ecosan s\u00f2nraichte agus feumaidh na sgoilearan, ann am buidhnean beaga, sgr\u00ecobhadh s\u00ecos na tha na caractaran a&#8217; smaoineachadh neo d\u00e8 tha iad ag r\u00e0dh.<\/p>\n<p>Feumaidh iad an uairsin innse dhan a&#8217; chlas na sgr\u00ecobh iad, ag r\u00e0dh;<\/p>\n<p>&#8220;Tha an r\u00ecgh a&#8217; r\u00e0dh gur ann leis an teaghlach aige a bha an iuchair .&#8221;<\/p>\n<p>&#8220;Tha Iain a&#8217; smaoineachadh nach b&#8217; e esan a rinn e.&#8221;<\/p>\n<p>C\u00f2 am fear an conadal?<\/p>\n<p>Cuir liosta de fhacail suas air a&#8217; bh\u00f2rd gheal agus faighnich do na sgoilearan:<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>&#8220;C\u00f2 am fear an conadal?&#8221;<\/strong><\/p>\n<p>Feumaidh na sgoilearan adhbhar a thoirt seachad air ciamar a thagh iad am fear sin. &#8216;S d\u00f2cha gum bi aon fhreagairt fhollaiseach ann ach dh&#8217;fhaodadh fear eile a bhith ceart cuideachd cho fad &#8216;s a tha iad a&#8217; m\u00ecneachadh carson.<\/p>\n<p>m.e.<\/p>\n<p>curran<\/p>\n<p>c\u00e0l<\/p>\n<p>uinnean<\/p>\n<p>plumais<\/p>\n<p>sn\u00e8ap<\/p>\n<p>&#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur e &#8216;plumais&#8217; an conadal.&#8221;<\/p>\n<p>(&#8216;S e &#8216;plumais&#8217; am freagairt follaiseach air sg\u00e0th gur e meas a tha ann agus &#8216;s e glasraich a tha anns na feadhainn eile ach tha freagairtean eile ann cuideachd: me, &#8216;uinnean&#8217; oir tha e a&#8217; t\u00f2iseachadh le fuaimreag m.s.a.a)<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<hr \/>\n<h3>Cothroman tar-curraicealam<\/h3>\n<p><strong>Litreachadh<\/strong><\/p>\n<p><strong>Geama Kim<\/strong><\/p>\n<p>Ag obair ann am buidhnean beaga, iarr air a&#8217; chloinn na facail litreachaidh aca a sgr\u00ecobhadh air p\u00ecosan beaga p\u00e0ipeir.<\/p>\n<p>Cuir iad air a&#8217; bh\u00f2rd agus feumaidh iad s\u00f9il geur a thoirt orra. An uair sin, feumaidh iad na s\u00f9ilean aca a dh\u00f9nadh agus bheir aon sgoilear aon de na facail air falbh. Fosglaidh iad na s\u00f9ilean aca agus feuchaidh iad ri tomhais d\u00e8 na facail a chaidh a thoirt air falbh.<\/p>\n<p>&#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur e \u2026\u2026\u2026\u2026\u2026\u2026. a th&#8217; ann.&#8221;<\/p>\n<p>no<\/p>\n<p>&#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur e \u2026\u2026\u2026\u2026\u2026\u2026. am facal a chaidh a thogail.&#8221;<\/p>\n<p>no<\/p>\n<p>&#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur e \u2026\u2026\u2026\u2026\u2026\u2026 am facal a thog thu.&#8221; (A-r\u00e8ir d\u00e8 p\u00e0tran air a bheil thu ag iarraidh obair.)<\/p>\n<p>Ma tha iad ceart, feumaidh iad a litreachadh mus t\u00e8id e a chur s\u00ecos a-rithist.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>\u00a0<\/h3>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha mi smaoineachadh gur e Iain a rinn e. Tha mi smaoineachadh nach e Iain a rinn e. Tha e a&#8217; r\u00e0dh gur ann air a&#8217; bhus a th\u00e0inig e. Cothroman ann an c\u00e0nan a&#8217; chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran &#8220;C\u00f2 leis tha seo?&#8221; &#8220;Tha mi a&#8217; smaoineachadh gur ann le [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":379,"menu_order":0,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-579","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/579","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=579"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/579\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/379"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=579"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}