{"id":497,"date":"2010-11-09T14:16:44","date_gmt":"2010-11-09T12:16:44","guid":{"rendered":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/?page_id=497"},"modified":"2018-01-09T17:05:32","modified_gmt":"2018-01-09T17:05:32","slug":"obair-ire-2","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/rudan\/an-cat-an-sruth-faclan-fireanta\/obair-ire-2\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 2"},"content":{"rendered":"<p class=\"obair-ire2\"><em>an cat, an sruth, an t-aran;\u00a0 air a\u2019 bh\u00f2rd, air an t-s\u00e8ithear;\u00a0 leis an \u00f2rd, aig an doras;\u00a0 c\u00f2ta a\u2019 bhalaich, fonn an \u00f2rain;\u00a0 ri taobh an t\u2013s\u00e8ithir;\u00a0 air c\u00f9l an dorais;\u00a0\u00a0 doras c\u00e0ir, a\u2019 dr\u00e0ibheadh c\u00e0r<\/em><\/p>\n<p>Feumaidh na sgoilearan a bhith comasach air tomhas a dh\u00e8anamh an ann fireannta no boireannta a tha an t-ainmear.<\/p>\n<div class=\"obair-box\">M\u00ecnich dhaibh ma tha an t-ainmear a\u2019 comharrachadh <strong>neach <\/strong>no<strong> beathach fireann<\/strong> gum bi am facal fireannta. Agus ma tha e a\u2019 comharrachadh <strong>neach <\/strong>no<strong> beathach boireann<\/strong>, bidh e boireannta.<span class=\"obair-highlight1\"><strong>Fireannta \u2013 an t-athair, am br\u00e0thair, am fear, am bodach, an coileach, an tarbh<\/strong><\/span><br \/>\n <span class=\"obair-highlight2\"><strong>Boireannta \u2013 a\u2019 mh\u00e0thair, an t\u00e8, an t-seanmhair, a\u2019 phiuthar, a\u2019 chearc, a\u2019 bh\u00f2 <\/strong><\/span><\/div>\n<div>\u00a0<\/div>\n<div class=\"obair-box\">\n<p>&#8216;S ann <span class=\"obair-highlight2\">boireannta<\/span> a tha <span class=\"obair-highlight2\"><strong>c\u00e0nain <\/strong><\/span>agus <span class=\"obair-highlight2\"><strong>d\u00f9thchannan<\/strong><\/span> agus a&#8217; chuid as motha de na h-ainmearan ioma-lideach tha a&#8217; criochnachadh le<strong class=\"obair-highlight2\"> -ag, -achd, -id<\/strong><\/p>\n<p class=\"obair-highlight2\">A&#8217; Gh\u00e0idhlig, Alba, An Fhraing, caileag, b\u00e0rdachd, caraid.<\/p>\n<\/div>\n<div class=\"obair-box\">\n<p>Mar as trice, ma tha ainmear a&#8217; cr\u00ecochnachadh le connrag chaol, &#8216;s ann <span class=\"obair-highlight2\"><strong>boireannta<\/strong><\/span> a bhios e.<\/p>\n<p class=\"obair-highlight2\">abhainn, beinn, d\u00f9thaich, fe\u00f2il, iuchair, sirist, s\u00f9il, toit<\/p>\n<\/div>\n<div class=\"obair-box\">\n<p>Ach &#8216;s ann <span class=\"obair-highlight1\">fireannta<\/span> a tha a&#8217; mh\u00f2r-chuid de dh&#8217;ainmearan a tha a&#8217;cr\u00ecochnachadh leis na lidean <span class=\"obair-highlight1\"><strong>-ach, -adh, -an, -as<\/strong><\/span> agus cuideachd dreuchdan a&#8217; cr\u00ecochnachadh le <strong class=\"obair-highlight1\">-ir, -iche.<\/strong><\/p>\n<p><span class=\"obair-highlight1\">deireadh, aran, solas, clachair, seinneadair, sgr\u00ecobhadair.<\/span><\/p>\n<\/div>\n<div class=\"obair-box\">\n<p>Mar as trice, ma tha ainmear a&#8217; cr\u00ecochnachadh le connrag leathann, &#8216;s ann <strong><span class=\"obair-highlight1\">fireannta<\/span><\/strong> a bhios e.<\/p>\n<p class=\"obair-highlight1\">aodann, beul, solas, toll, peann, rathad.<\/p>\n<\/div>\n<p>Faic <strong>Facal air an Fhacal<\/strong> le Michel Byrne airson barrachd fiosrachaidh.<\/p>\n<p>Bhiodh e feumail taisbeanadh m\u00f2r a chur suas air a\u2019 bhalla a\u2019 sealltainn an fhiosrachaidh gu h-\u00e0rd. Faodaidh tu aon leth den bhalla a dh\u00e8anamh pinc agus an leth eile gorm, no cleachd samhlaidhean mar seo.<\/p>\n<p style=\"text-align: center;\">\u00a0<a href=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/7A1-pic1.jpg\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"aligncenter size-full wp-image-2044\" title=\"7A1 pic1\" src=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/7A1-pic1.jpg\" alt=\"Graphic: Male\/Female symbols\" width=\"218\" height=\"92\" \/><\/a><\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p style=\"text-align: center;\"><a href=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/7A1-pic-2.png\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"aligncenter size-full wp-image-2045\" title=\"7A1 pic 2\" src=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/7A1-pic-2.png\" alt=\"Graphic: Male \/female selection chart\" width=\"600\" height=\"355\" srcset=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/7A1-pic-2.png 600w, https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/11\/7A1-pic-2-300x177.png 300w\" sizes=\"auto, (max-width: 600px) 100vw, 600px\" \/><\/a><\/p>\n<p>Thoir cairtean do na sgoilearan le diofar ainmearan orra agus feumaidh iad an cur suas air a\u2019 bhalla anns a\u2019 cholbh cheart.<\/p>\n<p><strong>Fireannta no boireannta<\/strong><br \/>\n Cuir an clas ann am buidhnean agus thoir cairt ghorm agus cairt phinc do gach buidheann. \u00c8igh a-mach ainmear agus feumaidh iad a\u2019 chairt phinc a chur suas ma tha iad a\u2019 smaoineachadh gu bheil e boireannta agus a\u2019 chairt ghorm a chur suas ma tha iad a\u2019 smaoineachadh gu bheil e fireannta.<\/p>\n<div class=\"development-box\">\n<h3>Leudachadh<\/h3>\n<p>Feumaidh am buidheann a chuireas a\u2019 chairt cheart suas an toiseach seantans s\u00ecmplidh a r\u00e0dh a\u2019 cleachdadh p\u00e0tran na seachdain.<br \/>\n me<\/p>\n<p>Tha Iain na shuidhe air an t-s\u00e8ithear.<\/p>\n<\/div>\n<div class=\"remember-box\">\n<h3>D\u00f2ighean airson cuimhneachadh<\/h3>\n<p>Tha e math diofar dh\u00f2ighean a lorg airson rudan a chuimhneachadh. Seo d\u00f2igh airson cuimhneachadh an ann fireannta no boireannta a tha na diofar fhacail.<\/p>\n<p>Cleachd ainmear agus feuch ri sealltainn gu bheil e fireannta no boireannta ann an dealbh.<\/p>\n<p>me b\u00f2 (boireannta) Dealbh de bh\u00f2 le f\u00e0inneachan-cluaise agus br\u00f2gan le s\u00e0ilean \u00e0rda oirre.<\/p>\n<p>no<\/p>\n<p>beul (fireannta) Dealbh de bheul m\u00f2r le builgean cainnt a\u2019 tighinn \u00e0s, a\u2019 bruidhinn mu dheidhinn ball-coise<\/p>\n<p>Ma tha a\u2019 chlann a\u2019 cuimhneachadh air an dealbh den Eadailt (boireannta) mar bhr\u00f2g le s\u00e0il \u00e0rd, \u2019s d\u00f2cha le baga ri a taobh, bidh cuimhne aca gur ann boireannta a tha i, agus mar sin bithear an d\u00f2chas gum bi iad a\u2019 cuimhneachadh na riaghailt gur ann boireannta a tha na d\u00f9thchannan gu l\u00e8ir.<\/p>\n<p>Bidh beachdan \u00e8ibhinn aig na sgoilearan airson seo a shealltainn gu h-\u00e8ifeachdach! Cuir na dealbhan suas air a\u2019 bhalla cuideachd, air an taisbeanadh anns a\u2019 cholbh cheart.<\/p>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>an cat, an sruth, an t-aran;\u00a0 air a\u2019 bh\u00f2rd, air an t-s\u00e8ithear;\u00a0 leis an \u00f2rd, aig an doras;\u00a0 c\u00f2ta a\u2019 bhalaich, fonn an \u00f2rain;\u00a0 ri taobh an t\u2013s\u00e8ithir;\u00a0 air c\u00f9l an dorais;\u00a0\u00a0 doras c\u00e0ir, a\u2019 dr\u00e0ibheadh c\u00e0r Feumaidh na sgoilearan a bhith comasach air tomhas a dh\u00e8anamh an ann fireannta no boireannta a tha an [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":338,"menu_order":0,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-497","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/497","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=497"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/497\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/338"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=497"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}