{"id":42,"date":"2010-09-16T13:00:53","date_gmt":"2010-09-16T13:00:53","guid":{"rendered":"http:\/\/localhost\/wordpress\/?page_id=42"},"modified":"2018-01-09T12:30:32","modified_gmt":"2018-01-09T12:30:32","slug":"obair-ire-t","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/ag-innse-mu-rudan-a-tha-a-tachairt-aig-an-am-seo\/tha-mi-a\/obair-ire-t\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre T"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-t-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire-t\"><em>Tha mi a&#8217; sgr\u00ecobhadh; Tha mi a&#8217; d\u00e8anamh dealbh; Tha mi a&#8217; faicinn na gealaich; A bheil thu gam fhaicinn\/gad\/ga\/ga h-\/gar\/gur\/gan(m) faicinn?<\/em><\/p>\n<h3>Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/h3>\n<p><strong>A\u2019 cleachdadh ghoireasan is obair na cloinne mar stimulus airson c\u00e0nan<\/strong><br \/>\n Gabh a h-uile cothrom bruidhinn mu na rudan a tha a\u2019 chlann a\u2019 d\u00e8anamh.<br \/>\n D\u00e8 tha thu a\u2019 d\u00e8anamh, Sarah? Tha thu a\u2019 fuine, a bheil? A bheil thu a\u2019 d\u00e8anamh aran? No a bheil thu a\u2019 d\u00e8anamh c\u00e8ic? I\u00f9m i\u00f9m.<br \/>\n D\u00e8 th\u2019 anns an dealbh? Gealach. A bheil sibh ga faicinn, a h-uile duine? C\u00f2 tha a\u2019 faicinn na gealaich?<\/p>\n<hr \/>\n<h3>Gn\u00ecomhan<\/h3>\n<p><strong>Geama \u2018D\u00e8 tha thu a\u2019 d\u00e8anamh?\u2019<\/strong><br \/>\n Geama cearcaill. Feumaidh aon duine a dhol dhan mheadhan agus m\u00ecm a dh\u00e8anamh. Faighnich:<br \/>\n Seall X. D\u00e8 tha e\/i a\u2019 d\u00e8anamh?<br \/>\n Nuair a tha a\u2019 chlann a\u2019 smaoineachadh gu bheil fios aca, feumaidh iad an l\u00e0mhan a chur suas. Tagh cuideigin airson innse dhut (le taic c\u00e0nain ma tha sin a dh\u00ecth):<br \/>\n Tha e a\u2019 sn\u00e0mh<br \/>\n An uair sin, feumaidh a h-uile duine sn\u00e0mh:<br \/>\n (Thusa) Seall sinne. Tha sinn uile a\u2019 sn\u00e0mh.<br \/>\n An uair sin th\u00e8id an duine a fhreagair dhan mheadhan agus t\u00f2isichidh an geama a-rithist.<\/p>\n<p><strong>\u00a0<\/strong><\/p>\n<p><strong>Geama \u2018C\u00f2 tha a\u2019 faicinn Teadaidh?\u2019<\/strong><br \/>\n Falaich Teadaidh (no eile) fhad \u2019s a tha s\u00f9ilean na cloinne d\u00f9inte agus an uair sin faighnich:<br \/>\n C\u00f2 tha a\u2019 faicinn Teadaidh? C\u00f2 tha ga fhaicinn?<br \/>\n Nuair a ch\u00ec a\u2019 chlann e, feumaidh iad an l\u00e0mhan a chur suas. Tagh cuideigin airson innse dhut c\u00e0it a bheil e, mar a leanas (taic bhuatsa airson an \u2018rann\u2019 ionnsachadh):<br \/>\n Tha mise ga fhaicinn. Siud e!<br \/>\n Faodaidh an duine sin an uair sin Teadaidh a chur am falach agus t\u00f2isichidh an geama a-rithist leis an duine sin a\u2019 cur na ceist.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Geama \u2018Falach Fead\u2019<\/strong><br \/>\n Mar gu h-\u00e0rd, ach aon duine chloinne a\u2019 dol am falach an \u00e0ite Teadaidh<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3><strong>Cothroman tar-churraicealaim <\/strong><\/h3>\n<p><strong>Ce\u00f2l<\/strong><br \/>\n Feuch na h-\u00f2rain leanas:<br \/>\n \u2018Tha mi a\u2019 ruith,\u2019 ars\u2019 an rabaid, \u2018Tha mi ruith\u2019<br \/>\n Tha Cuibhlichean a\u2019 bhus dol car, car, car<br \/>\n \u2018Tha M\u00e0iri a\u2019 dannsa\u2026\u2019<\/p>\n<p>Faodaidh a\u2019 chlann na gn\u00ecomhan a dh\u00e8anamh \u2013 a h-uile duine c\u00f2mhla no duine mu seach am meadhan a\u2019 chearcaill.<\/p>\n<p><strong>Dr\u00e0ma<\/strong><br \/>\n Inns st\u00f2iridh a\u2019 cleachdadh fhaclan mar \u2018a\u2019 sn\u00e0mh\u2019, \u2018a\u2019 togail\u2019 agus mar sin air adhart. Gach turas a chanas tu facal mar sin, feumaidh a\u2019 chlann an gn\u00ecomh a dh\u00e8anamh (dh\u2019fhaodadh tu clag a chleachdadh airson innse dhaibh gu bheil rud ri dh\u00e8anamh gus am f\u00e0s iad cleachdte ris a\u2019 gheama), me:<br \/>\n Bha seachdain thrang aig Daibhidh. Diluain bha e a\u2019 sn\u00e0mh anns an amar aig an sgoil. Dim\u00e0irt bha e a\u2019 cluich ball-coise. Diciadain bha e a\u2019 leughadh leabhar anns a\u2019 chlas. Diardaoin bha e a\u2019 fuine c\u00f2mhla ri Granaidh. Dihaoine bha e ag obair anns a\u2019 gh\u00e0rradh fad an latha.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<hr \/>\n<h3>Rabhadh!<\/h3>\n<p>Thoir an aire nach cleachd thu an structar seo far am bu ch\u00f2ir dhut gn\u00ecomhairean a chleachdadh an \u00e0ite gn\u00ecomh-ainmearan, mar a ch\u00ec thu anns na p\u00ecosan a leanas:<\/p>\n<table border=\"1\" cellspacing=\"0\" cellpadding=\"0\">\n<tbody>\n<tr class=\"obair-ire-t\">\n<td valign=\"top\" width=\"332\"><strong>Ce\u00e0rr<\/strong><\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\"><strong>Ceart<\/strong><\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">An uair sin bha na mucan a\u2019 togail thaighean.<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">An uair sin, thog na mucan taighean.<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">Bha a\u2019 chiad mhuc a\u2019 togail taigh connlaich.<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">Thog a\u2019 chiad mhuc taigh connlaich.<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">Bha an d\u00e0rna muc a\u2019 togail taigh fiodha.<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">Thog an d\u00e0rna muc taigh fiodha.<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">Bha an treas muc a\u2019 togail taigh breige.<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">Thog an treas muc taigh breige.<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">An uair sin bha am madadh-allaidh a\u2019<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">An uair sin th\u00e0inig am madadh-allaidh<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">tighinn agus bha e ag r\u00e0dh \u2018Bidh mise<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">agus thuirt e, \u2018S\u00e8ididh mi agus s\u00e8ididh<\/td>\n<\/tr>\n<tr>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">a\u2019 s\u00e8ideadh agus a\u2019 s\u00e8ideadh agus\u2026\u2019<\/td>\n<td valign=\"top\" width=\"332\">mi agus\u2026\u2019<\/td>\n<\/tr>\n<\/tbody>\n<\/table>\n<p>Ma chluinneas tu a\u2019 chlann a\u2019 cleachdadh a\u2019 chiad structar nuair bu ch\u00f2ir dhaibh an d\u00e0rna fear a chleachdadh, feuch gun cuir thu ceart iad le bhith ag ath-aithris an rud a thuirt iad mar bu ch\u00f2ir.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha mi a&#8217; sgr\u00ecobhadh; Tha mi a&#8217; d\u00e8anamh dealbh; Tha mi a&#8217; faicinn na gealaich; A bheil thu gam fhaicinn\/gad\/ga\/ga h-\/gar\/gur\/gan(m) faicinn? Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran A\u2019 cleachdadh ghoireasan is obair na cloinne mar stimulus airson c\u00e0nan Gabh a h-uile cothrom bruidhinn mu na rudan [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":232,"menu_order":20,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-42","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/42","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=42"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/42\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/232"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=42"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}