{"id":243,"date":"2010-09-16T15:07:50","date_gmt":"2010-09-16T15:07:50","guid":{"rendered":"http:\/\/localhost\/wordpress\/?page_id=240"},"modified":"2018-01-09T16:40:21","modified_gmt":"2018-01-09T16:40:21","slug":"obair-ire-2","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/ag-innse-mu-rudan-a-thachras-as-deidh-seo\/ni-an-dean-cha-dean-cluinnidh-an-cluinn-cha-chluinn\/obair-ire-2\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 2"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-2-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire2\"><em>N\u00ec, an d\u00e8an, cha d\u00e8an; ch\u00ec, am faic, chan fhaic; canaidh, an can, cha chan; a chluinneas<\/em><\/p>\n<h3>Gn\u00ecomh<\/h3>\n<p><strong>C\u00f2 ris a bhios an saoghal coltach ann an 50 bliadhna?<\/strong><br \/>\n Feumaidh na sgoilearan smaoineachadh mu dheidhinn c\u00f2 ris a bhios an saoghal coltach ann an 50 bliadhna. \u2019S d\u00f2cha le bhith a\u2019 smaoineachadh air bl\u00e0thachadh na cruinne, no air an teicne\u00f2las \u00f9r a bhios ann an uair sin.<\/p>\n<p>Bhiodh seo freagarrach airson c\u00f2mhradh no sgr\u00ecobhadh no dh\u2019fhaodadh na sgoilearan \u00f2raid \/ PowerPoint a dh\u00e8anamh mu dheidhinn.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Seanfhaclan<\/strong><br \/>\n Bhiodh e feumail t\u00f2rr bhruidhinn a dh\u00e8anamh air na seanfhaclan, a\u2019 dol thairis air faclan doirbh agus a\u2019 smaoineachadh air na tha iad a\u2019 ciallachadh. Cuideachd, bhiodh e math cuid dhiubh ionnsachadh. Tha t\u00f2rr sheanfhaclan ann a bhios a\u2019 cleachdadh a\u2019 ph\u00e0train seo agus seo cuid dhiubh.<\/p>\n<ul type=\"disc\">\n<li>An n\u00ec a ch\u00ec na big, \u2019s e n\u00ec na big &#8211; What the little ones see, the little ones do.<\/li>\n<li>Cha d\u00e8an \u2018Tapadh leis an fh\u00ecdhlear\u2019 am f\u00ecdhlear a ph\u00e0igheadh &#8211; A \u2018thank you\u2019 doesn\u2019t pay the fiddler.<\/li>\n<li>An l\u00e0mh a bheir, \u2019s i a gheibh &#8211; The hand that gives is the hand that gets.<\/li>\n<li>Cha toir a\u2019 bh\u00f2idhchead goil air a\u2019 phoit- Beauty won\u2019t boil the pot.<\/li>\n<li>Am feur a thig a-mach sa Mh\u00e0rt, th\u00e8id e staigh sa Ghiblean &#8211; The grass that grows in March disappears in April.<\/li>\n<li>Cha d\u00e8an cas l\u00e0idir nach ith br\u00f9 mh\u00f2r &#8211; The strong foot will not find more than the big belly will devour.<\/li>\n<li>Cha t\u00e8id n\u00ec sam bith san d\u00f2rn dh\u00f9inte &#8211; Nothing can get into a closed fist.<\/li>\n<li>Ge b\u2019 e thig gun chuireadh, suidhidh e gun iarraidh &#8211; Who comes uninvited will sit down unbidden.<\/li>\n<li>An n\u00ec a thig leis a\u2019ghaoith, falbhaidh e leis an uisge &#8211; What comes with the wind will go with the rain.<\/li>\n<li>Cha d\u00e8an aon sme\u00f2rach samhradh &#8211; One mavis doesn\u2019t make summer.<\/li>\n<li>Cha d\u00e8an cat miotagach sealg &#8211; A cat in mittens won\u2019t catch mice.<\/li>\n<li>Gheibh cearc an sgr\u00ecobain rudeigin, is chan fhaigh cearc a\u2019 chr\u00f9bain dad idir &#8211; The scraping hen will find something, but the creeping hen will find nothing.<\/li>\n<li>Am fear nach d\u00e8an cur sa Mh\u00e0rt, cha bhuain e san fhoghar &#8211; He who will not sow in March will not reap in autumn.<\/li>\n<li>Am fear a th\u00e8id a ghn\u00e0th a-mach le l\u00econ, gheibh e e\u00f2in air uairibh &#8211; The man who always goes out with his net will catch birds sometimes.<\/li>\n<\/ul>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Leudachadh<\/strong><br \/>\n Airson geama a chluich a\u2019 cleachdadh sheanfhaclan, bidh aon sgioba a\u2019 f\u00e0gail an t-se\u00f2mair agus ag aontachadh air seanfhaclan agus c\u00f2 tha a\u2019 dol a r\u00e0dh gach facal. Nuair a thilleas iad, bidh iad uile ag \u00e8igheach a-mach an fhacail aca fh\u00e8in aig an aon \u00e0m agus feumaidh na sgiobaidhean eile feuchainn ris an seanfhacal a thomhas.<\/p>\n<hr \/>\n<h3>\u00a0<\/h3>\n<h3>Cothroman tar-churraicealaim<\/h3>\n<p><strong>Ce\u00f2l<\/strong><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">Ch\u00ec mi na m\u00f2r-bheanna<\/span><\/p>\n<p>O ch\u00ec, ch\u00ec mi na m\u00f2r-bheanna,<br \/>\n O ch\u00ec, ch\u00ec mi na m\u00f2r-bheanna,<br \/>\n O ch\u00ec, ch\u00ec mi na coireachan,<br \/>\n Ch\u00ec mi na sgoran fo che\u00f2.<\/p>\n<p>1. Ch\u00ec mi gun d\u00e0il an t-\u00e0ite san d&#8217; rugadh mi,<br \/>\n Cuirear orm f\u00e0ilte sa ch\u00e0nan a thuigeas mi;<br \/>\n Gheibh mi ann aoidh agus gr\u00e0dh nuair ruigeam<br \/>\n Nach reicinn air tunnachan \u00f2ir.<\/p>\n<p>2. Ch\u00ec mi a&#8217; ghrian an liath nam flaitheanas,<br \/>\n Ch\u00ec mi san iar a ciar nuair laigheas i;<br \/>\n Chan ionann &#8216;s mar th\u00e0 i ghn\u00e0th anns a&#8217; bhaile seo<br \/>\n &#8216;N deatach a&#8217; falach a gl\u00f2ir.<\/p>\n<p>3. Ch\u00ec mi ann coilltean, ch\u00ec mi na doireachan,<br \/>\n Ch\u00ec mi na m\u00e0ghan b\u00e0na as torraiche,<br \/>\n Ch\u00ec mi na f\u00e8idh air l\u00e0r nan coireachan,<br \/>\n Falaicht&#8217; an trusgan de che\u00f2.<\/p>\n<p>4. Beanntaichean \u00e0rda as \u00e0illidh leacainnean,<br \/>\n Sluagh ann an-c\u00f2mhnaidh as c\u00f2ire cleachdainnean,<br \/>\n &#8216;S aotrom mo cheum a&#8217; leum gam faicinn,<br \/>\n Is fanaidh mi tacan le de\u00f2in.<\/p>\n<p>5. F\u00e0gaidh mi \u00f9praid, s\u00f9rd, agus glagarsaich,<br \/>\n Dh&#8217;fhaicinn an fhuinn anns an cluinnteadh a&#8217; chagarsaich,<br \/>\n F\u00e0gaidh mi c\u00f9irtean d\u00f9int\u2019 agus salach,<br \/>\n A dh&#8217;amharc air gleannaibh nam b\u00f2.<\/p>\n<p>6. F\u00e0ilt&#8217; air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachanach,<br \/>\n F\u00e0ilt&#8217; air na c\u00f2rr-bheannaibh m\u00f2ra, muladach,<br \/>\n F\u00e0ilt&#8217; air na coilltean agus f\u00e0ilt&#8217; air na h-uile,<br \/>\n \u00d2! &#8216;s sona bhith &#8216;fuireach nan c\u00f2ir.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>Faodaidh na sgoilearan rann no dh\u00e0 a sgr\u00ecobhadh a\u2019 moladh an \u00e0ite aca fh\u00e8in, \u00a0a\u2019 feuchainn ri p\u00e0tran na seachdain a chleachdadh.<\/p>\n<p><strong>\u00a0<\/strong><\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">Togail c\u00f9rs air Le\u00f2dhas<\/span><\/p>\n<p>Tiugainn leam is d\u00e8an cabhag \u2019s th\u00e8id sinn thairis a-null<br \/>\n Dh&#8217;eilean uasal na G\u00e0idhlig rinn ar n-\u00e0rach nar cloinn;<br \/>\n T\u00ecr nan treun fhear as calma choisinn ainm am measg Ghall<br \/>\n &#8216;S th\u00e8id sinn c\u00f2mhla, a leannain, th\u00ecr an rainich a-null.<\/p>\n<p>N\u00ec sinn gluasad gu d\u00e0na suas na br\u00e0ighean &#8216;s na caoil;<br \/>\n Gheibh sinn aiseag gu s\u00e0bhailt null gu \u00e0ite mo ghaoil<br \/>\n &#8216;S nuair a bhuaileas i &#8216;m b\u00e0gh ann chluinn thu Gh\u00e0idhlig gach taobh,<br \/>\n &#8216;S gheibh sinn aoigh agus f\u00e0ilt &#8216;n eilean b\u00e0igheil an fhraoich.<\/p>\n<p>Ch\u00ec thu muir, ch\u00ec thu m\u00f2inteach, ch\u00ec thu mh\u00f2ine mun cuairt,<br \/>\n Ch\u00ec thu cnuic ghlas is le\u00f2idean air am b\u2019 e\u00f2lach sinn uair;<br \/>\n Ch\u00ec thu machraichean c\u00f2mhnard \u2019s tha gu le\u00f2r dhiubh air tuath,<br \/>\n Ann an Nis, \u00e0ite b\u00f2idheach, \u2019s thogadh \u00f2g ann mi suas.<\/p>\n<p>Ch\u00ec thu Ti\u00f9mpan tha aosmhor air aodann nan stuagh,<br \/>\n &#8216;S tric tha sholas toirt saorsainn do na laoich tha air chuan<br \/>\n &#8216;S iomadh b\u00e0t&#8217; bh&#8217; air a sgi\u00f9rsadh &#8216;s i gun ch\u00f9rs\u2019 ri droch uair<br \/>\n Rinn an soills&#8217; ud a sti\u00f9ireadh steach a ch\u00f9iltean Loch a Tuath<\/p>\n<p>\u2019S nis nach aontaich thu, r\u00f9in, rium \u2019s d\u00e8an co-dh\u00f9nadh air ball,<br \/>\n Leig do shoraidh gun smuairean le d\u00f9thaich nan Gall,<br \/>\n Dol gu fearann ar s\u00ecnnseir bha cho str\u00ectheil na cheann,<br \/>\n \u2019S n\u00ec sinn t\u00e0mh anns an t\u00ecr sin gus an s\u00ecnear sinn ann.<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">\u00a0<\/span><\/p>\n<p><strong>Topaig \u2013 Cruinn-e\u00f2las\/eachdraidh<\/strong><br \/>\n Faodaidh na sgoilearan dealbh a dh\u00e8anamh de na ch\u00ec iad bhon uinneig aca fh\u00e8in no uinneag na sgoile. Faodaidh iad an dealbh aca a shealltainn dhan a\u2019 chlas, a\u2019 r\u00e0dh,\u00a0 \u201cCh\u00ec mi\u2026\u201d<\/p>\n<p><strong>Leudachadh<\/strong><br \/>\n Tagh cuideigin co-cheangailte ris an topaig agad agus d\u00e8an an aon ghn\u00ecomh \u2013 d\u00e8 chitheadh iadsan bhon uinneig aca.<\/p>\n<p>me Handa, bhon sgeulachd Measan Handa, nighean bheag a\u2019 fuireach ann an Ghana, Afraga.<br \/>\n Croitear \u00e0 Cataibh aig \u00e0m nam Fuadaichean.<br \/>\n Am Prionnsa Te\u00e0rlach (Bonnie Prince Charlie)<br \/>\n Balach beag ann an Afganastan<br \/>\n Faodaidh na sgoilearan dealbh a dh\u00e8anamh agus paragraf a sgr\u00ecobhadh mu dheidhinn, a\u2019 cleachdadh p\u00e0tran na seachdain, (ch\u00ec mi\/cluinnidh mi\/thig\/th\u00e8id msaaa)<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3><span style=\"text-decoration: underline;\">\u00a0<\/span><\/h3>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>N\u00ec, an d\u00e8an, cha d\u00e8an; ch\u00ec, am faic, chan fhaic; canaidh, an can, cha chan; a chluinneas Gn\u00ecomh C\u00f2 ris a bhios an saoghal coltach ann an 50 bliadhna? Feumaidh na sgoilearan smaoineachadh mu dheidhinn c\u00f2 ris a bhios an saoghal coltach ann an 50 bliadhna. \u2019S d\u00f2cha le bhith a\u2019 smaoineachadh air bl\u00e0thachadh na [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":210,"menu_order":79,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-243","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/243","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=243"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/243\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/210"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=243"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}