{"id":144,"date":"2010-09-16T14:30:10","date_gmt":"2010-09-16T14:30:10","guid":{"rendered":"http:\/\/localhost\/wordpress\/?page_id=144"},"modified":"2018-01-09T16:31:10","modified_gmt":"2018-01-09T16:31:10","slug":"obair-ire-2","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/ag-innse-mu-rudan-a-thachair-ron-a-seo\/tha-e-air-tilleadh\/obair-ire-2\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre 2"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-2-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire2\"><em>Tha e air tilleadh; tha mi air t\u00f2rr a dh\u00e8anamh; tha mi air an d\u00e8anamh<\/em><\/p>\n<h3>Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/h3>\n<p>\u201cCia mheud paragraf a tha thu air a sgr\u00ecobhadh?\u201d<br \/>\n \u201cA bheil thu air an obair-dachaigh agad a dh\u00e8anamh fhathast?\u201d<br \/>\n \u201cTha mi air t\u00f2rr obair a dh\u00e8anamh an-diugh!\u201d<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<hr \/>\n<h3>Gn\u00ecomh<\/h3>\n<p>Cuir suas dealbhan air a\u2019 bh\u00f2rd bogaidh\/ no air a\u2019 bhalla agus feumaidh a\u2019 chlann am p\u00e0tran ceart a thaghadh gus am faic iad an t-eadar-dhealachadh eadar \u201ctha mi a\u2019\u2026..\u201d agus \u201ctha mi air \u2026.. a\u2026.\u201d<\/p>\n<p>me<\/p>\n<p><a href=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/09\/2E2-pic1.gif\"><img loading=\"lazy\" decoding=\"async\" class=\"aligncenter size-full wp-image-2020\" title=\"2E2-pic1\" src=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/09\/2E2-pic1.gif\" alt=\"Graphic: Cartoon of male and female\" width=\"377\" height=\"280\" srcset=\"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/09\/2E2-pic1.gif 377w, https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-content\/uploads\/2010\/09\/2E2-pic1-300x222.gif 300w\" sizes=\"auto, (max-width: 377px) 100vw, 377px\" \/><\/a><\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>\u201cTha Calum a\u2019 ceannach preusant\u201d<\/p>\n<p>no<\/p>\n<p>\u201cTha Calum air preusant a cheannach\u201d<\/p>\n<p>msaa<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\"><br \/>\n <\/span><\/p>\n<p><strong>C\u00f2 mi?<\/strong><br \/>\n Ag obair c\u00f2mhla ri caraid, feumaidh na sgoilearan smaoineachadh air cuideigin ainmeil. Faodaidh e a bhith na chluicheadair ball-coise, na sheinneadair, no cuideigin \u00e0 eachdraidh.<\/p>\n<p>Feumaidh iad 3 p\u00ecosan fiosrachaidh a sgr\u00ecobhadh a\u2019 cleachdadh p\u00e0tran na seachdain gus am faigh an caraid a-mach c\u00f2 e\/i.<br \/>\n me<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">Sgoilear 1:<\/span><\/p>\n<p>\u201cTha mi air ball-coise a chluich airson Sasainn\u201d<br \/>\n \u201cTha mi air ball-coise a chluich airson L.A Galaxy.\u201d<br \/>\n \u201cTha mi air Spice Girl a ph\u00f2sadh.\u201d<br \/>\n \u201cC\u00f2 mi?\u201d<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">Sgoilear 2:<\/span><\/p>\n<p>\u201cAn e Daibhidh Beckham a th\u2019 ann?\u201d<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">Sgoilear 1:<\/span><\/p>\n<p>\u201c\u2019S e.\u201d<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<hr \/>\n<h3>\u00d2rain<\/h3>\n<p align=\"left\"><strong>Tillidh Mi<br \/>\n <\/strong><br \/>\n Tha samhradh bliadhna eile air tighinn<br \/>\n Ach cha thog mo ghrian an-\u00e0ird<br \/>\n Mo chasan trom &#8216;s iad &#8216;g iarraidh dhachaigh<br \/>\n &#8216;S m&#8217; inntinn dol mun cuairt<br \/>\n Tha mi fallain, tha mi \u00f2g<br \/>\n Ach lag &#8216;s mi b\u00e0thadh gun do ph\u00f2g<br \/>\n Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghr\u00e0dh<\/p>\n<p align=\"left\">Tillidh mi dhachaigh, tillidh mi dhachaigh<br \/>\n Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghr\u00e0dh<\/p>\n<p align=\"left\">Bho \u00e0m gu \u00e0m bidh mise a&#8217; coiseachd<br \/>\n Nam \u00f2nrachd s\u00ecos an t-sr\u00e0id<br \/>\n Mi smuaineachadh air abhainn fhada<br \/>\n Tha laighe fad&#8217; bhon rathad<br \/>\n \u2019S i gu bhith l\u00e0n le bric a&#8217; sn\u00e0mh<br \/>\n &#8216;S tachas dian na mo l\u00e0imh<br \/>\n Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghr\u00e0dh.<\/p>\n<p align=\"left\">Nuair a thuiteas oidhche orm<br \/>\n &#8216;S e \u00e0m as miosa a th&#8217; ann<br \/>\n Mise laighe na mo leabaidh<br \/>\n &#8216;S thusa na mo cheann<br \/>\n Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh<br \/>\n &#8216;S tu nad sh\u00ecneadh ri mo thaobh<br \/>\n Cha chaidil mi gun till mi gu mo ghr\u00e0dh.<\/p>\n<p><span style=\"color: #ff9900;\">\u00a0Faclan aig Calum D\u00f2mhnallach (<a href=\"http:\/\/www.runrig.co.uk\" target=\"_blank\" rel=\"noopener\"><span style=\"color: #ff9900;\">www.runrig.co.uk<\/span><\/a>)<\/span><\/p>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Tha e air tilleadh; tha mi air t\u00f2rr a dh\u00e8anamh; tha mi air an d\u00e8anamh Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran \u201cCia mheud paragraf a tha thu air a sgr\u00ecobhadh?\u201d \u201cA bheil thu air an obair-dachaigh agad a dh\u00e8anamh fhathast?\u201d \u201cTha mi air t\u00f2rr obair a dh\u00e8anamh [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":88,"menu_order":84,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-144","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/144","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=144"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/144\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/88"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=144"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}