{"id":108,"date":"2010-09-16T13:44:15","date_gmt":"2010-09-16T13:44:15","guid":{"rendered":"http:\/\/localhost\/wordpress\/?page_id=108"},"modified":"2018-01-09T16:19:44","modified_gmt":"2018-01-09T16:19:44","slug":"obair-ire-t","status":"publish","type":"page","link":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/clar-amais\/ag-innse-mu-rudan-a-thachair-ron-a-seo\/chaidhan-deachaidhcha-deachaidh\/obair-ire-t\/","title":{"rendered":"Obair \u00ecre T"},"content":{"rendered":"<div class=\"obair-ire-t-wrapper\">\n<p class=\"obair-ire-t\"><em>Rinn\/an do rinn\/gun do rinn\/cha do rinn; chunnaic\/am faca\/gum faca\/chan fhaca; chuala\/an cuala\/gun cuala\/cha chuala; thuirt\/an tuirt\/gun tuirt\/cha tuirt<\/em><\/p>\n<h3>Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran<\/h3>\n<p>\u201cAn do rinn thu d\u2019 obair?\u201d<br \/>\n \u201cD\u00e8 rinn thu aig an deireadh-sheachdain?\u201d<br \/>\n \u201cTha mi a\u2019 smaoineachadh gun do rinn thu gl\u00e8 mhath!\u201d<br \/>\n \u201cAm faca tu Mgr Macle\u00f2id anns a\u2019 mhadainn?\u201d<br \/>\n \u201cAn cuala mi cuideigin a\u2019 bruidhinn Beurla?!\u201d<br \/>\n \u201cThuirt Mamaidh gun do rinn thu dealbh math aig an taigh\u201d<br \/>\n\u201cAn t\u00e0inig thu air a\u2019 bhus an-diugh?\u201d<\/p>\n<h3>\u00a0<\/h3>\n<hr \/>\n<h3>Gn\u00ecomhan<\/h3>\n<p><strong>Tha S\u00ecm ag r\u00e0dh<\/strong><\/p>\n<ul type=\"disc\">\n<li><span style=\"text-decoration: underline;\">Chuala mi\/Cha chuala mi<\/span><\/li>\n<\/ul>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>An tidsear no leanabh ag r\u00e0dh:<br \/>\n \u201cTha S\u00ecm ag r\u00e0dh, anns an t-sutha chuala mi pitheid a\u2019 sgreuchail.\u201d<br \/>\n (n\u00ec a\u2019 chlann fuaim pitheid a\u2019 sgreuchail)<\/p>\n<p>ach ma tha an tidsear no leanabh ag r\u00e0dh:<br \/>\n \u201cTha S\u00ecm ag r\u00e0dh, anns an t-sutha cha chuala mi le\u00f2mhann ag \u00e8igheachd.\u201d<br \/>\n (chan \u00e8igh a\u2019 chlann mar le\u00f2mhann)<\/p>\n<p>Tha iad a-mach ma n\u00ec iad fuaim aig an \u00e0m che\u00e0rr.<\/p>\n<ul type=\"disc\">\n<li><span style=\"text-decoration: underline;\">Chunnaic\/Chan fhaca<\/span><\/li>\n<\/ul>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">\u00a0<\/span><\/p>\n<p>An tidsear no leanabh ag r\u00e0dh:<br \/>\n \u201cTha S\u00ecm ag r\u00e0dh, anns an taigh agamsa chunnaic mi each a\u2019 dannsa.\u201d<br \/>\n (N\u00ec a\u2019 chlann dannsa mar each.)<\/p>\n<p>\u201cTha S\u00ecm ag r\u00e0dh, anns an taigh agamsa chan fhaca mi c\u00f9 a\u2019 coiseachd.\u201d<br \/>\n (Cha choisich a\u2019 chlann mar ch\u00f9.)<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Chaidh mise dhan t-sutha<\/strong><br \/>\n A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall.<\/p>\n<p>Sgoilear 1: \u201cChaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi\u2026.\u201d<\/p>\n<p>A h-uile duine: \u201cAm faca?\u201d<\/p>\n<p>Sgoilear 1: \u201cChunnaic\/chan fhaca\u201d<\/p>\n<p>Mar is \u00e8ibhinne a tha e, \u2019s ann as fhe\u00e0rr a tha e!<\/p>\n<p><span style=\"text-decoration: underline;\">\u00a0<\/span><\/p>\n<p><strong>Leudachadh<\/strong><br \/>\n A\u2019 dol timcheall \u2019s bidh a\u2019 chlann a\u2019 cuimhneachadh na chaidh a r\u00e0dh roimhe agus a\u2019 d\u00e8anamh liosta.<\/p>\n<p>Sgoilear 1: \u201cChaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi muncaidh molach\u201d<\/p>\n<p>Sgoilear 2: \u201cChaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi muncaidh molach agus ailbhean \u00e0lainn.<br \/>\n msaa<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Pocain p\u00f2nair anns a\u2019 bhogsa<\/strong><br \/>\n Ann am buidheann beag. Tha aon duine a\u2019 faighinn 5 pocain p\u00f2nair agus feumaidh iad an tilgeil ann am bogsa a tha p\u00ecos air falbh.<\/p>\n<p>Tidsear: \u201cCia mheud a fhuair thu dhan a\u2019 bhogsa?\u201d<\/p>\n<p>Sgoilear: \u201cFhuair mi 3 dhan a\u2019 bhogsa.\u201d<\/p>\n<p>Bidh a h-uile duine anns a\u2019 bhuidheann a\u2019 faighinn cothrom na pocain a thilgeil.<\/p>\n<p>\u2019S urrainn dhaibh na sg\u00f2ran a chl\u00e0radh air duilleag-comharrachaidh agus graf s\u00ecmplidh a dh\u00e8anamh cuideachd.<\/p>\n<p>Tha an gn\u00ecomh seo math airson sgilean gluasaid a leasachadh.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>Rudan g\u00f2rach<\/strong><br \/>\n A\u2019 chlann nan suidhe ann an cearcall no aig na b\u00f9ird aca.<\/p>\n<p>An tidsear: \u201cD\u00e8 chunnaic thusa anns a\u2019 bhaile an-d\u00e8?\u201d<\/p>\n<p>Sgoilear: \u201cChunnaic mise ailbhean a\u2019 dannsa.\u201d<\/p>\n<p>An tidsear: \u201cAm faca?\u201d<\/p>\n<p>A h-uile duine: \u201cChan fhaca, tha sin g\u00f2rach!\u201d<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<h3>Cothroman tar-churraicealaim<\/h3>\n<p><strong>Ce\u00f2l<\/strong><br \/>\n A\u2019 chlann a\u2019 cleachdadh ionnstramaidean airson fuaimean a dh\u00e8anamh a chluinneas sinn aig amannan s\u00f2nraichte. \u201cRinn mi fuaim mar\u2026\u201d neo \u201cTha mi a\u2019 smaoineachadh gun cuala mi\u2026\u201d<br \/>\n me<br \/>\n Oidhche Shamhna:\u00a0 taibhsean, bana-bhuidseach a\u2019 sgreuchail.<br \/>\n Nollaig: Rudolph a\u2019 coiseachd air mullach taighe, Bodach na Nollaig a\u2019 tighinn a-nuas an similear!<br \/>\n An t-earrach: Na h-uain, iseanan a\u2019 b\u00ecogail<br \/>\n Air tuathanas: Na diofar bheathaichean.<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p><strong>A\u2019 cluich anns a\u2019 ghainmhich<\/strong><br \/>\n Cuir rudan am falach anns a\u2019 ghainmhich. Iarr air a\u2019 chloinn an lorg agus an roinn a r\u00e8ir an se\u00f2rsa. me<\/p>\n<p>Rudan dearg\/gorm\/uaine\/buidhe<br \/>\n Rudan a tha cruinn no ce\u00e0rnagach<br \/>\n Rudan a th\u00e8id a ghluasad<br \/>\n Triantain\/ce\u00e0rnagan\/cearcaill<\/p>\n<p>Tha a\u2019 chlann a\u2019 toirt iomradh air na chruinnich iad agus mar a bha iad a\u2019 cuideachadh a ch\u00e8ile, me<br \/>\n \u201cFhuair mi b\u00e0ta dearg anns a\u2019 ghainmhich.\u201d<br \/>\n \u201cThug Iain triantan buidhe dhomh\u201d<br \/>\n \u201cBheir mi dhut e..\u201d<\/p>\n<hr \/>\n<h3>\u00d2rain agus rannan (D\u00e8 thuirt thu?)<\/h3>\n<p>Am bodach beag annasach (Chunnaic)<br \/>\n An cuala tu (Chuala)<br \/>\n Aon, dh\u00e0, tr\u00ec, tha cuilean agam fh\u00ecn (Chunnaic, chuala)<br \/>\n Bl\u00e0rag (Chaidh, bheir)<br \/>\n Br\u00f2gan \u00f9ra (Fhuair)<br \/>\n Chaidh c\u00f2ig tunnagan beaga a shn\u00e0mh\u00a0 (Chaidh)<br \/>\n Chaidh mi dhan sgoil an-d\u00e8 (Rinn, chaidh, chunnaic)<br \/>\n Chaidh mise dhan bhaile (Chaidh, chunnaic)<br \/>\n Chaidh mise dhan bh\u00f9th an-d\u00e8 (Rinn, chaidh, chunnaic, fhuair)<br \/>\n Chaidh sinn a bhuain na m\u00f2nach (Chaidh)<br \/>\n Chuala mi a\u2019 chuthag (Chuala)<br \/>\n C\u00f2 rinn an rionnag bhr\u00e8agha? (Rinn)<br \/>\n C\u00f2ig luchainn bheaga gheala (Chaidh)<br \/>\n C\u00f2ig uighean ann am basgaid (thug)<br \/>\n I-bh\u00ec-a-da (Chunnaic, rinn)<br \/>\n Na maragan aig Ruairidh (rinn)<br \/>\n Noah \u2019s a\u2019 bhean \u2019s a\u2019 mhic (Chaidh)<br \/>\n Phiseag bheag (Rinn)<br \/>\n Rinn mi bodach-sneachd\u2019 an-d\u00e8 (Rinn)<br \/>\n Seoc is S\u00ecne (Chaidh)<\/p>\n<h3>\u00a0<\/h3>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<p>&nbsp;<\/p>\n<\/div>\n","protected":false},"excerpt":{"rendered":"<p>Rinn\/an do rinn\/gun do rinn\/cha do rinn; chunnaic\/am faca\/gum faca\/chan fhaca; chuala\/an cuala\/gun cuala\/cha chuala; thuirt\/an tuirt\/gun tuirt\/cha tuirt Cothroman ann an c\u00e0nan a\u2019 chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran \u201cAn do rinn thu d\u2019 obair?\u201d \u201cD\u00e8 rinn thu aig an deireadh-sheachdain?\u201d \u201cTha mi a\u2019 smaoineachadh gun do rinn thu gl\u00e8 mhath!\u201d [&hellip;]<\/p>\n","protected":false},"author":1,"featured_media":0,"parent":79,"menu_order":90,"comment_status":"closed","ping_status":"closed","template":"","meta":{"inline_featured_image":false,"footnotes":""},"class_list":["post-108","page","type-page","status-publish","hentry","has-post-title","has-post-date","has-post-category","has-post-tag","has-post-comment","has-post-author",""],"builder_content":"","_links":{"self":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/108","targetHints":{"allow":["GET"]}}],"collection":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages"}],"about":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/types\/page"}],"author":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/users\/1"}],"replies":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/comments?post=108"}],"version-history":[{"count":0,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/108\/revisions"}],"up":[{"embeddable":true,"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/pages\/79"}],"wp:attachment":[{"href":"https:\/\/storlann.co.uk\/mirean\/wp-json\/wp\/v2\/media?parent=108"}],"curies":[{"name":"wp","href":"https:\/\/api.w.org\/{rel}","templated":true}]}}