Skip to content

Roesmary Ward, An t-Alltan 2016
alltan-2017-workshops
alltan-2017

Fàilte

Chaidh An t-Alltan 2017 a chumail ann an Ionad Co-labhairt MhicDhòmhnaill san Aghaidh Mhòir, air 27 & 28 Sultain.

Tha a’ cho-labhairt seo a’ toirt sàr chothrom do luchd-foghlaim Gàidhlig air leasachadh dreuchdail agus a’ toirt cothrom sùil a thoirt air iomairtean teagaisg agus ionnsachaidh ùra tro shreath de dh’òraidean agus bùthan-obrach.

Dìreach mar a thachair an uiridh, tha sinn toilichte gun robh luchd-teagaisg nan Tràth-ìrean cuide rinn aig co-labhairt an Alltain am-bliadhna cuideachd.

Bha 30+ bùth-obrach againn – faic na taghaidhean gu h-ìosal.

 

\"Stòrlann\"

Bùthan-obrach 2017

Seiseanan sònraichte

A bharrachd air na bùthan-obrach eile bha dà bhùth-obrach ghoirid ann aig 5.00f Diciadain – Ciad Sùil air Microsoft Sway (Bathar-bog taisbeanaidh) agus Ciad Sùil air Raspberry Pi (Prògramadh Coimpiutair).

Bha cothrom ann pàirt a ghabhail ann an dà bhuidheann fòcais cuideachd – Àrainneachd Eachdraidheil Alba agus Bookbug. Choinnich buidheann fòcais HES aig 5.00f agus fear Bookbug aig 5.30f.

Chan eil ach na h-uimhir a dh’àiteachan aig na seiseanan seo agus le sin, thèid an toirt don chiad fheadhainn a dh’iarras iad. Tha dùil gum mair iad uile 30-45 mionaidean.

Ma tha thu airson àite a ghleidheadh, lìon am foirm clàrachaidh goirid aig:

http://twilight-sessions.storlann.co.uk

Tha tuilleadh fiosrachaidh air Facebook.

Tràth Ìrean

1. A-null ’s a-nall

Màiri NicLeòid & Fay NicDhiarmaid, Bòrd na Gàidhlig

Òrain is rannan sìmplidh airson cleachadh anns na seiseanan 0-3 le clann agus pàrantan. Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil òrain is rannan cho cudromach ann a bhith a’ togail agus a’ cleachdadh cànan agus ga stèidheachadh.

 

2. Go! Gaelic

Jackie Mullen

Bidh Jackie Mullen, bho Sgioba Sgaoilidh Go!Gaelic aig Stòrlann, a’ dèanamh bùth-obrach air mar a ghabhas an goireas Go! Gaelic a chleachdadh còmhla ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig bhon Tràth Ìre chun na Dàrna Ìre.

Bidh cothrom ann coimhead air planadh adhartais do Luchd-ionnsachaidh a tha ag ionnsachadh Gàidhlig mar L2 agus L3. Bidh Jackie, a dh’ionnsaich Gàidhlig i fhèin, a’ toirt trèanadh ann an GLL (Gaelic Language Learning) do thidsearan ann am meadhan Alba.

’S e prògram sònraichte a th’ ann an GLL (GLPS roimhe) le trèanadh, taic agus goireasan a dh’ullaicheas tidsearan leis na sgilean Gàidhlig agus na modhan teagaisg a tha riatanach gus Gàidhlig a lìbhrigeadh mar L2 no L3 bhon Tràth Ìre chun an Dàrna Ìre sa bhun-sgoil.

 

3. Cò tha sin?

Dougie Beck

A’ cleachdadh phupaidean airson cànan a bheothachadh le clann òg agus pàrantan.

A’ coimhead ri leabhraichean a thoirt beò le bhith a’ cleachdadh phupaidean agus ris an t-eòlas agus na sgilean againn fhèin a neartachadh. Diofar eisimpleirean airson pupaidean sìmplidh a chruthachadh le clann.

 

4. Tiugainn a-mach

Alasdair MacDhaibhidh

Cothrom a dhol a-mach mu chuairt an Taigh-òsta agus coimhead dè na rudan a nì sinn còmhla le clann òg agus pàrantan a-muigh anns an àrainneachd – ’s dòcha fiù ’s a’ coimhead airson mheanbh-bhiastagan.

A’ cruthachadh ghoireasan sìmplidh airson cleachdadh le clann a bhith a’ cluich a-muigh.

 

5. Cànan is cleachdadh

Alice Sharpe, Experiential Play

A’ cruthachadh àrainneachd làn Gàidhlig, stèidhichte air rannsachadh anns na tràth ìrean agus bogadh cànain. Tòrr mòr fios is rudan airson cànan a neartachadh le clann agus pàrantan. Ag obair còmhla le clann aig diofar aoisean.

 

6. Messy Play

MessyNess

Bùth-obrach air cluich le stuthan eadar-dhealaichte mar slaman-milis, cop, poll, gainmheach, duilleagan, flùr, uisge, dèideagan agus abair tòrr spòrs.

7. Fasgadh

Alasdair MacDhaibhidh

A’ cruthachadh àiteachan a-muigh airson clann a bhith a’ cluich agus ag ionnsachadh – a’ togail dens, ionadan-fasgaidh agus beagan sgilean “Bushcraft”.

 

Tha cothrom cuideachd aig riochdairean nan Tràth Ìrean bùth-obrach bun-sgoile a fhrithealadh (Seiseanan 1, 2, 3 agus 4).

 

\"Alltan

 

\"alltan

 

Ollie Bray

Ollie Bray

Fosgladh / Òraid

Bha dùil againn gum biodh Joan NicAoidh a’ bruidhinn madainn Diciadain 27 Sultain.

Tha Joan a’ stiùireadh na tha Foghlam Alba a’ cur ris a’ phrògram nàiseanta, A’ Deasachadh Luchd-obrach Òg, ag obair còmhla ri compàirtichean nàiseanta. Tha i cuideachd a’ stiùireadh Cruthachalachd thar Ionnsachadh agus Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd.

Gu mì-fhortanach, b’ fheudar do Joan tarraing às aig a’ mhionaid mu dheireadh ach bha sinn air leth toilichte gun do dh’iarr i air Ollie Bray, Ceannard Àrd-sgoil Cheann a’ Ghiùthsaich tighinn na h-àite. Na dhòigh eirmseach fhèin dh’inns e mar a bha piseach a’ tighinn air ionnsachadh san sgoil tro atharrachadh air structar a’ churraicealam. Chòrd Ollie ris na bha an làthair, agus tha sinn fada an comain Ollie airson ar cuideachadh. Chaidh òraid Ollie a chraoladh air Facebook Live agus tha i ri fhaighinn air duilleag Facebook Stòrlann, mar a tha na seiseanan gu lèir bhon talla-mhòr.

 

Clàr-ama na Co-labhairt

Dimàirt 26 Sultain
19:00 – 20:00

Clàradh

Clàradh

Tagh sruth aig a’ cho-labhairt…

Tràth Ìrean (Ro-sgoil)

\"Tràth
[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#A1DD00\” link=\”http://alltan1.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\” target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Bun-sgoil

\"An
[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#00A3D9\” link=\”http://alltan2.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\” target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Àrd-sgoil

\"High
[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#FF9326\” link=\”http://alltan3.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\” target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Òraidiche / Stiùiriche Bùth-obrach / Neach-taisbeanaidh / Neach-tadhail eile nach eil a’ teagasg

[themify_button style=\”medium rect flat\” color=\”#A300D9\” link=\”http://alltan4.storlann.co.uk\” text=\”#FFFFFF\”  target=\”_self\” ]Clàraich an-dràsta[/themify_button]

Bhidiothan

An t-Alltan 2017

“Tha e math a bhith coinneachadh ri daoine eile san aon shuidheachadh riut fhèin.”

[themify_icon icon=\”fa-twitter\” icon_bg=\”#FFFFFF\” icon_color=\”#991896\” ] An t-Alltan air Twitter

[themify_twitter username=\”antalltan\” show_count=\”3\” show_timestamp=\”false\” show_follow=\”true\” ]

Aig a\’ cho-labhairt bidh fiosrachadh ri fhaighinn cuideachd bho…

[themify_col grid=\”2-1 first\”]

[/themify_col]
[themify_col grid=\”2-1\”]

[/themify_col]

Alltan Mascot