Image: Tin Whistle

 

Taoitear airson fìor luchd-tòiseachaidh

An robh thu riamh ag ràdh riut fhèin gun còrdadh e riut ionnsramaid ciùil a chluich ach, aig an aon àm, a' smaoineachadh nach biodh sin idir comasach dhut? Ma bha, seo do chothrom dearbhadh dhut fhèin gu bheil e comasach dhut!

• A thaobh cosgais, meud, cuideam, raon notaichean agus an seòrsa ciùil a chluicheas i, chan fhaigh thu nas fheàrr na an fhìdeag.

• Thèid an fhìdeag, gun dragh, nad phòcaid 's cha bhi fios aig duine gu bheil i agad – mar sin cha bhi thu a' faireachdainn nàrach ga giùlan mun cuairt!

• An-diugh, chì thu luchd-ciùil proifeiseanta agus saor-thoileach a' cluich na fìdeig ann an còmhlain-ciùil thraidiseanta agus tha sin a' dearbhadh gu bheil sean is òg measail oirre.

• Leis an leabhar seo, faodaidh tu ionnsachadh mar a leughas tu ceòl, no faodaidh tu fuinn ionnsachadh le bhith a' cleachdadh àireamhan (no an dà chuid!) 'S e rud ùr mun leabhar seo gu bheil an dà chuid taobh ri taobh air an duilleig. Tha a' chairt-chleith na rud ùr cuideachd. Ro thric bidh sgoilearan a' coinneachadh ri cus fiosrachaidh air duilleig. Falaichidh a' chairt-chleith na rudan nach fheum thu fhaicinn aig àm àraid. (Ach faodaidh sùilean geura a bhith a' coimeas an dà sheòrsa notaireachd ma thogras iad!) Ann an ùine ghoirid bidh thu air chomas puirt shìmplidh a chluich.

• Tha an dòigh anns a bheil an cliath-notaireachd àbhaisteach agus an clàr-notaireachd (leis na h-àireamhan) air an cur taobh ri taobh ga dhèanamh furasta an ceòl a thogail na bhìdeagan beaga. Tha gach loidhne air a dealbh gu cùramach gus gun gabh i a leughadh agus a h-ionnsachadh mar earrainn. Tha na fuinn air an taghadh is air an cur an òrdugh gu cùramach cuideachd gus gum bi an cùrsa a' fàs nas dorra beag air bheag. Mar sin, tha e air a mholadh gun obraich thu tron leabhar duilleag air dhuilleig.

Ma chumas tu ris agus ma bhios tu a' cluich gu cunbhalach, bidh thu air chomas stoidhle sam bith de cheòl a chluich.

 

Chan fheum thu càil ach. . .

• beagan tìde gach latha, agus mòran sunnd airson cluich . . .
• a bhith air chomas cunntas gu 6 . . .
• 6 meuran (3 air gach làimh) . . .
• a bhith air chomas anail a thoirt a-steach agus a leigeil a-mach!


Tòisich leis an fhìdeig d

'S i an fhìdeag D as trice a bhios daoine a' cluich. Leugh romhad agus tuigidh tu carson.

An dòchas gun còrd e riut!


Fran Gray




Image An Fhìdeag

PDF 12MB