Leabhraichean
Gheibhear an cois seo copaidhean de ghoireasan a chuireas taic ri obair pròiseact an Dàrna Cogaidh. Tha na leabhraichean air am meas freagarrach do chlasaichean 4-7.
Seallaidh an ceangal a tha eadar an dà leabhar dha na sgoilearan a’ bhuaidh a bh’ aig a’ chogadh air aon teaghlach.
![dochas-an-t-samhraidh Dòchas an t-Samhraidh](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/uploads/2018/05/dochas-an-t-samhraidh.jpg?lossy=0&strip=1&webp=1)
Dòchas an t-Samhraidh
Tha Dòchas an t-Samhraidh stèidhte air a’ chàirdeas a tha a’ fàs eadar dà cho-ogha ’s uamhasan a’ chogaidh air an dithis a thoirt còmhla air eilean beag, sàmhach.
![Icon](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/plugins/download-manager/assets/file-type-icons/docx.png?lossy=0&strip=1&webp=1)
![Icon](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/plugins/download-manager/assets/file-type-icons/docx.png?lossy=0&strip=1&webp=1)
![Icon](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/plugins/download-manager/assets/file-type-icons/pdf.png?lossy=0&strip=1&webp=1)
![leabhar-latha-chaluim Leabhar-Latha Chaluim](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/uploads/2018/05/leabhar-latha-chaluim.jpg?lossy=0&strip=1&webp=1)
Leabhar-latha Chaluim
Tha Leabhar-latha Chaluim ag innse mun àm a theich dithis shaighdearan bho na feachdan Gearm ailteach an dèidh dhaibh a bhith air an cur an grèim ann an Saint Valery En Caux. Sgeulachd phearsanta a tha a’ toirt sealladh air na cothroman a ghabh iad agus na cunnartan a thàinig nan lùib ’s iad a’ dèanamh air an dachaigh.
![Icon](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/plugins/download-manager/assets/file-type-icons/pdf.png?lossy=0&strip=1&webp=1)
![fogarrach-an-darna-cogaidh Beatha làitheil - Fògarrach an Dàrna Cogaidh](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/uploads/2018/05/fogarrach-an-darna-cogaidh.jpg?lossy=0&strip=1&webp=1)
Fògarrach
Bheir Beatha Làitheil Fògarrach an Dàrna Cogaidh beachd air cò ris a bha e coltach do chloinn nam mòr-bhailtean an dachaighean fhàgail gus faighinn air falbh bho chunnart bhomaichean nan Gearmailteaich. Beatha ùr air an dùthaich a bha na dhùbhlan mòr do chuid.
![Icon](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/plugins/download-manager/assets/file-type-icons/pdf.png?lossy=0&strip=1&webp=1)
Tha sinn gu mòr an dòchas gun còrd na goireasan ùr ri na sgoilearan agaibh agus gum brosnaich iad clann gu bhith a’ leughadh theacsaichean ficsean agus neo-fhicsean mu chuspair eachdraidheil.
Tha Stòrlann a’ cur fàilte air beachdan bho luchd-teagaisg agus sgoilearan. Cuiribh thugainn ur beachdan air na leabhraichean ùra seo air oifis@storlann.co.uk no air 01851 700 880.
![EVAC cod liver oil2 EVAC cod liver oil2](https://b2502904.smushcdn.com/2502904/wp-content/uploads/2018/05/EVAC-cod-liver-oil2.png?lossy=0&strip=1&webp=1)