Stòrlann Logo
content

Stiùireadh air clàran a gheibhear
air Tobar an Dualchais

(www.tobarandualchais.co.uk)

Le còrr is 33,000 clàr air-loidhne (21,705 dhiubh anns a’ Ghàidhlig) air iomadach cuspair co-cheangailte ri dualchas na h-Alba, ’s e goireas air leth a th’ ann an Tobar an Dualchais a dh’fhaodadh a bhith feumail aig diofar ìrean den sgoil. Tha na clàran, a chaidh a thogail bho na 1930an gu 2005, a’ tighinn à trì cruinneachaidhean: Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann); Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Alba. Nam measg tha sgeulachdan, òrain, ceòl, bàrdachd agus fiosrachadh de gach seòrsa.

A bharrachd air a bhith toirt chothroman do sgoilearan a bhith ag èisteachd ri deagh Ghàidhlig ann an diofar dhualchainntean, tha beairteas de dh’fhiosrachadh ri fhaighinn air an làraich agus ’s e dòigh mhath a th’ ann airson sgilean rannsachaidh a thogail agus a leudachadh.

Air sgàth ’s gu bheil uimhir air an làrach-lìn, ge-tà, tha e a’ cosg ùine do thidsearan clàran a lorg a tha freagarrach a thaobh cuspair, ìre cànain, aois a’ chlas agus mar sin air adhart agus tha seo uaireannan a’ cur bacadh air tidsearan, a tha gu math trang, bho bhith ga chleachdadh. ’S ann airson an suidheachadh sin a leasachadh a chaidh an earrann seo a dheasachadh, le taghadh de chlàran air diofar chuspairean agus aig diofar ìrean den bhun-sgoil agus àrd-sgoil. Chaidh na cuspairean a thaghadh às dèidh còmhraidhean ri tidsearan.

Bho na liostaichean gu h-ìosal chan eil agaibh ach cliogadh air ceangal airson faighinn dìreach a-steach gu Tobar an Dualchais agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn air clàr. Faodaidh sibh an uair sin èisteachd ris a’ chlàr a tha a dhìth. Tha faclan an seo cuideachd airson rannan na cloinne bige. (Gheibhear iad seo cuideachd aig http://www.gaelic4parents.com/0-3-years/listen-and-sing).

Chan eil an seo an toiseach tòiseachaidh. Bhiodh e math ur beachdan fhaighinn air na clàran a chaidh a chomharrachadh an seo agus cuideachd molaidhean fhaighinn air cuspairean eile a bhiodh feumail dhuibh. Faodaidh sibh fios a chur thugainn aig dualchas@smo.uhi.ac.uk

Tha sinn an dòchas gum bi seo na chuideachadh do thidsearan le bhith a’ chleachdadh Tobar an Dualchais agus le bhith a’ cur nan clàran prìseil seo gu deagh fheum.

Chaidh na clàran a thaghadh le Iseabail T. NicDhòmhnaill le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.



A’ Chiad Chogadh
1914 - 1918

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean)

Rinneadh iomadh òran ri linn a’ Chogaidh Mhòir.

Cluinnear an t-òran seo air iomadh clàradh eile. Nam measg tha na clàraidhean a leanas:

Cluinnear dreach eile den òran seo air:


Chaidh diofar òrain a dhèanamh mu Chall na h-Iolaire, tubaist uabhasach a thachair ann an 1919, nuair a chaidh còrr is 200 duine a bha tilleadh bhon Chogadh a bhàthadh aig Biastan Thuilm, taobh a-muigh Steòrnabhaigh. Seo beagan eisimpleirean:


Cluinnear an t-òran seo cuideachd air a’ chlàr seo a chaidh dhèanamh ann an 1947:


A' Chiad Chogadh

An Dàrna Cogadh
1939-45

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean)

* Gheibhear clàradh eile den òran seo aig:


2a – Saighdear a bh’ anns an Dara Cogadh a’ bruidhinn

2b – Prìosanaich anns a’ Ghearmailt anns an Dara Cogadh

2c – Turas gu campa phrìosanach Dachau sa Ghearmailt


An Dàrna Cogadh Pròiseact an Dàrna Cogadh


Làithean, Fèilltean is Aimsirean

(Freagarrach airson ceann-shuas na bun-sgoile agus àrd-sgoiltean)


Làithean, fèilltean is aimsirean

Caistealan is Cinnidhean

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean)

 

** Airson sgeulachdan eile mu Ormacleit agus Mac ’ic Ailein faic cuideachd


* Gheibhear an sgeulachd seo cuideachd aig:



Caistealan is Cinnidhean

Caistealan is Cinnidhean

(Freagarrach airson bun-sgoiltean:
P4 agus nas àirde)


* Airson dreachan eile den òran seo, faic cuideachd



Caistealan is Cinnidhean

Fuadaichean agus Eilthireachd

(Freagarrach airson àrd-sgoiltean: Gàidhlig agus Cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig – Eachdraidh, Ceòl, Cruinn-Eòlas)


** Gheibhear an t-òran seo cuideachd aig:



** Gheibhear dreach eile den òran seo aig:


** Gheibhear an t-òran seo cuideachd aig:



  • Tiotal a' Chlàir - A' cuimhneachadh air an fheadhainn a dh'fhàg Mùideart agus Uibhist a Deas (Prògram Choinnich)
    http://tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/9188/1
    Àite a' Chuspair: Uibhist a Deas agus Mùideart/ Eilean a’ Phrionnsa (Canada)

** Gheibhear an sgeulachd seo cuideachd aig:



Fuadaichean agus Eilthireachd

Eòin is Ainmhidhean

(Freagarrach airson bun-sgoiltean)

Coin is cuileanan Radainn is luchainn Cait Eich
Gobhair agus caoraich Crodh Eoin
An fhitheach An eala
Am madadh-ruadh agus am madadh-allaidh

**Gheibhear an sgeulachd seo cuideachd aig:


Ròin Coin Eile

Eòin is ainmhidhean

Rannan na Cloinne Bige

(Òrain airson Sgoiltean-àraich
is Clas 1-3 sa Bhun-sgoil)