Tha ’s urrainn, an urrainn, chan urrainn air an cleachdadh leis na pàtrain a leanas airson innse gu bheil e comasach do neach rud àraidh a dhèanamh:
[Chan eil na faclan gnìomh (fighe) ag atharrachadh nuair a tha iad leotha fhèin, ach a-mhàin dol is tighinn: Chan urrainn dhomh a dhol ann, Chan urrainn dhomh tighinn/a thighinn.
Nuair a tha facal mar cèicean leis, tha a a’ tighinn ron fhacal gnìomh agus tha an toiseach aige ag atharrachadh. Chan eil a air a shealltainn ro f + a, e, i, o, u no ro a, e, i, o, u agus tha litrichean nach atharraich (ann an sgrìobhadh): l, n, r, sg, sm, sp, st.
Tha na faclan a leanas gan cleachdadh sa phàtran ’S urrainn dhomh am faicinn: mo (m’ ro f + a, e, i, o, u no a, e, i, o, u), do/d’, a (e), a/a h- (i), ar, ur (ar n-/ur n- ro a, e, i, o, u), an/am (iad).]
Tha am pàtran seo cuideachd air a chleachdadh le grunn abairtean eile, nam measg:
[Nuair a tha facal leis an alt (an/am, a’, an t-) air a chleachdadh le abairtean a’ crìochnachadh le ri, tha am facal agus an t-alt uaireannan ag atharrachadh: Tha mi ag iarraidh am balach fhaicinn ach Dh’fheuch mi ris a' bhalach fhaicinn.]
Tha gun air a chleachdadh airson innse mu rudan nach urrainn neach a dheanamh no nach eilear ag iarraidh tachairt:
Tha a bhith air a chleachdadh airson innse mu staid no mu rudan a tha a’ tachairt tric:
Faodar b’ urrainn, am b’ urrainn, cha b’ urrainn a chleachdadh airson an àm ron a seo: