Rudan as urrainn dhut a dhèanamh (agus a leithid sin)
Home » Clàr-amais » Rudan as urrainn dhut a dhèanamh (agus a leithid sin)
Aithghearrachd
Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu rudan as urrainn dhut a dhèanamh
‘S urrainn dhomh dràibheadh.
- Chan urrainn dhomh càil fhaicinn.
- An urrainn dhan bhalach do chuideachadh?
- Chan urrainn dhomh gun gàire a dhèanamh.
- Feumaidh sinn a bhith a’ dol ann nas trice.
- B’ urrainn dhomh ruith glè luath nuair a bha mi òg.
Gabhaidh sin dèanamh (etc).
- Chan fhaic mi am bòrd-dubh gun ghlainnichean.
- Bha e doirbh ach chaidh againn air a’ bheinn a shreap.
© 2012 Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig