Close

Not a member yet? Register now and get started.

lock and key

Sign in to your account.

Account Login

Forgot your password?

Agam, annam, asam, bhuam

Mìneachadh

Tha na faclan à, aig, air, bho/o, de, do, eadar, gu, le, mu, ri, ro, tro a’ dol còmhla ri mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad gus faclan ùra a chruthachadh, mar a leanas:

  • à      asam
  • aig      agam
  • air      orm
  • bho/o      bhuam/uam
  • de     dhìom
  • do      dhomh
  • eadar      eadarainn
  • gu      thugam
  • le      leam
  • mu      umam
  • ri       rium
  • ro      romham
  • tro       tromham

Mar eisimpleir:

  • Tha fhios agam.
  • Tha còta orm.
  • Thoir sin dhomh.
  • Chuir mi dhìom mo chòta.

Tha na riochdan a leanas de asam, agam, orm agus an leithid air an cleachdadh airson cuideam a chur orra:

  • agamsa (mi), agadsa (thu), aigesan (e), aicese (i), againne (sinn), agaibhse (sibh), acasan (iad).

 

Print Friendly