Tha riochdan àraidh ann de fhaclan leithid beag, blàth, math a tha air an cleachdadh airson rudan no daoine a choimeas ri chèile:
Nuair a tha coimeas dìreach air a dhèanamh eadar rudan, ann an seantans a’ tòiseachadh le tha, a bheil, chan eil, tha am pàtran a leanas air a chleachdadh:
[Uaireannan chan eil an dara rud air ainmeachadh: Tha i nas blàithe a-nise (na bha i).]
Faodar cuideachd rudan a choimeas a’ cleachdadh ’s e agus am pàtran a leanas:
Faodar am pàtran seo a chleachdadh airson rud (no neach) a choimeas ri aon rud eile no ri grunn rudan:
[Anns a’ Bheurla tha better air a chleachdadh airson dà rud agus best airson barrachd air a dhà ach chan eil nas fheàrr agus as fheàrr ag obrachadh mar sin sa Ghàidhlig.]
[Uaireannan gheibhear ’s i an àite ’s e: ’S i Mairi as luaithe. Uaireananan gheibhear an riochd seo le mi, thu/tu: ’S mise as luaithe, ’S tusa as fheàrr.]
Tha na bu/na b’ agus a bu/a b’ air an cleachdadh uaireannan mun àm a chaidh seachad:
Faodar as fheàrr, a b’ fheàrr a chleachdadh co-cheangailte ri facal mar a leanas: