Close

Not a member yet? Register now and get started.

lock and key

Sign in to your account.

Account Login

Forgot your password?

Balach beag, nighean mhòr

Mìneachadh

Tha na faclan beag, mòr, math, dona, dubh, geal, luath, mall agus an leithid air an cleachdadh airson innse cò ris a tha rud no neach coltach.

Nuair a tha iad ‘ceangailte’ ri facal eile, ann an seantans a tha mu dheidhinn rudeigin eile, tha na faclan seo ag atharrachadh a rèir an e facal fireannta no boireannta leis a bheil iad a’ dol no a bheil còrr is aon ann dhen rud:

  • Tha balach beag aig an doras. (fireannta)
  • Tha caileag bheag còmhla ris. (boireannta)
  • Tha uinneagan mòra air an taigh sin. (còrr is aon)
  • Tha leabhraichean matha anns an leabharlann.
  • Tha balaich mhòra a’ cluiche san sgioba sin.
  • Tha trì cait gheala againn.

[Chan eil toiseach an fhacail ag atharrachadh nuair is e –an no –ichean a tha a’ sealltainn gu bheil còrr is aon ann ach tha leis a’ phàtran: balach > balaich, cat > cait. Chan eil –a a’ dol aig deireadh fhaclan fada mar laghach no gòrach: piseagan laghach.]

Ma tha leithid aig, air, anns, ris, don air an cleachdadh leis a’ phrìomh fhacal (balach, bùth), tha an toiseach aig beag, mòr, math ag atharrachadh mar a leanas:

  • leis a’ bhalach bheag (fireannta)
  • anns a’ bhùth mhòir (boireannta).

 [Ie, tha toiseach fhaclan mar beag, mòr ag atharrachadh le faclan boireannta agus fireannta ach chan eil an deireadh ag atharrachadh ach a-mhàin le faclan boireannta.]

Ma tha facal eile no abairt mar ri taobh no a’ lorg a’ tighinn ron phrìomh fhacal (cat, seacaid), tha toiseach agus deireadh beag, caol, geal ag atharrachadh mar a leanas:

  • earball a’ chait chaoil (fireannta),
  • a’ glanadh na seacaid ghil no a’ glanadh na seacaide gile (boireannta).

 [Anns an eisimpleir mu dheireadh, ’s e na seacaid ghil an riochd as cumanta san latha an-diugh ach chithear agus cluinnear an riochd traidiseanta na seacaide gile fhathast cuideachd. Tha an ea ann an geal ag atharrachadh gu i ann an ghil/gile.]

Print Friendly